[351]

Sean Eòlas-Luibh

(20) AN DRIS NO AN MEUR

Le ALASDAIR MACILLEMHAOIL

CHUIREADH na sean Ghaidheil an dris gu iomadh feum, agus far nach robh i afàs gu dùthchasach bha i air a toirt a-steach. Bha na smeuragan feumail mar bhiadh, sùgh na duilleige mar ìocshlainte agus am freumh mar dhath. Tha e air innseadh gu robh an soisgeulaiche ainmeil Iain Weslaidh atighinn beò gu minic air na smeuragan nuair a bha e asearmonachadh saChòrnghall a-measg nam bochd. “ ’Se tha so,” ars esan, “deagh àite gus do chàil a gheurachadh, ach droch àite a thaobh bìdh.”

Am barail cuid, sna linntean a dhfhalbh, thruailleadh na sìdhichean an dris air Latha Fhéill Mìcheil, agus air Oidhche Shamhna. A rithis, is fuathach leis an deamhan an dris on àm san dug an t-àrd-aingeal, Mìcheal, buaidh air. A riamh on uairsin cha chinn meas air aphreas gun tig Latha Fhéill Mìcheil. Air Latha Fhéill Shìmoin28mh den Dàmhairbuailidh an deamhan an talamh mu thimcheall aphris, agus dearcag cha tig air tuilleadh abhliadhna sin. Faodaidh e bhith gu bheil na creudan faoin so ceangailte ris abheachd gur e crùn dris a chuairtich ceann an t-Slànuighear ri àm a cheusaidh.

Than dris air a h-ainmeachadh gu tric ann a sgrìobhaidheans seanfhacail a bhuineas do ar daoine: “Am fear a theid san droighinn dhomh, theid mi san dris da,” agus a rithis, “Ge milis amhil, , a dhimlicheadh bhàrr na dris i?”

titleSean Eòlas Luibh
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Alasdair Mac’IlleMhaoil in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page