An T-astar a Theid Ron
bho Dhòmhnall Iain MacDhòmhnaill (Uibhist-a- deas)
BHA peata ròin aig Mac ’ic Ailein ann an Ormicleit an Uibhist-a- deas uair air choreigin o chionn fada. Cha robh latha nach falbhadh a ròn a dh’ iasgach agus thilleadh e dhachaidh a h-uile feasgar, agus cha robh duine sam bith a shaoileadh gun deach e na b’ fhaide air falbh na an cladach bu ghiorra dha mu chuairt Rubha Aird Mhìcheil.
Ach gu dé a thachair ach aon fheasgar a bha so, cha do thill a ròn dhachaidh idir mar a b’ àbhaist dha. Chuir so iongnadh agus cùram gu leòr air Mac ’ic Ailein, o chionn thuig e gu robh rudeigin ceàrr, ach cha b’ urrainn dha dad a dheanamh. Ach a là-rne-mhàireach thill a ròn, agus chunnaic Mac ’ic Ailein gu robh gath anns a’ chliathaich aige. Thug e an gath á cliathaich a ròin, agus mhothaich e gu robh ceann airgid air a’ ghath, agus litrichean sgrìobhte ann. Chroch e an gath air staing ann an uachdar an tighe nuair a chunnaic e gur e fear fiachar a bh’ ann, ach chailleadh an ròn goirid an déidh so ri linn a leòin a chaidh a dheanamh air.
Chaidh ùine seachad, agus gu dé a thachair ach gun tàinig soitheach a-stigh do Loch Aoineart, agus thainig Maighstir an t-soithich, agus duine no dithis dha na bh’ air bòrd còmhla ris, a choimhead air Mac ’ic Ailein, gu ruig Ormicleit. Chaidh an cur a dh’ uachdar an tighe, agus mar a bha nàdurra, chaidh biadh is deoch a thoirt dhaibh ann. Cha robh iad fada a-stigh nuair a dh’ fhoighneachd Maighstir an t-soithich do Mhac ’ic Ailein mu’n ghath a bha crochte air an staing.
“Gu dé an dòigh,” ars esan “air an tainig an gath sònraichte so ’nad lùib-sa?”
Dh’ innis Mac ’ic Ailein dha facal air an fhacal mar a thachair, ’s mar a thainig a ròn dhachaidh ’s an gath ’na chliathaich. Shìn e an uair sin an gath do Mhaighstir an t-soithich, agus dh’ fheuch esan e.
“An dà,” ars esan an uair sin ri Mac ’ic Ailein, ’se an t-ainm agamsa a tha an so air a’ ghath, agus ’sann air Uisge na Bòinneadh ann an Eirinn a loisg mi air a ròn.”
Tha an sgeul sin a’ toirt fradharc dhuinn air an astar a ni ròn ann an ùine ghoirid.
title | An t-Astar a théid ròn |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill in Gairm 40 %p |
parent text | Gairm 40 |