An Sgeilp Leabhraichean
Scottish Studies, Leabhar 6, Earrann 1(1962)
’Sann a’ sìor dhol nas fheàrr a tha an leabhran so, co-dhiùbh anns an t-seagh so: tha a’ Ghàidhlig anns a’ Ghaidhealtachd a’ faighinn lamh an uachdar aig a’ Bheurla ’s air a’ Ghalldachd. Tha e nàdurrach gun tachradh so far a bheil cothrom na Féinne air a thoirt do gach cuspair, oir tha dìleab air na Gaidheil a tha gu mór nas luachmhoire agus nas suilbhire na th’ aig na Goill. Cha do choisinn sin beairteas no sògh saoghalta dhaibh: bu neònach nan coisneadh. Is math nach eil aire a h-uile duine air obair bhancannan is àireach mhuc, ged is feumail na rudan sin.
Anns an àireamh so tha R. L. C. Lorimer a’ strì ri ciall a thoirt ás na sgrìobh Iòsaibh MacDhòmhnaill, mac ministear Dhùirinis ann an Cataibh, mu ’n cheòl-mór, o chionn dà cheud bliadhna. ’Sann am Beurla a sgrìobh an Dòmhnallach, agus tha fhios gur h-i a’ Ghàidhlig a bh’ aig na pìobairean an uair sin. Dh’ fhàg sin bacach, ciorramach am mìneachadh a rinn e, agus cha bheag an obair e brìgh a thoirt ás. Tha mi ’n dùil gun deach Lorimer ris an obair gu math, agus gu bheil e nise soilleir dé bha ’n Dòmhnallach a’ ciallachadh nuair a thuirt e: “their Adagios (is e sin, na h-ùrlair) when regular commonly consisted of 4 Quarters” agus“the ordinar length of a Pipe Adagio is 16 Fingers . . . . . 4 in each Quarter. ”Tha Lorimer a’ gealltainn tuilleadh a thoirt dhuinn mu ’n chuspair so, agus tha sinn an dòchas gun tarraing e aire luchd-ciùil eile, oir tha e nàr gum biodh luchd-ciùil na h-Alba cho aineolach mu ’n cheòl mhór so—ceòl cho mór ’s a bha againn an Albainn riamh.
Tha iomadach cuspair eile air a thogail anns an àireamh so, ged nach leig giorrad na duilleig so leinn móran a ràdh mu ’n timcheall an turus so. Tha Seumas Ros a’ sgrìobhadh mu Ghàidhlig Ghlinn Dail san Eilean Sgitheanach, agus tha cunntas aig a chéile, Anna Ros, mu thobraichean coisrigte thall ’s a-bhos air feadh Bhreatainn. Tha dà òran ghoirid ann le Donnchadh Bàn air nach robh sgeul againn roimhe, is Iain MacAonghais a’ beachdachadh orra. Tha cunntas againn, le Brian Megaw, air tighean-réisg an Siorrachd Pheairt; iomradh air cuid de na farainmean a th’ air na ceàirdean; sgrùdaidhean air leabhraichean is rudan taitneach eile.
R. McT.
title | 1 |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 40 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |