[378]

Bàrdachd Mhurchaidh aCheisdeir.” Clo-bhuailte le John Grant, 31George IV Bridge, Edinburgh,1. (7/6) .

An-uair a bha mina mo bhalach, bhiodh muinntir nan comanachaidhean acromadh air tigh mo sheanar agusgam bualadh fodhpa bho mhadainn Di-ardaoin gu madainn Di-màirt. Ach a mhàin cho fads a bha h-altachaidhean aig na bodaichan dara fear na bfhaide nam fear eile, ’s an t-iadach adeanamh an treabhaidhbu toigh leam fhéin àm achomanachaidh glan. Agus bu toigh leam gu h-àraidh na coinneamhan-ùrnuigh a bhiodh aig na h-aoidhean anmoch feasgar an déidh nan seirbhisean, rudeigin coltach ri céilidhean aMhòid, an-uair a thigeadh An Taobh Beags An Taobh Mór còmhla, mar nach tainig na h-Iùdhaichs na Samaratanaich riamh, agus a bheireadh iad sgal air laoidhean Mhurchaidh aCheisdeir.

O éisd, anam, éisd, gabh an cuireadh tha o Nèamh
S na bi fuireachnad reubal an Sòdom;
Thig fo chrathadh fuil na réitann an sealladh achruinn-chéusaidh,
S bi sagartachd Mhic Dhé dhuit mar dhòchas.”

Bhon a bha mi rudeigin lapach anns aBheurla, bha mi seulaichte gu robh iad aseinn eadar-theangachadh Gàidhlige den òran a bha aig Harry Lauder air gramofon mathar, ach tha fiosam a nise nach do rinn Murchadh aCheisdeir ach fonnLoch lomonda chur gu ìre na bfheàrr. Bu toigh leam cuideachdAirc aCoimh-


[379] cheangailoir bhiodh i atogailnam inntinn òig dealbh airmotorboatamhinisteir, anns am bithinn afaighinn trup uair sabhliadhna còmhla ri mo sheanair an-uair a bhiodh e fhéins na h-eildearan adol a rùsgadh caoraich amhansa air na h-Eileanan Móra . . . .

“ ’S a dhaindheoin cho àrds a théid bàrcadh nan tonn
Than àirc os an cionn an còmhnaidh.”

Chan fhaca mi na laoidhean sin ann an clò riamh gus an tàinig thugam, an roimhe, leabhar grinn air am bheil mar ainmBàrdachd Mhurchaidh aCheisdeir.” Leabhar anabarrach tlachdmhor, air a chur ra chéile le dithis iriosal nach eilgan ainmeachadh fhéin ach marA.D. ” agusJ.M. D.” Tha iad afàgail na glòrach aig Murchadh aCheisdeir mar bu chòir.

Tha an leabharna cheithir roinnean. Roimh-ràdh, Orain, Laoidhean, agus Orain Eile. Anns an Roimh-ràdh tha cùnntas shìmplidh ghasda air abhàrd agus air a bheatha. Am measg nan òran thaEilean aFhraoichagusTha mo cheisd an nighean donn.” Am measg nan laoidhean tha na dhà leis an do thòisich mi.

Am measg nan òran eile thaIonndrainn air an Urramach Domhnall Moireachagus puirt chloinne bige. Eatorras iad tha na ceithir roinnean anochdadh ceithir taobhannan de Mhurchadh aCheisdeir ach adearbhadh gu robh e rud sam bith achsgueatharanns an t-seagh sam bi na h-Amaireaganaich acleachdadh an fhacail Bheurla bhon tàinig am facal Gàidhlig bho thùs!

Chan eil an leabhar acosg ach seachd is sia sgillinn, agus tha miga mholadh agusga fhaochnadh oirbh. Tha e math.

F. McD.

title2
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 40 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page