[311]

Dean Seanchas Air Bearnaraigh

PEIGI NICILLEMHOIRE

AM Barra-glom an liteachain, an Circebost an làghain, ’s an t-Hàcleit nam bonnach móra.”

Cluinnear na facail sin tric ann am Beàrnaraigh, ach tha ceithir bailtean eile annCrodhair, Tòbsunn, Bhalasaigh agus Breacleit. Is e Breacleit àrd-bhaile an eilein, oirsann an sin a tha an sgoil, Oifis aPhuist, agus eaglais.

Iomadh bliadhna air ais bha eaglais ann an Circebost agus carson nach bitheadh? Tha an t-ainm aciallachadh Baile na h-Eaglaise agus ged nach eil adhradh anns an eaglais sin an diugh bha latha eile aig fear na mòna. Tha ballachan na h-eaglaise a tha air an togail de ulpagan móra, ’nan seasamh fhathast, agus tha iad furasda am faicinn air tulach uaine os cionn na mara, aig ceann a deas abhaile. Is e fear de shinnsearan Dhòmhnaill MhicAmhlaidh a bhios asgrìobhadh ann an Gairm aon de na clachairean a thog an eaglais.

Glé fhaisg air an eaglais bha tigh-steallaidh, far an robhas adeanamh uisge-beatha a bha cho cumhachdachs gur gann a bha gloine dheth sìos air uglaichean duine an uair a bhiodh e adol timcheall mar chaora leis an tuathallan.

Beagan shlatan bhon tigh-steallaidh bha ceàrdach. Bha gobha an déidh gobhainn atighinn, ach cha robh iad afuireach fada oir bha bàs aithghearr acur ás dhaibh uile. Cha robh sin idir cho iongantach oir be an aon bhean a bha aca uile. Cha robh ann am bean aghobhainn ach tomaraid bho Phiullaidh, gun chogais, gun nàire, le teanga cho geur ri deamhais air a h-ùr ghleusadh, a chuir an eitigna dòigh shlìogach fhéin anns achiad triùir aig an robh i pòsda. Bha an ceathramh fear-posdana ghille-mo-ghnothaich na bfheàrr na bha i fhéin. Rinn esan achùis oirre. Thug e oirre suidhe air an innean theth, agus fhuair i losgadh nach deach i os cionn.

Eadar eaglais, tigh-steallaidh, agus ceàrdach cha biongnadh ged a bha muinntir Chalanais air achléibeadaich ag iarraidh a-null a Bheàrnaraigh a h-uile latha bha coinneamh anns an eaglais. Air Di-Sathuirne, cho luaths a bha càinealachadh an latha ann, bha clann-nighean Bheàrnaraigh air an casan acoimhead a-mach ach an coltas a bhair:

Seall a-mach eil frasan ann,
Seall a-mach a bheil e fuar
S mo luaidh atighinn á Calanais.

Air feasgar Di-Sathuirne, an déidh iad fhéin a spleocaigeadh (no sprocaigeadh!) bha gillean Chalanais aig a robh carabhaidhean ann am Beàmaraigh agabhail an aiseig.

Bhiodh biadh deiseil aig achlann-nighean dhaibh. Cha bu mhiarraidean balaich Chalanais idir, agus bu dheagh chaomh leotha biadh math a chuireadh smior-cailleachnan cnàmhan-droma. Dhitheadh iad a leòr den t-suagaraid de mhin-eòma agus geir, a bha air a bhith


[312] abruich ann an clùd ann am poit le bùrn goileach an taic an teine airson sia uairean a thìde. Mar a bfhaide bhiodh an t-suagaraid abruichsann a bfheàrr a bhiodh i. An déidh am bìdh a ghabhail bha an eilleabanachd agus an spliutradh atòiseachadh. Cha bfhada gus am faigheadh na balaich cuireadh airson an oidhche a chur seachad fo chabraichean-sùithe chuideigin.

Air madainn na Sàbaid bha bodaich Chalanais agus an cuid mhnathan agabhail an aiseig chon na h-eaglaise. Bhàtar afàgail na cloinne aig an tigh, ach cha bann gun rabhadh mu Dhi-luain abhreabain.

Cha bann falamh a bha bodaich Chalanais atighinn ach le spliuchain làn thombaca. ’Sann dhaibh a bfhiach tighinn, oir ged a bhiodh an suidheachan cruaidh agus an t-searmoin tioram, bu shuarach aca oir bha duais mhath afeitheamh orra. An uair a sgaoileadh an eaglais bha adharc le uisge-beatha afeitheamh air a h-uile mac màthar a bha comasach air suap a dheanamh le tombaca. Chaidh sin air adhart airson iomadh bliadhna, ach chaidh an ceòl air feadh na fìdhle buileach nuair a thàinig Maighstir Uisdeanna mhinistear do Sgìre Uige. Gedsann an Uig a bha Mgr. Uisdean afuireach bha aige ri cumail coinneimh, air acheathramh Sàbaid den h-uile mìos, ann an eaglais Chirceboist.

Is e sabardach de dhuine mór a bha anns amhinistear, agus cha robh ena dhroch fhear-teagaisg idir. Bheireadh e bragadaich gu leòr air achùbaid, agus cha robh càil a dhìth cur-a- mach airshearmonaicheadh e airson uair a thìde gun iaradh a dhol air a theanga. Bha e glé fhurasda eòlas a chur air, mar a fhuair an sgioba a bhiodh atoirt an aiseig dha a-mach. Achiad dhroch latha a thuit orra, eadar gaoth mhór agus droch mhuir, bha an sgiobadh air an clàbhadh leis an fhuachd, ach cha robh iad fada air falbh bho thìr an uair a chaidh Mgr. Uisdean air a ghorra-cnamhs dhfhosgail e achiad bhotal. Chùm Mgr. Uisdean botal air abhotal riutha gus an do ràinig iad Uig, agus drama mar a gheibheadh an sgiobadh theireadh fear thall agus a-bhos, be thu fhéin am ministear.” Na creidibh gun do dhfhàg Mgr. Uisdean e fhéin falamh.

Latha eile ann am meadhon an t-searmoin chualas fuaim neo-àbhaisteach atighinn bho thaobh na mara. Dhiarr Mgr. Uisdean air fear de na bodaich a dhol a-mach a shealltainn a bha ceàrr. Thàinig fios a-steach gu robh na mucan biorach adol seachad. Thug Mgr. Uisdean aon shùrdag chon an doruis ag éigheachdA-mach leibh, gheibh sibh searmoin latha sam bith ach chan ann a h-uile latha a gheibh sibh mucan biorach.” Chaidh a h-uile càil bun-os-cionn. Bha achàparaid a lean na bu mhiosa na ged a bhiodh fhichead Alsatian ann a splogain a chéile ach aca a gheibheadh bìdeag de chaisean-uchd -bhliadhnach muilt.

Bha Mgr. Uisdean, mar a h-uile ministear eile, acumail searmoin baistidh an dràsda agus a rithist. Aon latha bha aige ri ochdnar chloinne a bhaisteadhseachdnar bhalach agus aon nighean. Bhaist e na balaich an toiseach, agus nuair a thainig e chon na h-ighinn thòisich e leTha migad bhaisteadh an ainm an Athar etc. ,” ach chrìochnaich e“ ’S cha bu dual dhut a bhith gun fhear.”


[313]

Tigh aChaolais

An ceann ùine chaidh Mgr. Uisdean agus cuid den t-sluagh a-mach air a chéile. Cha robh Mgr. Uisdean asmaoineachadh gu robh e afaighinn urram a dhreuchd. Is dòcha nach robh è. Cha do chùm e an comanachadh bho dhuine a riamh achse dithis dhaoine ann a Sgìre Uige a chunnaic an ath mhinistear freagarrach airson suidhe aig Bòrd an Tighearna. Biodh sin mar a bhitheas e. Is e their mise, gur h-iomadh oidhche chridheil a chaidh a chur seachad ann an iomadh tigh ag éisdeachd ri Tormod Dhaibhidh (nach maireann) adeanamh seanchas air Mgr. Uisdean.

Chan eil fhios agam càite an deach Mgr. Uisdean nuair a dhfhàg e Uig, ach thàtar ag ràdh gur h-ann ás an Eilean Sgitheanach a thàinig e. Thàtar cuideachd ag radh gu robh e glé chàirdeach do Choinneach Stiùbhard aig an robh tuathanachas Hàcleit. Tha làn fhios agam gun tainig Coinneach Stiubhard ás an Eilean Sgitheanach aig deireadh an ochdamh linne deug. Gu cinnteach thàinig fear de chàirdean còmhla ris, agusse ministear a bha ann dethan t-Urramach Uisdean MacLeòid. An e so Mgr. Uisdean?

Bha tigh Choinnich Stiùbhard ann an t-Hàcleit far a bheil tigh Sheòrais Chalum an Tàilleir an diugh. Bha Coinneachna thuathanach math agus phòs esan Màiri Nic aGhobhainn á Iarsiadair. Bha teaghlach mór aca, ach cha do dhfhuirich duine aca ann am Beàrnaraigh ach aon nighean dom bainm Catrìona. Be so Catrìona Stiùbhard a phòs Iain Dòmhnallach aChaolais. Bha so mu 1844. Thog Iain Dòmhnallach Tigh aChaolais ann an Crodhair mun do


[314] phòs e, oirsann aige a bha tuathanachas Chrodhair agus tuathanachas Bheàrnaraigh Bhig. ’Sann an Tigh aChaolais a thogadh a chuid cloinne, agussann an sin a chaochail e fhéin ann an 1880. Be Iain Dòmhnallach anKing of Borvaanns an leabharA Princess of Thule,agus be den chlann-nighean aige, ged nach robh gin aca air an robh Sheila, a tha dol fo ainmSheilaanns an leabhar.

Bha Uilleam Black a sgrìobh an leabhar afuireachd barrachd air aon uair ann an Tigh aChaolais. ’Sann mu 1870, trì bliadhna mun deach an leabhar a chlo-bhualadh, a thug e an sgrìob mu dheireadh ann. Bha e glé dhuilich faighinn don Chaolas, agus bha Uilleam Black fhéin ag ràdh gum bfhasa dha dhol guIceland . ’Sann airsonThule,” seann ainmIcelandagus ann baile gus an latha-an-diugh ann tha an leabhar air ainmeachadh. Is e Bòstadh a tha adol fo ainmBorvabostanns an leabhar. Bha Uilleam Black ann am Bòstadh iomadach uair. Bhiodh e adol an cois clann-nighean Iain Dòmhnallaich a-null a Bhòstadh a shealltainn air Aonghus Màiri agus air Aonghus Buidhe.

Tha Tigh aChaolaisna sheasamh fhathast glé choltach ris mar a bhà e bho chionn ceud bliadhnatha ena sheasamh aig beul Caolas Bheàrnaraigh Bhig ann an Crodhair, agus aig ceann an tighe tha rathad Bhòstaidh adol chon na làimh chlì. ’Sann le Iain MacIomhair (Iain Thormoid Bhig) a tha an tigh an diugh.

Chan eil duine de shìol Iain Dòmhnallaich agus Catrìona Stiùbhard ann an Leódhus an diugh ach theaghlach de iar-oghaicheanteaghlach ann an Circebost agus teaghlach ann an Càrlabhagh.

Tha Iain Domhnallach fhéin, a bhean, agus ceathrar den teaghlach air an tiodhlacadh anns an t-seapal ann an cladh Bheàrnaraigh Bhig. Tha an seann chladh so air creagan beaga os cionn na tràghad (Tràigh an Teampuill) far an robh Gealchos bho chionn iomadh bliadhna acruinneachadh shligean. Air leabaidh am bàis bha a h-uile duine de chlann Iain Dòmhnallaich agus Catrìona Stiùbhard ag iarraidh air ais do Thigh aChaolais far an do rugadhs an do thogadh iad. Mar sin, bho chionn trì bliadhna chaidh cuimhneachan airson an fheadhainn aca nach robh anns an t-seapal a chur air balla an t-seapail.

Bha aon fhear de na balaich ag iarraidh toll fhàgail ann am balla an t-seapail ach am biodh e acoimhead nan eathraichean adol seachad:

Ged nach eil mim Beàrnaraigh Bheag
Na creid nach eil e air mùidh,
Bfheàrr leam na maghaidh ri teachd
A bhith coimhead nan clach anns an Stùigh.

Sin agaibh deireadh na sgeòil. Cha bu chòir dhuinn diomoladh a dheanamh air Sgitheanach sam bith. Na dìochuimhnichibh cho gasdas a bha iad ris aPhrionnsa, agus nach do ghabh duine aca an t-slighe ghoirid shalach airson an airgid. Tha ciabhag bhuidhe aPhrionnsa agus seacaid-bheag Fhionnghail NicDhòmhnaill ri am faicinn fhathast ann am broinn seotal gloine ann an Caisteal Dhun-Bheagain. Nach eil sin fhéin asealltainn dhuinn cho dìleas agus a tha na Sgitheanaich?

titleDèan Seanchas air Beàrnaraigh
writersPeggy MacMillan
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Peigi Nic’IlleMhoire in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page