Cainnt Mo Dhaoine Fein (Sean Ghaidhlig Srath-Ghlais)
II
Le MAC O BEAN CHOINNICH
BHA fuaim v (Sasunnach) againn daonnan air bh agus mh an tòs focal, agus, mar bu mhince, an deireadh focal, ge tric leam cluinntinn là’w (làmh), re’w (reabh) etc. aig dream eile air feadh mo dhùthcha féin. Ach am meadhon focal, bha ar roghainn féin againn am b’e fuaim v no w (Sas.) a bha againn, gu sònraichte far am biodh consan eile ’gan leantainn. Theirimid ge’vranta no ge’wranta (geamhranta), savladh no sawladh (samhladh), savradh no sawradh (samhradh), ach camhanaich, deimhin etc. le fuaim v a mhàin. Chan e ew Sasunnach (iu Gàidhealach) no aw Sasunnach (o Gàidhealach) a chiallaichear uair sam bith, ach e agus a Gaidhealach agus w consanach. Cha b’e fuaim u a bha ann, ge beag an diùras, ach an consan sin w, an àit v, gun atharrachadh air an fhuaimear.
Theirte le cuid gur e fuaim w a gheibhear o b is m lag eu-dionach, ma tha buinte aig sin do an chùis.
Ràidhimid feva (feabha) agus fevas (feabhas). Chualas fe-was aig Garannaich; feowas aig Ear-Roisich. Bha am fuaim sin ow sga pailt aig Ear-Roisich is Fàn-Spéich agus aig cuid ’nam dhùthaich féin, far am bi bh agus mh sgrìobhta am meadhon focail. Chualas gow-ar air ‘gobhar,’ sow-al air ‘sobhal’ etc. agus chualas bow-ar air ‘bodhar’ ge dh e.
Cha robh fuaim w againn féin air dh no gh uair sam bith. Theirimid de’gh (deagh) le gh ’na thosd ma b’e consan a leanadh. Chualas de an Earra-Ghàidheal fa dheas, deó aig Muilich, agus deagh le comharda ri lagh, tagh etc. an Loch-Abar; de’w aig Garannaich, deow gu sear uainn, amhail gum b’e bh a bha ann. Theirimid fê’inn (feadhainn) agus chualas fe-winn agus feowinn gu h-amhlaidh. Cha b’e cur o an àit a a bha anns an t-seòl sin eow am focail d’an leithid, ach sgiuc eile air fuaimear e agus w consanach.
Mhothaicheadh aig cuid daoine, an cuid focal, sgiuc caran neònach (nach robh againn féin cuideachd) .i. fuaim w air ng; ge nach b’ann air ng féin a bha a samhail, ach air an gh do an tàinig an ng aca—mar so:
ceangail, ceaghail, ce-wail (ceabhail? ); ceaghail aig ministear Leódhusach; na ce’w- laichean no na ceow-laichean aig Ear-Roisich air na ceanglaichean air creat taighe.
Chualas Miu’laidh aig Barraich air ‘Miongulaidh,’ agus lo-w air ‘long’ aig Ear-Roisich, ge be ‘long’ le o dùinte agus ng trom a bha againne.
Theirimid duine, léine etc., le fuaim n coltach ri n Sasunnach. Chualas aig Siaraich (cuid diubh), agus aig Siar-Dheasaich an dàla so, fuaim air aon n mar sin (le fuaimeara caola) nach robh againn ach far an sgrìobhar nn (bainne, linne etc. ). Bu ionann diùras againn eadar duine is duinne agus eadar gile is gille.
Is e bha againn bochd, cleachd, riochd, etc. far an cluinnear bochg, cleachg, ruchg etc. aig sochaidh daoine an là an diu. Tha atharrais Sasunnach air na h-ainmean so Gaidhealach: Drumochter (Druim-uachdar), Daluchter (Dail-uachdar), Dalichter (Dail-iochdar) etc. a’ riochdachadh an fhuaim orra anns an fhìor-Ghàidhlig. Theirimid Mac Neach-dain (an Gàidhlig as sine—Neachtan, Nechtan, Nectan). Aig Abaraich is eile Machc Reachgainn a bha ro-gharbh d’ ar cluasa-ne.
An cuid focal, leig sinn ch uainn, agus an d sin a mhàin againn—casadaich (casachtach an Gàidhlig a bu shine), gàireadaich gu gàireachdaich (gàireachgaich—Leódhus is eile), sireadach air sireachdach (Sean G. sirechtach), daonnadach air daonnachdach.
Chualas eachdraidh aig ministearan Leódhusach agus Sgitheanach agus aig dream eile, ach chualas eachgraidh aig maighstir-sgoil Sgitheanach.
B’ e ràidhimid o, uam, uat etc. daonnan, agus cha b’ e bho, bhuam, bhuat etc. uair sam bith.
An cuid focal, gheibhear an diu o no a an àit a chéile. B’ fheàrr leinne o: folt, fola, folbh, doibh, bos etc. Theirear le cuid gur Eireannach o agus gur Albannach a. Chan eil fìrinn idir an sin ach propaganda o dhream aig am bheil a aca féin, oir bu mhó o na a aca an iomadh roinntir o Chataibh is Rinn-Chat gu ruig Cinn-tìre.
Ach bha sinne co déidheil air o is gu robh i againn far am bu chearta a a réir coslais: stoigh, foigh, mollachd, roineach etc. Theagamh gur e an a leathann a bha againn a bu choireach, air uairibh, do an taobh-san.
Tha tuilleadh mór de mhùthadh, air ceud litir nam focal, aig Siaraich an là an diu, a réir na chluinnear air chraol uatha, agus a chithear an clò aca, seach na bha againn.
Deisimireachd deth:—
Againn: Air dol dachaigh dà.
Aig Siaraich: Air dhà a dhol dhachaigh.
Againn: Is fada, is feàrr, nach foigh, nach faic nach faca.
Aig Siaraich: Is fhada, is fhearr, nach fhaigh, nach fheichc, nach fhachca.
Bu nòs duinn fathast, féin a ràdh gun mhùthadh air f, ge bha ar leòr chloistinn againn air fhathast, fhéin fhìn o dhream eile. Againn (tric): domh, dut, doibh etc.; Aig Siaraich: dhomh, dhuht, dhaibh. Is e fuaim g, is chan e gh, a bha againn anns an fhocal agus. Theireadh cuid dinn gum fuair, gum fuaras amhail a theirimid gun cuala, gum facas. Cha robh sin buileach coitcheann agus theirte gu robh tuilleadh deth gu tuath aig Cataich.
Bu tric leam saoilsinn gum bi dream, an là an diu, ag cur cuairt is cuairt air an tom le liuthad focal, far am biodh na seann daoine a’ dol colg-dhìreach gu buillsgean na cùise le teircead focal. Chualas tric o mhinistearan “an tri-u sala-am diac thairis eir a’ cheithir ficheat” far
Chualas, agus leughas, o Iarthirich san fhreac-uair, cleachd sga neònach, fo an bharail againne, air na focail “air son,” amhail gum b’ ionann iad agus “for” Sasunnach.
Againne: air a’ riochdachadh “for” (Sasunnach); air son “for good (of), for benefit (of) .”
son, sona, sonas—colg-dhìreach an aghaidh don, dona, donas.
Againne: air airgead “for cash” Aig Siaraich: air son airgid.
Bìoball: Reic iad am fìonlios air airgead.
Againne: Ce ghabhas tu air an each?
Siaraich: Dé tha thu ’g iarraidh air son an eich?
Nam biodh na focail air son an eich againn, is i “a chum stà an eich féin” a bu chiall doibh againn.
Chualas, no chunnacas, air son ’s gu bheil (thu leam a ghnàth—Salm 23). Cha ràidhimid a leithid ’nar béurla choitchinn ach ionnas gu bheil no a chionn gu bheil agus riana eile.
Ràidhimid. fa chùis na Gàidhlig no air fochar (fochann) na Gaidhlig: aig Siaraich, air son aobhar na Gàidhlig. Againn: air olcas; aca-san air son uilc, agus na focail son agus olc, olcas colg-dhìreach an aghaidh a chéile, .i. air son aca ge son ge don bhios ann. Chualas air chraol o Shiarach o chionn goirid, Am bheil (no a bheil) thu eir son bardachg. Is fìor ‘Glesca’ sin, aigWee MacGregor ’s a leithid: “A’m no fur it Maw.” Cha robh a shamhail againn (ach an àil leat no am miann leat no rudeigin mar sin), oir cha robh na sean daoine againn eolach air dual-bhéurla Shasunnaich, á Glasco no ionad eile. Bha sinne fada do an àird eile, agus gnathas-cainnt Gàidhealach pailt againn ’nar béurla Shasuinn. Agus b’ fhìor sin mu ioma neach, am Baile Inbhir-Nis féin, a bha gun Ghàidhlig aige féin.
Chualas o fhear suaicheanta de an Chomunn Ghàidhealach: “Fhuair i duais eir son a bhith seinn an òrain seo” ( .i. an Sasnaig, gu litireil, ‘for sake of being at singing of this song’). Theirimid “Fhuair i duais air seinn an òrain seo” ( .i. ‘for singing of this song’). .i. aige—iomar-cruidh focal, agus mi-imirt air na focail air son; againn—dol gu cridhe na cùise le teircead focal.
Bha againn do agus ri air ‘for’ (Sas.) air uairibh, ge nach eil an sin ach gu bheil ‘for’ sga deileasach los an eadar-theangachadh. Cha b’ ionann cleachd air roimhearan aig dà chànain riamh.
Againn: ri ré seachdain no fad seachdain.
Aig Siaraich a nis: eir son seachgain.
An Sean Ghàidhlig: re head sectmaine, fri ré sechtmhuine.
Gheibhear, am foclairean, fógar ‘banish, expel’ (Sas. ). Is e‘proclaim, declare’a bu chiall da againn riamh. Anns an t-sean aimsir, am fear a dhìochuireadh ás an fhine (agus bu mhór a chiont sul tachradh a leithid) dh’ fhògradh e air feadh na dùthcha, a chum nach foigheadh e fòir tuilleadh. Is dòich gur uime sin a thuit an dà nì le chéile, aig cuid, a thaobh an fhocail so. Ach cha ruig sinn leas foghnamh a dheanamh á foclairean daonnan.
Gheibhear, am Foclair MhicEachainn fàs-lomairt an àit fàs-longphort, agus ciad-lomaidh an ionad céudlongadh etc. Mhothaicheadh aig
Bha am focal againn bràc air‘reindeer. ’ (Chuala mi féin an tùs e aig an Athair Cyril Van Dieckhoff, sagart am Manachainn Chille-Chuimein. Bu Ruiseach e, agus glé dhéidheil air Gàidhlig. A-mach o a dhleasnas a thaobh gnothaichean a eagluise, cha robh dragh aige am bu Phàpanach no Pròstanach gin sam bith, co fad ’s a bha Gàidhlig aige). geimse‘chamois’agus leather-gheimse‘chamois leather’ ;firn‘glacier’—fhuaras an dà fhocal sin o bhean uasail a bha ag cur seachad a saor-làithean ann an Suise, mu chéud bliadhna seachad. Is Duitsig iad, agus theirte gum b’ e geimse an seòl Duitseach (Deutsch, Gearmailteach) ach litrichte a réir na Gàidhlig, air an aon ainm de am b’ e ‘chamois’ an dòigh Fhrangach. Capull—b’ e each mór trom obrach a bu sheagh do an fhocal so againn, agus cha b’ e ‘làir’ mar a gheibhear am foclairean. Am Bail Inbhir-Nis, anns an t-sean aimsir, bha Capull-innis far an cuirte na h-eich mhóra obrach a-mach air ionaltradh, agus Marc-innis far an cuirte a-mach na h-eich éutrom mharcachd. (Chapelinch; Markinch). ùsp—‘monster’ (Sas.) —Usp Loch Nis, Usp Loch Omhaich, Usp Loch Mòrair etc. Chualas seilch aig Leódhusaich agus theirear gur e‘water-monster’a is ciall da, ach is barail leam gur e sin focal Lochlannach ( =ròn ) a gheibhear, no a gheibhte, an Orcaibh is Sealtain anns an rian ‘selkie’ no ‘silkie.’
’Nar sgeòil àrsaidh fa dhéidhinn ama nam fineachan bha Clann Faoil againn air Cloinn Shithich á Ràta-Murchuis. Rinn na Goill atharrais de an ainm sin, anns an t-sean aimsir, mar so—Clan Quhele (Wheel, a thaobh fuaim, a réir dòigh litreachaidh Sasunnaich freac-uaraich) agus bha barailte neònach aig Skene (Celtic Scotland etc.) fa a dhéidhinn. Ach b’ e Clann Faoil a bha ann, agus theirte gum b’ e faol a bu chiall do an fhocal sitheach, ge b’ ainm duine e anns an ainm-sloinnte sin. An tan a bha sitheach a’ dol á cleachd is á cuimhne mar ainm air madadh-allaidh, agus faol coitcheann aca, thugadh an t-ainm Clann Faoil do Chloinn Shithich los ciall an ainme a chumail gun dol air di-chuimhne gu tur. Chan fhaighte am fuaim sin Wheel (Quhele) Sas. uainne oir cha robh de dhiùras againn eadar faol is faoil ach l leathann agus l caol. Ach chualas tuilleadh cudtruim air an i sin aig sochaidh eile.
Bha ainm-sloinnte Gàidhealach ann roimhe, an ceann tuath na h-Eireann—MacFaoilin no Mac Ui Faoilin, no ni-eigin mar sin. Rinn na Sasunnaich atharrais deth mar so—MacWhelan, Whelan, Whalen. B’e sin an t-aon nì a rìs. Bha cuid Eireannach ag ràdh Cwilte gu Caoilte. Ach chualas leam féin Mac Wì gu Mac Aoidh aig muinntir Earabol (Eanbol, Embo) air taobh sear Cataibh.
Chualas fuaim sga coltach ri Gwé-al air Gàidheal aig Arannach, Cha do chuir mi eang air Arainn riamh, ge bha mi greis an Caradail. Ceanntir, agus Ara fa ar comhair. Ach bha ban-Arannach ’na banal, trum an Giuthsachan ré m’ òige. Bha i de ghinealach mo sheanmhathar-
Is e theirimid Gà-i- eal no Gà-ueal, agus chualas a leithid céudna aig móran eile, an Loch-abar agus Earra-Gàidheal fa thuath, is céarnan eile. Ach, bha G’è- al (G leathann) sga pailt, cuideachd, fa ar timcheall agus gu siar is gu tuath uainn. Ach cha robh an sin ach fuaim e air ai mar a gheibhear tric aig cuid daoine air cuid focal—er gu air, eregead gu airgead, enim gu ainm, n’e- achg (n leathann) gu naidheachd etc.
Chualas Gà-al aig Peartaich, agus, mar nach bu dùil leam, aig Cnòideartach. Cha robh de dhiùras eadar Gàidheal agus Gall aig sean duine de na Màrannaich (muinntir Bráigh-Màir) ach a fada agus a goirid.
Chualas G’ é-al aig Leódhusach, agus G’é- altochg aige air Gàidhealtachd.
Ach chan eil crìoch air an chuspair so, agus is frachail ni móran de na bheil again sunn, agus móran mu am bu tualaing dhomh sgrìobhadh fós.
Bha a son agus a don, a suailc agus a duailc, aig gach cèarnchainnt riamh. Bu tlachd domh riamh monaid a ghabhail air dualbhéurlan Gàidhlig Albann, agus is iomadh focal neònach agus gnathas-cainnt ciùlar a chualas leam féin, an cèarnan far nach cluinnear focal Gàidhlig idir a nis.
(Bu tlachd duinn nan sgrìobhadh ar cara tuilleadh mu na cèarnchainntean nach cluinnear idir a nis, agus mar as ciùlar iad ’sann as fèarr leinn—Fir-deasachaidh.)
[Sanas]
title | Cainnt Mo Dhaoine Féin |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Mac ó Bean Choinnich in Gairm 40 %p |
notes | Mac ó Bean Choinnich = Deòrsa Moss (see Gairm Index) |
parent text | Gairm 40 |