[323]

Cha Robh Ailean Raimh ChoFut

UISDEAN LAING (Astràilia)

LA na BliadhnUire ann am Baile na Staoine ann an Uibhist-a- deas agus be sin a latha. Doineann asguabadh an tughaidh o mhullach nan tighean le oiteagan fuar is fliuch on àird an iar agus acumail mun cagailtean féin gillean gu leòr dam bàill a bhith tarraing a-mach a dhionnsaigh tighean nan nàbaidhean airson aBhliadhnUr a chumail anns an dòigh àbhaisteach. Ach cha chuireadh droch shìde bacadh sam bith air an dithis thoirmeisg, Dòmhnall Croiseil agus Calum aChinn Aotruim, nuair a rinn iad suas an inntinn gum biodh e cus na bu taitniche cuairt a ghabhail a-mach a rathad na crùbadh aig taobh an teinegan garadh fhéin agus ag éisdeachd ris a stoirm agleadhraich ris an uinneig.

Nuair a chuir iad acheist riu fhéin càit a rachadh iad, cha leigeadh iad a leas feitheamh fada airson freagairt. Ged a bha tigh ar seann charaid, Ailean Ròcaire, còrr is leth mhìle air falbh, cha robh fear sabhaile cho aoidheil no cho càirdeil ri Ailean: bha a chòmhradh is a chomunn éibhinn gu leòr ged nach biodh latha féille idir ann, ach nuair a thigeadh aBhliadhnUr bha e cho ait ri seachd moncaidhean ann a fang dheargannan.

Nam bitheadh Gilleasbuig MacAnaoghais acéilidh air Ailean mar as tric a bhà e, bhitheadh ceòl, òrain agus sgaitearachd aca a bharrachd air cridhealas agus dibhearsain Ailein. Cha dìochuimhnich mi gu brath a bhith ag éisdeachd ri Ailean aseinn:

Tha mi fo chùram, fo mhóran cùram,
Tha mi fo chùram, o hiù o éile,
Tha mi fo ghruaimeans min gaol air gruagaich,
Gur fhad on uairsin,
S cha chual i fhéin e.

nach bitheadh deònach tilleadh air ais an déidh a bhith ag éisdeachd ri Gilleasbuig agabhail òrain no atrod ri nàbaidh mu dheighinn crodh adol dhan arbhair, agus ag ràdh ris, mar a thubhairt e uaireigin, “Sin far a robh am pòr gu cumail crìches gu leigeil chon.” Cha deach duine riamh a throd ri Gilleasbuig an dara turus.

Bha Gilleasbuig air falbh nuair a ràinig an dithis ghillean agus cha robh duine a-stigh ach Ailean is a bhean. Chaidh am botal mun cuairt trì no ceithir a thursan agus bha an còmhradh cho cridheil agus an ceòl-gàire cho binns a mhiannaicheadh duine sam bith, ach cha robh Ailean cho òg no cho farumachs a bàbhaist dha bhith. Dhfhàs e glé sgìth agus mu dheireadh thuit ena chadal agus a dhaindeoin ùpraid agus innleachdan Chaluim agus Dhòmhnaill ag éigheachna


[324] chluais, ’ga bhìdeadh agus atilgeadh steallan uisge fuarna aodann, dhfhairtlich orra a dhùsgadh.

Cha deanadh so an gnothach ro fhadachan e so a seòrsa BliadhnUr còmhla ri Ailean a bhanan dùil. Dhfheumadh iad smaointean air rudeigin eile na bu chridhealaiche na éisdeachd ri Ailean asranndachd air a leaba agus a bhial fosgailte. a bfheàrr na leigeil orra gu robh e ann an gréim tinneis cunnartach a chuireadh, is dòcha, crìoch air beatha an duine bhochd gu h-aithghearr? Mar sin be an dleasdanas, a réir an gòraiche fhéin, brath a chur a dhionnsaigh an t-sagairt agus an dotair iad a thighinn gun dàil, o chionn gu robh Ailean air laighe bhàis. Ach an ath smaointean dhaontaich iad gur h-e amaideachd an t-saoghail mhóir a bhitheadh ann brath a chur a dhionnsaigh an dotair o chionn gu robh e deich mìle air falbh bhuapa. Bhiodh e glé chrosda nuair a gheibheadh e mach nach robh ceàrr air Ailean ach anachdair na BliadhnUire, agus bha eagal orra gun toireadh e orra cóig notaichean a phàidheadh dha airson a dhragh.

Achse duine còir agus mathasach a bhann am Maighstir Iain. Ged a chuireadh ballachd-bhùird nan gillean thar a dhòigh e, cha mhaireadh a chorraiche fada agus bha iad cinnteach nach iarradh e uiread is sgillinn bhuapa airson a thoirt a-mach ás an tigh ri leithid a latha. Bha fios aige nach robh móran is sgillinn aca co-dhiùbh eatorra. Thug cumhachd na deoch làidir misneachd dhaibh agus ann am mionaid no dhà bha teachdair òg (gille beag le Gilleasbuig) aruith tarsainn an t sléibh gu tigh an t-sagairt, aguidh air tighinn gun dàil o chionn gu robh Ailean cho tinn.

Fhads a bha na truillich afeitheamh ri Maighstir Iain, cha robh iadnan tàmh. Thog fear dhiubh bioran maide on ùrlar agus chuir e ann am bial Ailein e mar a dheanadh dotair atomhais teas cuirp, agus fhuair a fear eile pìos de shùgan coirce agus spàrr e aona cheann ann am brollach Ailein agus chuir e an ceann eile ri chluais fhéin afeuchainn neart cridhe an fhir a bha sìnte air a leabaidh. Bha an dithis aca atòiseachadh air seann stocainn boireannaich a shuainteadh agus a theannachadh mu ghàirdean Ailein nuair a chual iad gnogadh aig an dorus. Gun teagamhse an sagart a bhanncha robh ena chleachdadh aig muinntir Bhaile na Staoine gnogadh aig dorsan trì fichead bliadhna air ais. Ann am prioba na sùile bha am bioran, a sùgan agus an treallaich eile air an caitheamh fon bheinge agus chaidh na gillean fhéin air falach fon leabaidh.

Dhfhosgail bean-an-tighe an dorus agus thainig Maighstir Iain a-stigh agus le ceum sìtheil chaidh e null gu taobh na leapa. Abruidhinn ri Ailean le guth sèimh agus ciùin, dhinnis e dha cho duilichs a bha e fhaicinn cho tinn, dhearalaich e air gun e chall dòchas agus, làn de thruas agus de choibhneas, dhfhaighnich eCiamar a tha sibh afaireachadh a nis, Ailein?” Dhfhosgail Ailean a shùilean, choimhead e mu chuairt, agus anns achainnt chalma làidir a bha e gnàthachadh fhreagair eCha robh mi riamh cho fut.” Chuir a freagradh fearail so a leithid a dhiongnadh air Maighstir Iains gura gann a burrainn dha bruidhinn, ach nuair a fhuair e anail air ais agus a thuig e mar a bha achùis, bhiodh e duilich a chreidsinn gu robh sagart riamh chofut” —airson mort air a spot!

titleCha Robh Ailean Riamh Cho “Fut.”
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Uisdean Laing in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page