Cuach Bho T.V. Grampian
Tha Telebhisean Grampian—a tha a’ craobh-sgaoileadh air taobh an ear ’s an ceann-a- tuath na h-Alba—air cuach a thoirt seachad airson luchd-farpais aig Mòd Naiseanta a’ Chomuinn Ghaidhealaich.
’Se cuach mhór airgid a th’ innte, agus ’se an t-ainm a bhios oirre Cuach Telebhisean Grampian(Grampian Television Cuach). Bithidh i air a cosnadh gach bliadhna leis a’ chòisir a gheibh a’ bhuaidh ann an Co-fharpais Còisirean nam Ban(Rural Women’s Choirs) .Tha a’ chuid as motha de na fairpisich anns an roinn so bho thaobh an iar na Gaidhealtachd agus ás na h-Eileanan.
Anns an dealbh so shuas chì sibh Ward Thomas, am fear a tha ’na Bhainistear air Grampian, a’ toirt seachad na cuaiche do Iain MacGille-na-brataich, Fear-gairme Comhairle a’ Mhòid ’s a’ Chiùil.
Ann a bhith a’ tairgse na cuaiche do’n Chomunn, thuirt Mgr. Ward, “Tha an duais-farpais so ’ga toirt seachad mar chomharra air a’ bhuaidh a tha aig oilean na Gàidhlig air an t-sluagh sa’ cheàrn so de ’n dùthaich, agus a chùm ’s gum bi an t-oilean sin air a bhrosnachadh.”
title | Cuach Bho T.V. Grampian |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Gairm 40 %p |
parent text | Gairm 40 |