[161]

Air An Spiris

CHI sibh air duilleig eile gu bheil earrann ás ùr againn ann an Gairm na ràithe so: earrann don òigridhs do dhuine sam bith aig a bheil co-fhaireachdainn ris an òigridh. Is dòcha gu bheil daoinenar measg, ann an tìr na Gàidhlig, a tha caoin-shuarach mun òigridh; a tha coma iad a bhith falbh nan sitigean, no acur seachad na Sàbaid aleughadh Reveille, fhads nach tog iad teampall dhaibh fhéin am follais dhaoine. Ach cha bhi móran dhiubh sin aleughadh Gairm, agus tha sinn den bheachd gun cuir ar luchd-leughaidh fàilte air an earrainn ùir so.

Far a bheil aGhàidhlig gu daingeann air a bonntachadh san dachaidh agus san sgoil tha e nàdurrach gum biodh taobh aig an òigridh rithe. Ach tha e cheart cho nàdurrach gun gabhadh iad ùidh ann an gnothaichean a bha, bho chionn ghoirid, a-mach air crìochan na Gàidhlig. Mar as cumhainge a ni sinn na crìochan sinsann as lugha rùm a bhios air an taobh stigh don òigridh. Chan fhuirich iad, ’s chuireadh umhail orra.

Cha duirt sin gu feum sinn gach a leigeil leis an t-sruth, no falbh leis an t-sruth ùr Bheurla no Ameireaganach. Tha dòigh is dòigh ann air beantainn ri sruth. Bha dòigh mhath aig Tom Johnstons aig na laoich a chuir Tuath-bhòrd an Dealain-uisge air bhonn. Thug iad cumhachd ás na sruthans tha an cumhachd sin sgrìobhte gu léirsinneach air aghaidh na Gaidhealtachd an diugh. Na sruthan sin a bha acur nam muillnean beaga air ghluasad o chionn fhada, tha iad an diugh acur charan de rothan móra nan gineadairean dealain (na generators).

Tha cumhachd ann an iomadach àite a dhfhaodadh sinn a chur gu feum a chùm leas na Gàidhlig. Ach cha dean na seann mhuillnean achùis an còmhnaidh. Tha cumhachd aig òigridh na Gàidhlig nan cuirte an sàs i a bheireadh dreach ùr air an dùthaich againn.

Tha sinn glé fhada an comain Cairistìona Dick airson an earrainn ùir so an Gairm a ghabhail os làimh. ’Se ar dòchas gu faigh i làn-chuideachadh bho luchd-sgrìobhaidh, agus gum bi an òigridh, ri tìde, ’nan taic do Ghairm. Bithidh sinn mar sin acuideachadh a chéile, gu spionnadh ás ùr a churnar tìrsnar teanga.

titleAir an Spiris
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Gairm 42 %p

parent textGairm 42
<< please select a word
<< please select a page