[205]

Anns An Fhasan

LE EIRIC NIC LEOID

THA am fuachd air a thighinn oirnn agus tha cuid de chaileagan air na geansaidhean boban a chur orra airson aon gheamhradh eile. ’S iad sin na caileagan a bhios afeitheamh na tìde blàithe le fadachd, a chionn gum bheil fios aca nach eil iad acoimhead cho grinns a dhfhaodadh iad le na còtaicheanplasdaigagus na brògan trom. Ach tha feadhainn eile cho bòidheach agus cho sprogail anns agheamhradhs a tha iad aig àm sam bith eile den bhliadhna. Oirs iad sin na caileagan glic a cheannaich cuid den aodach bhlàth a tha anns an fhasan an tìde so. Tha mise an dràsda adol a dhinnse dhuibh mun aodach so.

[Dealbh]

Tha geansaidhean ann an dràsda a tha blàth agus sgiobalt. Ri coimhead riu shaoileadh tu an toiseach gur e geansaidh pólo fo geansaidh le amhaichVa bhann. ’Sann a tha iad air pólo a chur am broinnVann an aon gheansaidh. Gheibhear a fear so ann am móran dhathan agus gheibhear cuideachd amhaich pólona aonar a dhfhaodadh tu cur am broinn amhaich geansaidhVsam bith a tha agad, gus nach bi aghaoth aséideadh mu damhaich.

Mas e briogais as trice a bhios ort troimh an tìde fhuair chunnaic mi, an eile ann an uinneig bùtha, aodach còmhdachaidh a chòrdas riut gu cinnteach. Be cleòca blàth tartan ann a stuth tiugh clòimh a bhann. Cuiridh min geall nach fhaic thu móran dhiùbhsan timcheall agus chan fhaca mi dad cho stoilleis riu.

[206]
[207]

Tha fios agad fhéin ma bhios do chasan blàth gun cùm sin an còrr dhiot blàth. Geallaidh mi dhut gum bi bootees suas gu na calpan air a h-uile nighean anns an fhasan am bliadhnagu fìrinneach, cheannaich mi-fhéin paidhir dhiubh ann bho chionn ghoirid. Gheibh thu asuedeiad agus ann a leathairfeadhainn dhubh, feadhainn dhonn, feadhainn gheal agus feadhainn dhearg, a ruigeas suas gu do ghlùinean mas toil leat, le sàilean ma dhà òirleach a dhàird.

Bhiodh dreas clòimhe mar so feumail cuideachd. ’Se fasan agheamhraidh so air dreasaichean, pìos dhen aodach a bhith mu damhaich mar scarf. Tha iad blàth agus aig an aon àm tha iomadh dòigh air am faod thu an ceangal no suaineadh gus atharrachadh beag a thoir air an aodach.

Bhoill, a chaileagan, ma ghabh sibh mo chomhairle-sa bha sibh blàth agus bòidheach fad agheamhraidh agus an ath thìde bidh earrainn fasain eile ann ag innse dhuibh an t-aodach as fheàrr airson an earraich.

titleAnns an Fhasan
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Eiric NicLeòid in Gairm 42 %p

parent textFàire Ur a Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page