Iain Maccodrum
LE CAIRISTIONA NIC ’ILLE BHRAITH.
(Ard-sgoil Inbhir Nis.)
CHUALA sinn uile iomradh air Iain MacCodrum, bàrd a rugadh mu dheireadh na seachdamh linne deug ann an Aird an Runnair air taobh an iar Uibhist-a- Tuath. Is e bàrd ainmeil a bha ann agus tha móran naidheachdan is sgeulachdan air an innse mu thimcheall.
Is e aon sgeul a dh’ fhuirich ’nam inntinn an te a leanas.
An uair a bha MacCodrum a’ fuireach ann an Langais, rinn e deiseil aon latha gu falbh a choimhead air Fear Bhaile Raghnaill agus air na càirdean air taobh an iar na dùthcha. Smaoinich a bhean gun gabhadh i an cothrom an uair a dh’ fhalbhadh Iain gu cuirm bheag a dheanamh do bhoireannaich eile a bha anns a’ choimhearsnachd. Bha amharus aig Iain gu robh rudeigin air bonn ged nach do leig e dad air, ach an uair a bha e tuaiream mìle no dhà bho ’n tigh thill e.
Anns na làithean ud bhiodh daoine a’ rùsgadh nan tighean a h-uile Earrach agus a’ cur an tughaidh mar thodhar air an fhearann. ’Se an dearbh obair a bha aig Iain aig an àm agus bha dara ceann an tighe gun sgrath gun chonnlaich. Dhìrich e an àird air an tobhtaidh agus leig e e fhéin sìos troimh na cabair. Bha na boireannaich cruinn mu ’n bhòrd ag òl mogain agus abair gun do chlisg iad.
“Na caraichibh, na caraichibh”, arsa Iain, “cha do rinn mise ach tilleadh a dheanamh an altachaidh dhuibh”.
title | Iain MacCodrum |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Cairistìona Nic ’Ille Bhràith in Gairm 42 %p |
parent text | Fàire Ur a Nochdadh |