Am Bucas
Le PEIGI MOIREACH.
CHA shaoil thu air ri fhaicinn nach eil e mar na ceudan eile a chì thu shìos is shuas thall ’s a-bhos, le asnaichean dearga is uinneagan lainnireach agus leis a’ chridhe beag dubh, am fón, ’na theis mheadhon. Cha chreideadh tu mura buineadh tu do ’n bhaile againn fhéin cho sònraichte is cho eadardhealaichte agus a tha bucas a’ fón againne.
Tha mi toilichte fhaicinn gu bheil muinntir a’ bhaile mhóir a nise a’ gabhail beagan alla de ’n bhucas beag, mar a bha Gaye Gambol
Ach na creid nach bi sinn a’ toirt am feum ceart ás a’ fón, sinn a bhitheas. Agus gach taobh cuideachd, fónadh is fuireach mar gum b’ eadh. Tha cuimhne agam oidhche a chaidh mi null le spàirn a dh’ fhónadh fear a choreigin . . . . có bha romham as a’ bhucas ach Ciorstag Ceit is i a’ fighe aig a peilear. Bha fón sàmhach air a chreathail fo h-uileann. Leig i feasgar math leam a-mach air an uinneig is lean i oirre a’ fighe. Sheas mi, dh’ fhuirich mi, cha robh an còrr air a shon. An ceann fichead mionaid a-mach leatha.
“Ach siuthad thusa,” ars ise, “Thubhairt Magaidh gu fónadh i á Glaschu aig a h-ochd, ach chan fhuirich mise rithe nas fhaide.” Le sin ghabh i dhachaidh agus fhuair mi cothrom dhol an sàs.
Chuala mi mu uair eile a thàinig glag ’sa fón . . . . is gun duine ann . . . . ach chùm e dol gus an do fhreagair Seonaidh Cairt a’ Bhainne anns an dol seachad. B’ e Niall nan Càraichean a bha a’ fónadh is e airson fios a chur do ’n sgoil gu robh Fear-sgrùdaidh nan Sgoil air a’ chidhe is gun robh aige-san ri thoirt an sin le taxi.Tha e coltach gu robh sealladh ann, a seana làir is cop ’na bus ’na deann a-null an achaidh, is bha fios aig a’ mhaighstir dé bha roimhe mus robh cas a’ bhodaich an càr Nèill.
Ach chan eil am bucas cho coibhneil do gach neach . . . . le droch oidhche, is dorus nach fhuirich dùinte agus sgread na gaoithe timcheall ort, ciamar a bheir thu chreids air gille aig a’ cheann eile gu bheil gaol agad air, gun eagal a chur air nach ann ri uilebheist a tha ghnothaich?
Tha fuireach eile ann a tha glé mhath sa’ bhucas . . . . ma bhitheas am bus fadalach is uisge ann . . . . tha e tèaruinte is blàth a-stigh. Ach chunnaic mi iad ann nach robh lorg bus . . . . uill, chan fhaca buileach, oir bithidh càraidean meadhon-oidhche cinnteach ás gum bi dorchadas aca. Tha ’m bucas beag blàth is dorcha a-stigh is a-muigh . . . . ma tha thu airson coimhead chì thu a’ ghealach, solus iùil nan leannan. ’Se sin a tha iad ag radh co-dhiù . . . . chan eil mise ris na cleasan so.
Ach tha fios agam gun chuir an dearbh dol-a- mach tha so mo chridhe am iosgaidean aon uair. Air oidhche dhorcha gheamhraidh thug mi ceum gu ceann a’ rathaid gu fónadh. Bha i greannach fhéin agus le fuaim na mara is na gaoithe cha robh mi cho treun ’s a bhithinn
Chanainn fhathast gur e each uisge a bha ann mura biodh Dòmhnall Posta air feòrach latha na mhàireach;
“Na chuir thu fhéin a dh’ iarraidh eireagan am bliadhna, a Pheigi? Fhuair mise iad a-raoir, agus abair gu bheil iad mór brèagha, agus slàn ge do sheas amadan air choreigin oirre anns a’ bhucas mus tug mi a-steach iad.”
Nach mi a bha gòrach a’ cur leithid is each uisge ás leth ar bucas beag fhéin, is e cho dòigheil blàth ri tigh céilidh le iomadh fàilt, no mar seirbhiseach beag, grinn, modhail, a chì iomadh nì ach nach leig dad air.
title | Am Bucas |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Peigi Moireach in Gairm 42 %p |
parent text | Fàire Ur a Nochdadh |