Co-fhaireachdainn
LE CAIRISTIONA DICK
BHA i ’na suidhe air a’ chnoc bheag aig ceann na pàirce a’ smuaineachadh dé bu chòir dhi a dhèanamh. Bha an Oilthigh a’ tòiseachadh ann a seachdain eile agus cha robh fhios aice fhathast an robh i a’ dol a dh’ fhalbh gus nach robh. Bha feum aig a h-athair oirre. Cha robh fhios aice robh e dhe ’n bheachd gu robh i a’ falbh no robh e cinnteach gu robh i a’ fuireach. Cha tuirt e guth. Chun a so cha do rinn i a h-inntinn fhéin suas mu rud sam bith. Chaidh i dha ’n sgoil nuair a bha i cóig bliadhna agus dh’ fhalbh i dh’ an Ard-sgoil nuair a bha i dusan. Thainig i dhachaidh aig toiseach na làithean-saora agus thill i dha ’n sgoil nuair a bha iad seachad. Carson as e a màthair-se a thugadh air falbh?
Ged a dh’ iarradh i comhairle air duine co-dhiù bu chòir dhi falbh no fuireach chan fhaigheadh i ach freagairt a rèir nàduir an duine sin. Chanadh am ministear rithe i chuimhneachadh air a’ Cheathramh Aithn. Chanadh Eiric piuthar a màthar rithe chuimhneachadh i dh’ fhalbh—gun robh a beatha fhéin aice ri coimhead ris: nach fhaigheadh i taing a’ choin airson fuireach. Bha Eiric an còmhnaidh cho feumach air taing. Chanadh Annag a piuthar rithe i dheanamh a rud a thogradh i fhéin. Bha Annag ’na ban-altrum ann an Ospital mór ann an Glaschu agus thill i gu h-obair cho luath ’s a bha an tiodhlacadh seachad. Bha i a’ smuaineachadh nach deanadh iad an gnothach ás a h-aonais. An robh i a’ tuigsinn idir nam marbhadh càr i am màireach gum feumadh iad deanamh ás a h-aonais?
Seall cho snog ’s a bha a’ ghaoth a’ gluasad bàrr an fheòir. Chan e i fhéin a smuainich air na faclan ud. Chual i roimhe iad. Càite?
“An oiteag luaineach feadh nam bruach
A’ gluasad bàrr an fheòir!”
Sa’ sgoil. Nan d’ reachadh i dhachaidh is sud innse dha màthair bhiodh i fad an latha ga radh rithe fhéin ’s gun foir aice gu robh duine ga cluinntinn. ’S iomadh turas a thainig i air a màthair agus i ag obair air feadh an tighe a’ cantainn a-mach cruaidh na smuaintean a bhiodh a’ ruith ’na h-inntinn agus thòisicheadh an dithis aca ri gàireachdaich. Nach buidhe dha na báird mar a gheibh iad faclan briagha airson na rudan a tha iad a’ faicinn a chur an céill—ga faicinn le sùilean deifirichte bhuainne cuideachd.
“Black as Ash buds in May. ”
Chan fhac i craobh uinnsinn gus an deach i dh’ Inbhirnis ach an sin fhéin cha tug i an aire gu robh na craobhan uile còmhdaichte leis an duillich ùr ghorm agus a’ chraobh uinnsinn fhathast gun bhristeadh—bha bàrr nam meangan glasa cho dubh ’s a bha iad riamh.
Cha robh duine aice nis dh’an innseadh i na rudan a bhiodh i a’ faicinn ’s a’ smuaineachadh agus mar sin cha robh an aon tlachd annta. Thòisicheadh i air rudan innse uaireannan agus stadadh i ’na dheis meadhain. Bha e a’ tighinn uice nach robh i ach a’ bruidhinn air rud gun dòigh. Bha na laoigh a’ cluichd, a làn a’ tighinn a-stigh aig ceann na croiteadh, brògan anns a’ Chatalogue le goban cho biorach ri biorach, easgan mhór dhubh anns an abhainn, cho fuar ’s a bha an t-uisge a’ coimhead, bàrdachd a bha i a’ leughadh, cho math ’s a bha tea air a deanamh le uisge na beinne nuair a bhiodh iad aig a’ mhòine. Bha rudeigin air falbh ás a beatha agus bha i a’ smuaineachadh uaireannan nach b’ fhiach a bhith beò ás aonais.
Rinn i beagan rànaich nuair a bhàsaich a màthair ach cha robh sin ach gun robh i a’ faicinn chàich a’ rànaich. ’S gann gun do bhruidhinn i oirre o ’n uair sin ach cha robh i a’ falbh ás a h-inntinn. Thòisich i nis ri rànaich agus a cridhe briste. Thuirt am ministear rithe nach deanadh math dhi a bhith a’ caoidh a màthar. Chan ann ga caoidh a bha i ’sann a bha i ga h-ionndrain.
title | Co-fhaireachdainn |
writers | Christine Dick |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Cairistìona Dick in Gairm 42 %p |
parent text | Fàire Ur a Nochdadh |