[217]

An Oigridh Agus AGhaidhlig

Le IAIN MAC-A- PHEARSAIN

(Dhiarr sinn air Mgr. Mac-a- phearsain a bheachdan mun chuspair so a chur an céill. —Fir-deasachaidh.)

THA e dualach ann an cùisean na Gàidhlige gu bheil nithean gu tric air am fàgail an urra ri daoine tha air tighinn gu sean aois no co-dhiù gu aois amheadhon-latha. Tha e dualach cuideachd gum bi urracha-móra na Gàidhlige adeanamh tàire air beachdan dhaoine as òige na iad fhéin. Is dona an aithlis air aGhàidhlig gu bheilear acur glas-ghuib air na daoine òga a dhfhaodadh móran a bharrachd a dhèanamh air a son na tha iad adèanamh.

Mura bheil bun de fhiasaig ghlais agus sgall gu dchùl ort tha cuid a tàire ort ma thogas tu do ghuth idir ann an cùisean na Gàidhlige. “n t-eòlas a thaige-san,” cluinnidh tu, “ ’s gun e ach fichead bliadhna no cóig no deich ar fhichead!” Ach cha chùm sin an òigridh gun am beachdan a bhith aca, agusse an call nach eil na beachdan sin atighinn am follais nas trice.

Is ann air an òigridh a tha beatha agus bàs ar cànain an crochadh. Tha e toirt misnich dhuinn a bhith faicinn gu bheil cuid de luchd-stiùiridh an Fhoghluim afosgladh an sùl mu dheireadh thall a thaobh oileanachadh na Gàidhlige. Cha bhi cànan sam bith fallain mura bi e air bilean na h-òigridh agus cha mhotha na sin a bhios an eanchainns an inntinn fallain mur eil iad air an leudachadh anns achànain as dlùithe dhaibhis e sin cànan na coimhearsnachds chan e cànan na sgoile.

Bu mhath leam beagan smuaintean a chur sìos air beachd na h-òigridh air aGhàidhlig. Faodaidh gum bi na smuaintean sin ladarna, a bharrachd air a bhith dàna, ach mar as ladarna iadsann as dòcha iad brag a thoirt air na seiceannan a tha iad alorg.

Anns achiad àite beachd na cloinne a tha fhathast anns an sgoil? Mar as trice tha beachdan na cloinne air an stéidheachadh air beachdan nam pàrantan no beachdan amhaighstir-sgoile no beachdan duine sam bith a tha air tighinn gu aois. A dhaindeoin sin (no mar thoradh air a sin, ’se as dòcha) chì sinn iad atighinn


[218] don àrd-sgoil aig bhliadhna dheug agus beachdan gu math làidir aca air aGhàidhlig.

Bithidh cuid a chanas, “Si aGhàidhlig as fheàrr leam agus iss fheàrr a thagam.” Chan eil iad sin cho pailts a bu mhath leinn iad a bhith, ach tha iad ann air a shon sin. Their cuid eile, “Gabhaidh mi Gàidhlig mar chuspair anns an sgoil, ach tha mathair ag ràdh gum bithinn cho math ás a h-aonais; gun cuir i bacadh air aBheurla agam, agus gu robh esan air ìre na bfheàrr nan dubh-chosnadh a thoirt a-mach mura be mar a chùm aGhàidhlig air ais e.” Chan eil abheachd so mar iongnadh. An uair a sheallas tu thugad is bhuats a chì thu bancair gun Ghàidhlig, dotair gun Ghàidhlig, maighstir-sgoile gun Ghàidhlig, tha thu dualach a bhith toirt ort fhéin a chreidsinn gur e cion na Beurla agadsa as coireach nach eil obair mar sud agad. Tha móran anns na h-eileanan acreidsinn ma tha Beurla mhath agad gu bheil tuigse agus toinisg agad cuideachd!

Air an fheadhainn a chanas gun cuir aGhàidhlig maill ort tha glé thric taobh eile. Nam bruidhninn-sa Beurla riutha chanadh iad, “Aghlaoic bhochd, mar a tha e leis an fhearas-mhóra.”

Cluinnidh tu deòthanach no dhà eile ag ràdh, “My father and mother speak Gaelic but I cannot speak it and I dont want to learn it” .Chan eil Gàidhlig aca sin idir agus mar as trice chan eil aBheurla aca ròine nas fheàrr na aig càch.

Thachair mi ri móran anns achiad bhuidhinn, a chionns gu bheil aGhàidhlig riatanach fallain fhathast ann an Uibhist-a- tuath, far a bheil mi adeanamh oidhirp air teagasg Gàidhlig do chlann sgoile. Thachair mi ri corra dhuine anns an dara buidheann cuideachd. An toiseach chuir e iongnadh orm gum biodh abheachd so aig uiread den t-sluagh, ach a nissann a tha e cur iongnadh orm nach eil barrachd agéilleadh don dearbh bharail. Gabh eilean sam bith anns aGhaidhealtachd agus cunntais cia mheud duine le Gàidhlig aig am bheil na h-obraichean ris am bheil daoine acoimhead suas, obraichean mar a dhainmich mi cheana. Cha chuir e móran bruaillein ort an cunntais. Chan e gu bheil sinne adeanamh tàire air na daoine a tha gleidheadh nan obraichean sin. Tha feadhainn dhiubh cho tuigseachs gun dean iad oidhirp air cànan an t-sluaigh ionnsachadh, agus tha feadhainn dhiubh adèanamh barrachd feum don Ghàidhlig na tha acàirdeanfhéin. Ach tha feadhainn eile ann cuideachd, agus tha e doirbh a thuigsinn carson a leigeas sinn a leas a bhith adèanamh iomlaid ri tir-mór airson an leithid, mur nach biodh daoine


[219] làmhcharach idir anns na h-eileanan a dhèanadh an aon obair agus a tha iadsan adèanamh.

Se sin cnag na cùise. Ciamar a bheir sinn air eileanaich tilleadh bharr tir-mór gus am beòshlaint a chosnadh anns na h-eileanan, agus gu bhithnan deagh eisimpleir don òigridh? Chan eil mi ag ràdh gu bheil cosnadh ann dhaibh uile, no gum bi an cothrom aca gus an tàlantan a bhuileachadh, ach tha fios gu bheil cosnadh ann do mhóran nach gabh an cothrom air. Chan eil e furasda acheist so fhuasgladh, ach nan deanamaid barrachd oidhirp air a fuasgladh bhristeadh e sìos am beachd breòite so gur ann a tha aGhàidhlig acur cas-bhacaidh air duine ann a bhith asireadh a bheòshlaint.

Tha feallsanachd an eileanaich car coltach ripragmatisman Ameireaganaich— “Gus am faic cha chreid”. Cha toir e móran cluaise do fhear a bhios abragadaich air àrd-ùrlar an Glaschu mu chor na Gàidhlige. Tha e nas teòma na sin. Tha fios aige gu bheil am fear sin, a dhaindeoin a chuid bòilich, cho déidheil air T.V. ’s air Marks & Spencers nach deanadh e a dhachaidh anns na h-eileanan air rud a chunnaic e riamh. ’Se so call mór na Gàidhligean fheadhainn a dhfhaodadh a bhith ga brosnachadh aig an taigh a bhuns a lorg, a bhith dèanamh an dachaidh anns na bailtean móra, agus iad an sin airson adhbhar, cion na deòin agus cion achothroim.

Sin an seòrsa saoghail anns am bheil òigridh nan eileanan ag éirigh suas. Tha fios gu bheil buaidh aige air am barail air an cànan fhéin.

Tha corra bhliadhna o bha beachd neònach eile air a sparradh air an òigridh mus dainig iad gu aois cùisean a bhreithneachadh dhaibh fhéin. Is e sin, gu bheil e -nàdurra Gàidhlig a bhruidhinn ann an suidhichidhean àraidh. Tha móran chloinne caran socharach a thaobh Gàidhlig a bhruidhinn ris abhan-sgoilear no ris amhaighstir-sgoile, a chionn gu bheil iad asmaoineachadh nach eil ebuileach ceartsin a dhèanamh. Uair is uair chunnaic mi balach ás an aon sgìr rium nach bruidhneadh facal rium ach Gàidhlig nan tachradh e rium air druim dearg an rathaid mhóir; ach nam bruidhninn Gàidhlig ris anns an sgoil, thuiteadh a shuds a shad airs bhruidhneadh e rium gu diùid ann am Beurla.

Cha do chuidich na sgoiltean fhéin leis an t-suidheachadh so; ’sann a chuir iad na seachd dunaidh air. An àite bhith leudachadh inntinn an leanaibh troimh a chiad chànan bhatar asparradh na Beurla air gus an robh i asgogadh air.

[220]
[221]

Ann an teagasg na Gàidhlig mar chuspair bha agus tha e mar chleachdadh a bhith ga meas mar chànan de nach eil air fhàgail ach an cnàimhs an craiceann. Is iongantach gu faigh thu fear-teagaisg sgoile anns an Fhraing adèanamh leasan air Daudet agus amìneachadh na Fraingeis ann am Beurla. Is iongantach gu faigh thu móran luchd-teagaisg Gàidhlig adèanamh leasan air Cead Deireannach nam Beanns ga mhìneachadh ann an Gàidhlig! Chan eil mi cho cinnteach cuideachd gu bheil luchd-teagaisg nan cànan Ceilteach anns na h-Oilthighean acleachdadh na Gàidhlige cho trics a dhfhaodadh iad.

Anns na suidhichidhean sin a bheil e mar iongnadh ged a bhiodh an òigridh adeanamh tàire air aGhàidhlig? Ma bhios iad ga cur air chùl anns na h-eileanans motha buileach a leigeas iad leis an t-sruth i an uair a thogas iad orra gu tir-mór. Sgoilearan a dhfhàgas Uibhist no Na Hearadh nach bruidhneadh roimhe ach Gàidhlig ri chéile, cha bhi iad bliadhna am Port-righeadh no an Inbhir-Nis an uair nach deanadh iad còmhradh ri chéile ach ann am Beurla. Ma theid iad dhan cholaisde no dhan oilthighs iongantach gum bruidhinn iad idir facal Gàidhlig ri chéile; agus an uair a thilleas iad chun na dachaidhs ann a bhios seòrsa de nàire orra ma thig orra Gàidhlig a bhruidhinn.

Ma tha mi air a bhith cur nan dubhan air na dathan thuige so bu mhath leam a radh gu bheil móran den òigridh glé mheasail air aGhàidhlig. Saoilidh mi gun deanadh iad am barrachd air a son nam faigheadh iad an tuilleadh misnich. Gu -fhortanach tha cùisean na Gàidhlig ann an làmhan sheann daoine, no co-dhiù daoine tha seann-fhasanta. Ma tha achànan gus a ceann a thogail feumar barrachd a chur an urra ri daoine òga làmhcharach aig a bheil beachdan cothrom, adhartach. Cia mheud duine fo dheich bliadhna fichead a tha air Comhairle aChomuinn Ghaidhealaich? Ged a bhitheadh iad ann am faigheadh iad móran éisdeachd?

Tha caochladh dhòghannan, saoilidh mi, air an gabhadh an òigridh brosnachadh gu bhith gabhail barrachd ùidh ann an sgrìobhadh agus bruidhinn na Gàidhlig.

A bheil am B.B. C. adeanamh na dhfhaodadh iad gu bhith leigeil le daoine òga an guth a thogail? Carson nach biodh prógram ann an Gàidhlig coltach riTop of the Formann am Beurlaco-fharpais eadar na sgoiltean anns a bheilear ateagasg Gàidhlig? Carson nach biodh deasbadan ann an Gàidhlig eadar Comuinn Ghaidhealaich nan Oilthighean air an craobh-sgaoileadh?

Carson nach eil barrachd cho-fharpaisean aig aMhòd airson


[222] feadhainn o shia bliadhna deug gu naoi bliadhna deug? Bho chionn ghoirid thairg an Saltire Society duais don sgoil a bfheàrr a dhèanadh sgrùdadh(project)air cuspair Albanach. Carson nach toireadh An Comunn Gaidhealach no comunn sam bith eile duais airson rud den t-seòrsa sin a dhèanamh ann an Gàidhlig?

Carson nach cuireadh Comhairlean an Fhoghluim anns aGhaidhealtachd air chois càmpaichean airson sgoilearan (16-18) far am biodh, chan e mhàin fealla-dhà, ach deasbad is òraidean is conaltradh air cùisean a bhuineas don Ghàidhlig? Thatar adèanamh so anns aChuimrigh. Saoil nach gabhadh e dèanamh an Alba cuideachd?

Chan eil an sin ach beagan bheachdan air dòghannan anns am faodamaid an òigridh a phiobrachadh mus tig giorra-shaoghail air aGhàidhlig. Feumaidh sinn ceann an amuill a chumail ri cleachdaidhean an latha anns a bheil sinn beò. Chan eil sin ri radha gu feum sinn nithean luachmhor nan amannan a chaidh seachad a leigeil ris na gaothan. Tha sinn dualach an diugh a bhith leantainn amhóir-shluaigh, co-dhiù, ’sann air slighe cheart no cheàrr a tha iad. Gu cunbhalach tha sinn atréigsinn nan nithean as uaisle air sgàth nithean as suaraiche. Chan e an òigridh fhéin as coireach mas fheàrr leotha Mòrag á Dunbheagain na Mo Nighean Donn á Còrnaig. an còrr a dhiarradh tu an uair a bhios an fheadhainn a tha gabhail orra fhéin a bhith strì ás leth na Gàidhlige aleigeil ris don t-saoghal mhór an creuchdan agus afalach nan nithean as uaisles as prìseile?

Ma tha ath-leasachadh gu bhith air aGhàidhligsann an lùib na h-òigridh a dhfheumas e tòiseachadh. Tha iomadach cnap-starra as an rathad. Cha do rinn mise fuasgladh air a h-uile ceist a chuir mi agus cha mhotha thairg mi leigheas airson nan creuchdan. Ach tha min dòchas gun gluaisear cuideigin eile gus mo bheachdan a theannachadh, no a riabadh ás a chéile anns an ath àireamh de Ghairm.

titleAn Oigridh agus a’ Ghàidhlig
writersJohn Alick MacPherson
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Iain Mac-a-phearsain in Gairm 42 %p

parent textGairm 42
<< please select a word
<< please select a page