[223]

Fios Bho’n Bhard

Le DONNCHADH MACDHUN-LEIBHE (Pretoria.)

( ’S iomadh litir thlachdmhor a fhuair sinn bho Dhonnchadh MacDhun-léibheann s na deich bliadhna a chaidh seachad. Fhuair sinn aig deireadh 1961 a chuir iomagain oirnn, ach gu fortanach tha ar caraid an déidh togail air a rithist, agus tha spionnadhna ghuth agusna sgrìobhadh mar as àbhaist. Tha fhios againn nach can e dad nas miosa naAm peasan!” nuair a chì e an earrainn bheag so den litir aige an clò, oir tha i asoilleireachadh dhuinn màthair-aobhar na bàrdachd a chuir e thugainn.)

Tha an bhliadhna an éis a falbh, agus theab mise falbh leatha. Ataim, tha mi am bith, agus tha mi acur dearbhadh dhuit air a sin an luib na litreach so, ach o chionn ceithir-latha-deug bha mi am bith agus bu e sin uile. Cha robh an teàrnadh ach caol. A rèir nan leighichean is e bha ceàrr gun do chùm mi ògail ro fhada, mar gum beadh, agus thàinig an aois ormna ruathar. Ach an déidh mo sgrùdadh leleighichean sònraichte” (specialists)a ghabh dealbhan de gach gnè (cardiagraphs , X-rays,tinneas nan cuislean am eanchainn le inneal nuadh 7c) agus an deaghaidh slugadh de phillichean, tablaidean, capsulan, phùdar agus measgachadh agus a phuinnseannachadh leth sgìreachd, tha mi am bith agus adol am feabhas. O chionn seachdain cha robh de lùth am mheòir is a thogadh an pheann agus cha chuimhnichinn eadar an leaba agus an dorus.

Tha na rannan a tha mi acur chugad car muladach airson duilleagan shunndach Ghairm, ach tha iad fìor. Cha bu mhisde cuid de na sreathan agus de an ranndachd beagan bleith agus lìomhadh, tha iad garbh an suds an so, ach ged, ar leam, tha sin am chomas, tha an oidhirp thar mo chomais. Tha mi glé fhann fhathast. Agus tha an rogha leth-sgeul agam. Chomhairlich na leighichean gun mi a ghabhail ealla ri nithean cudthromach sam bith, oir tha iad am beachd gu bheil cuislean meanchainn air fàs brisg. An e, ma ta, “Ataim[224]


[225] guileag na h-eala? Chan e, tha mise adol a dhol nas fheàrr agus acur romham gum faic thuannas mo làimhetacan fhathast. Ach tha mi fìor bhreòite, rud annasach dhòmhsa . . . .”

Ataim

Atàim, is eadh, atàim, tha mise am bith
measg greadhnachas, is uaill, is maoin an bhaile mhòir
le ceudan agus mìltean thanan ruith
mar sheangain shiùbhlach -chlaoidhte cur ri an stòr.
San aitreabh so tha sruthan shean is òg
gach latha asruthadh mar an abhainn dhian,
ach fhathastmeasg nam mìltean slòigh
tha mise an dìthreabhmar an fàsaich chian.

Tha mise am biththa is gun fhios do chàch
a tha gun omhail is gun suim air neach
a tha mar fhuidheall nach eil nis asnàmh
air sruth na tìm, ach ann an òb fa seach;
an còs fa seach aig oir is taobh na bruaich
an cuairteig mhairbh air leth o chom na h-aibhne luath,
an abhainn shiùbhlach ruith mar each gun stuam
air bhàinidh dheirg an éis a réis gu cuan.

San deasboireachd is conaltradh a tha gun tàmh
mum thimcheall aig luchd aigeantachd an t-saoghail,
an saoghal beò nach aithne pian no pràmh,
tha mise balbh, am thosd; mo shaoghal mu sgaoil.
Mi am chrùban crom is creat mo bheathana smùr,
na cabair bhriste asadadh dian mum dhruim
s mum ghualaibh; agus anns an stùr
tha ballachan mo bheatha is iadnan tuim.

Ach tha mi am bith, an cuimhnichean na dhfhalbh,
an cuimhnichean a thig aiteal gréinno tonn na gaoithe,
na cuimhnichean as mìlse is tric iad searbh
is geur, mar threaghad troimh manam, treaghad, och, aghaoil.
Tha mise am bith, tha an cuimhnichean gaoil,
an cuimhnichean tha ag iadhadh mall gun tàmh,
ag iadhadh, toinneamh, measgachadh mar cheò air slios na beinne mhaoil
asnàmh troimh chéile, is mise meilichte, sith-fhannaichte, gam chnàmh.


[226]

Ach, O, nach tigeadh tuil gu bàrr nam bruach
a sguabadh tur gach cuairteag agus còs
air uchd na h-aibhne bhraisna leumraich luath,
na cobhrach gheal ag ionnlaid glan gun ghò
gach aisling, cuimhnichean, is beachd is smuain,
iad uile, lom-lan còmhla, air a h-uchd asnàmh;
is mise fòs, is eadh, mise fòs, a luaidh,
nam dheann, le ailghios, snàmh gu cuan an tàimh.

O, luaidh nan luaidh a tha fo an sgàile thall,
ged chaochail thu, cha tusa, ach mise, dhfhuiling bàs.
Tha thusa am bith, is tfhiamh-ghàire bhòidheach mhall
mar aiteal aingealach loinneil gam smèideadhs atoirt fàs
do msgiathaibh a ghiùlanas mi troimh an sgàil,
an ceathach tha eadar sinn is saoghal na suain,
sam bi sinn suaintle chéile an déidh toirt buaidh air bàs
an glòir, an suaimhneas, ’s an aoibhneas tha bith-bhuan.

titleFios bho’n Bhàird
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Donnchadh MacDhun-léibhe in Gairm 42 %p

parent textGairm 42
<< please select a word
<< please select a page