[227]

Cuairt Air Ceos

Le RUAIRIDH MAC A’ GHOBHAINN

’S an deanntagach ruadh
Fàs suas sachagailt bha blàth.”

NACH tric a thig an smuain a tha sin gu ar n-aire nuair a bheir sinn cuairt agus a chì sinn tobhtachan a bha aig aon uairnan ionadan fasgaidh do mhuinntir a tha nis air falbh. Tha a h-eachdraidh fhéin aig gach tobhta, agus chan ann a-mhàin aig na tobhtachan ach aig iomadaidh àite eile a tha air an ainmeachadh ás déidh daoine àraidh no airson àraidh a thachair aig na h-àiteachan sin.

Thug mi cuairt timcheall baile mo sheanar, Ceòs ann an Leódhus, bho chionn ghoirid, agus bha minntinn adol air ais gu seanchasan a bha mi air a chluinntinn muSeann Cheòs”. Thòisich mi aig Glaic nam Fiadh, agus ged nach eil fiadh ri fhaicinn ann an diugh tha e cinnteach gu robh iad ann aig àm a choreigin. Tha fear anns abhaile a tha gu math seachad air aleth-cheud a mhionnaicheas gu fac e fiadh anns aGhlaic nuair a bha ena bhalach, agus an uair a dhfhaighnicheas tu dheth rinn e nuair a chunnaic e am fiadh, their e: “Chaidh mi ás a dhéidh le sguab chorca!” Ged is ann caol a bha a dhòchas air gréim fhaighinn air an fhiadh s urrainn a radh nach fhaca e e?

Tha dhà no thrì thobhtachan anns aGhlaic agusnam measg tha tobhta Aonghais Mhóir. Nam biodh e an diugh adol a thoirt cuairt troimhn Ghlaic dhfhaodadh e a ràdh mar a thubhairt am bàrd:

Seileach is luachair,
Cluaran, muran is stàrr
Air tachdadh nam fuaran
An dfhuair mi iomadh deoch-phàit’.

Oir tha am fuaran a bha ri taobh a thighe ann fhathast gun dad a dhìth oirre ach a glanadh. ’Se duine eirmiseach a bha ann an Aonghas Mór tha e coltach, agus air àraidh, is e féin agus nàbuidh dhànan seasamh aig ceann an tighe chunnaic iad fear ris an cainte Dùbhghall le gobhar, ’s e dol ga bhualadh air raon. “Aonghais”, ars am fear a bha còmhla ris, “Seall air Dùbhghall leis aghobhar”. Rinn Aonghas e féin dìreach agus sheall e taobh Dhùbhghaill agus ars esan ri charaid: “ am fear acair a bheil Dùbhghall?” an strainnsear don bhaile a burrainn an diugh a radh gur h-iomadh oidhche shona a chuir Aonghas seachad anns aGhlaic còmhla ris a’


[229] chù, “Brudan”, a bheireadh a-steach dhà fàdan mònach ás achruaichna bheul.

An déidh aGhlaic fhàgail thàinig mi gu Leac na Ceàrdaich. Tha an leac ann fhathast ach chan eil foir air acheàrdaich. ’S iongantach mura robh gleadhar gu leòr timcheall air an àite so uaireigin, oir far a bheil Tigh an Dotair an diughna sheasamh bha an seann tigh-sgoile, agus tha mi acreidsinn gu robh am maighstir-sgoile coltach ri maighstir-sgoile Goldsmith a bhapassing rich with forty pounds a year” .An dùil an robh e riamh air cluinntinn mun E.I. S. agus an S.S. A., agus mar a tha iad gu tric an amhaichean a chéile?

Dlùth do Leac na Ceàrdaich tha an seann Phost Office, no seann tigh Aonghais Alasdair a bhana shaor, agus mun duirt Murchadh Gobha a bha greis ateagasg ann an sgoil Chnoc-Iain-Duibh:

Aig taobh an t-sàile tha saor atàmhachd
An laoch chaidh àrach air bràigh nam mòinteach
Chan iarrainn àicheadh ach bhithna nàbachd
Tha chialls a chàirdeas toirt bàrr air móran.

Dhfhàg mi tighan laoich chaidh àrach air bràigh nam mòinteachagus rinn mi mo rathad chun na seann eaglais, agus nach ann mu dheidhinn an ionaid so a bha Murchadh Gobha alabhart nuair a thubhairt e:

Gach latha Sàbaid an Eilean Hàbhaigh
Than soisgeul blàth ann le Maighstir Dòmhnall.

Tha ballaichean na h-eaglais fhathastnan seasamh gu daingeann mar gum biodhna charragh-cuimhne don ghinealach a tha ag éirigh suas gum be so àite far an robh an athraichean acruinneachadh a dhéisdeachd ri Facal an Tighearna.

Bhiodh e freagarrach an déidh dhomh bhithnam sheasamh aig an t-seann eaglais gum falbhadh mo smuaintean chun an t-seann mhansa. Tha am mansa fhathastna sheasamh agus suidhichte anns an àite far an robh Sir Seumas MacMhathain an dùil an caisteal a thogail. Tha eachdraidh air cùl amhansa agus nach biodh eachdraidh gu leòr ann ged nach biodh ann ach gun chaidil Mac an t-Srònaich ann uair no dhà.

Bha an oidhche atuiteam agus bha mi atighinn gu ceann mo chuairt, ach air an t-slighe dhachaidh bha an smuain ud fhathast air maire:

“ ’S an deanntagach ruadh
Fàs suas sachagailt bha blàth”.


[228]

Seann Cheòs. Chì sibh Leac na Ceàrdaich samheadhon. Tha e iomchuidh gu leòr gur h-e garaids a tha an diugh air làrach na ceàrdaich.

(an dealbh le Niall MacLeòid, Glaic nam Fiadh)

titleCuairt air Ceòs
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Ruairidh Mac a’ Ghobhainn in Gairm 42 %p

parent textGairm 42
<< please select a word
<< please select a page