Comhstri Na h-Ath
Le RUAIRIDH MACGILLEATHAIN
UAIR dha robh an saoghal ’se bothan glé fheumail a bha san Ath, ged nach robh ar gnìomh uaireannan a’ sealltainn gu robh sinn a’ faicinn a feumalachd.
Bhiodh sgrath air an àirigh agus tughadh air a’ mhuilinn ach ’se sop còmhlaich an sud ’s an so a bhiodh air an Ath ’s cha mhór nach biodh a h-aisnichean cho lom ri staingean cléibh. ’S iongantach mar a h-e sin a thog a seanfhacal “Tughadh na h-àth air a’ mhuilinn ’s bior na surraig air an àirigh”.
Bha òrain na mùillne caithreamach agus ’sann tearc a bha am bàrd nach tug a-steach an àirigh ’na ruinn, ach cha bhiodh guth air brònag ach bho an té a bha ri suirighe innte ’s a’ seinn “Có bhios tuilleadh as an àth ’s mo ghràdh a’ dol a sheòladh”. Nach ann ri h-ursainn, na ’n ann ri beàrna nan lios, a gheall Seònaid gum pòsadh i Seonaidh ged nach do ghléidh i a gealladh fada? Tha e coltach nach e coire na h-àth no laige gaol Seònaid a dh’ fhuasgail a’ snaim sin ach bial dhaoine a bha togail luath an coimhearsnaich ’s gun an cagailt fhéin sguaibt. Bha i ’na cur-seachad do chlann a’ bhaile a bhiodh a’ marcachd air a taobhanan ’s dol a falach ’na surraig. Nuair a dh’ fhàgadh iad a’ sgoil ’sann innte a bhiodh iad ag ionnsachadh a’ chiad bhreab do rìghle an t-sabhail mun dùirigeadh iad a dhol gu dannsa an rothaid. ’S iomadh pige liunn a thainig aisde mun cuala sinn guth a riamh airfour and a half,a’ Bheurla a bhiodh sinn gu tric a’ cluinntinn nuair a bhaProhibitionsan tìr. Thainig biadh dhaoine agus bheathaichean aisd’ ’na latha ach ’se càr a chunnaic mi ann an té o chionn ghoirid. An ann airson a chumail bho na rùide a chaidh an càr a chur dh’an àth? Tha mi creidsinn gun cuala sibh mu dheidhinn an fhir a thug càr faileasach dh’an Eilean am bliadhna, ’s nuair a chunnaic a rùda mór a dhealbh na chliathaich theich e gu dheireadh, bhuail e an dealbh ’s chuir e cliathaich a’ chàr
Nam b’ aithne dhi labhairt an canadh i ’n dràsd
’Se an àirigh as trice tha ’n gibhtean nam bàrd,
Ga moladh le ’m bilibh gu minig ’nan dàin,
’S cha chluinn mise luinneag air surrag na h-àth.
Nach iomadh cur-seachad bhiodh agaibh fom’ sgàil
A’ cluich air mo bhalla, mo thallan ’s mo làr
’S a’ tughadh mo chabar le sgathadh a’ bhàrr,
’S cha chluinn mise luinneag air surrag na h-àth.
Tha fonn air na beannaibh, na bealaich ’s na càirn
’S air creagan a’ chladaich ’s air sgeirean na tràigh;
Bha fonn air an fhairge ’s air tuirmean an t-sàil,
’S cha chluinn mise luinneag air surrag na h-àth.
Tha eilein na mara sna rannan mar thà
’S gach abhainn tha tarrainn a’ bhradain gu bàgh
Bho charan Ceann Bharraidh gu casad an Steàrr
’S cha chluinn mise luinneag air surrag an h-àth.
Bha suirigheach le leannan a’ caidreamh gu là
Gun chuibhrig gun phlaide gun teine gun bhlàths,
Gun ghuth air an dachaidh no cadal no tàmh,
’S cha chluinn mise luinneag air surrag na h-àth.
Ri ursainn mo dhoruis a theannaich e ghràdh
A chaileag ’na shealladh bu mhaisich na càch,
’S i gealladh nach mealladh i esan gu bràth,
’S cha chluinn mise luinneag air surrag na h-àth.
Nach deanainn tigh falaich, tigh stalla ’s tigh fàth,
Nach deanainn-sa donn dhuibh ur luinn ’s ur deoch slàint,
Nach tìorainn an sìol ás an dias dh’ an a’ bhrà,
’S cha chluinn mise luinneag air surrag na h-àth.
Bha loth is an searrach, an t-each is an làir,
An t-agh is an damh agus gamhainn na bà,
Ri crùbadh ri m’ fhasgadh bho ghreannadh na Màirt,
’S cha chluinn mise luinneag air surrag na h-àth.
Nach ealant air còmhradh tha ’n comhairleach ’s a chlàrc
A fhuair dhuinn na ròidean tha còmhnard le teàrr,
’S a dh’ ainmich na bailtean mun rachadh sinn ceàrr,
’S cha chluinn mise luinneag air surrag na h-àth.
Tha mhuilinn gun mhullach ’s a shruthlagan fàs,
’S tha mhachair ’s an fheannag ’s na fearainn dol bàn,
’S a’ bhothag ’s an clachan nas ainneamh na bhà
’S cha chluinn mise luinneag air surrag na h-àth.
Tha chagailte falaicht le raineach ’s le stàrr
’S le cuiseagan frasach a dheasaich a’ Mhàigh,
’S an teallachan falamh gun shradag gun fhàd,
’S cha chluinn mise luinneag air surrag na h-àth.
title | Còmhstri na h-Ath |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Ruairidh MacGilleathain in Gairm 42 %p |
parent text | Gairm 42 |