Coire Iongantach
Bha a’ chiad coire electric air tighinn do ’n àite agus bha fear aig Bean Nìll Bhuachdair. Có a thadhail a-staigh ach Aonghus Beag (Aonghus Beag Mac ’IllFhialain nan naidheachdan) agus beagan an éis dha suidhe thug Bean Nìll làmh air a’ choire. Lìon i e agus cheangail i an t-earball, agus chuir i air an ùrlar e. Bha Aonghus a’ gabhail ealla rithe ’s gun fhios aige gu dé bha dol a thachairt, ach nuair a thuig e gun robh an coire a’ goil, ars esan, “Moire, ’sann agadsa tha an coire. Chan eil agad ach a chur air an ùrlar agus cnag a stobadh ’na thòin agus goilidh e.”
title | Coire Iongantach |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Gairm 42 %p |
parent text | Gairm 42 |