[171]

An Galair

LE CAILEIN T. MACCOINNICH

CHUIR an dotair a làmh air a ghualainn: “Tha mi duilich a charaid, ach chan eil an còrr ann as urrainn sinne dheanamh rithe. Tha sinn air ceann ar teadhaire a ruigheachd, ’s chan eil air ach aideachadh gun do rinn so achùis oirnn. Faodaidh tu a toirt gu Oilthigh Mór Luabhaltas bheir mise dhut litir gu Ollamh Lebhonn, ach tha mór eagal orm . . .” Shìolaidh a ghuth air falbh, ach cha robh feum an tuilleadh a radh. Thuig am fear-éisdeachd gu ro mhath.

Cha do rinn briathran an dotair ach eagal féin a dhearbhadh. Cha robh leigheas ann da mhnaoi òig, ’s rud a mheudaich a thùrsa, cha burrainn lighiche ainm a chur air a tinneas.

Sheall Arman air an dotair; “Tha mi fadanur comain airson na rinn sibh agus fo fhiachan do na lighichean eile a shaothraich maille ribh o chionn thrì mìosan. Tha mi tuigsinn nach eil feabhas dhi ann; chan eil aobhar dhomh dol nas fhaide, oir chan eil móran coltais gu lorg Luabhalta a dhfhairich air dotairean Eamraischan eil air an t-saoghal nas feàrr.”

Chrath an dotair a cheanns fiamha beag gàirena shùilean: “ ’Se an tuilleadh sgil is eòlais a dhfheumadh gach aon againn,” ars esan, “ach fàg Eilidh san ospadal, ’s mur urrainn sinn an còrr a dhèanamh, cumaidh sinn sùil oirre co-dhiù.” Shìn e làmh gu Armans dhfhaisg e làmh an fhir eile ann an spiorad co-fhaireachaidh.

Fada an déidh do Arman an seòmar fhàgail cha do ghluais Dotair Parlann ás àite suidhe; a bhathais an taic a bhasan, a shùilean leth-dhùinte, shaoileadh neach gur ann atuiteamna chadal a bha e. Ach bha ìnntinn ri dian chnuasachadh, aruith gu faicilleach thairis air gach tinneas is eucail a làimhsich e riamh aig am faodadh coslas a bhith ris an euslaint so a bhuail abhean òg a thugadh a-steach don tigh-eiridinn o chionn còrr is trì mìosan.


[172]

Ach air cùl ìnntinn, domhainn an grùnn a mhothachaidh bha faireachadh nach robh a chnuasachadh ach dìomhain; cha robh tinneas na galair cuirp na ìnntinn a thachair air dhà fhichead bliadhna mar dhotair ri choimeas ris anbha e duilich dha ainm a thoirt dhàuireasbhuidh so.

Nuair a phòs Arman Mac-an-Tuairnear Eilidh bha ina gruagaich mhaisich fhallain, deas am bodhaigs geur thuigseach am buadhan ìnntinn; mu shia mìosan an déidh pòsadh theann an t-atharrachadh. Thòisich a càil do bhiadh coitcheann cumanta a tréigsinn agus fo dheireadh chan fhuilingeadh i feòil na aran na gnè de mheas na lus thalmhaidh fhaicinn. Bha i tighinn beò air iasg, maorach, duileasg achladaichs dhòladh i sàl na mara mar dhòladh neach eile uisge fuarain! Theann dath a craicinn air caochladh gu fiamh uaine, agus an rud a bu neònaiche, cha dug sin dad o bòidhchead nàdurra. Achse bu mhotha chuir dragh air a fear gu robh a h-inntinns a smuain ag atharrachadh: aig amannan shaoileadh duine gu robh i air saoghal dhi féin. Shuidheadh i airson uairean a thìde gun ghluasad, fradharc fad-ásna sùileans aig uairean thòisicheadh i bruidhean rithe fhéin an cànan luath mìn nach tuigeadh neach ach i fhéinma bha i ga thuigsinn.

Troimhn oidhche bhiodh aislingean draghail ga buaireadhco-dhiù bha h-uile coltas gur aislingean draoluinneach a bhann, oir ghlaodhadh i mach gu tric an guth àrd cruaidh an eagail, ’s bhiodh a colainn fliuch le fuar-fhalluss i ga snìomh fhéin air a leabaidh. Dhiùlt i gu tur a radh bha i faicinn na bha cur eagail oirre, chan ann mar neach a bhiodh acleith na ceiltinn le deòin ach mar aon nach burrainn innse. An toiseach shaoil Arman gu faodadh i bhith an dùil ri leasachadh teaghlaich, ’s nach robh san togradh annasach bidhe ach a bha co-cheangailte ri leithid sin a shuidheachadh. Ach nuair a chaidh a càradh thairis air reusan thòisich e ri fàs draghail a thaobh a h-ìnntinn, ’s nuair a rinn an lighiche dearbhta dha nach robh a mhnaoi idir an rathad teaghlaich chaidh e fo fhìor iomagain.

Thugadh Eilidh gu ospadal mór Eamraiss chuireadh i fo chùram an dotair a bainmeile san Roinn-Eòrpaan t-Ollamh Parlann Guaidhre, lighiche a choisinn cliù is urram ann an iomadh ceàrn den t-saoghal. Fad thrì mìosan rinn Parlanns a cho-oibrichean lorg is beachdachadh is leughadh nach drinn iad riamh roimhe mu dhuine tinnach gu dìomhain aig crìoch na cùise.

Chaidh Parlann thairis air gach ceum a ghabh e fhéins a cho-


[173] ìmpirean ann a bhith sgrùdadh an tinneis neònaich; gach dòigh rannsachaidh a dhfheuch iad, gach comhairle shir iad á rìoghachdan eilegu somharraichte na beachdan a thàinig ás aGhearmailt, ás an Ruiss á Ameirica. Aig achrìoch bha iad cho mór an duathars a bha iad an latha thugadh Eilidh a-steach thuca.

Rinn e osnadh throm, chrath e cheann, ’s bha e sìneadh a-mach a làimhe gu ruigheachd air cungaidh gach sprochd is éisleanaphìob thombaca, nuair thainig bualadh briosg air an dorus. Chuir e seachad aphìobs an guth sgìth thubhairt e, “Thig a-steach.” Dhfhosgail an dorus, sheall Parlann air an fhear a bhana sheasamh eadar na h-ursannan airson greiss thubhairt e rithistThig a-steach.” Sheas am fear eile ageur amharc air an dotair mar gum biodh e lorg aithnena shùilean, ’s an sin thubhairt e. “Chan eil e mar iongnadhdeich bliadhna fichead agus is iomadh atharrachadh a bheir teas is fuachd, bròn is sòlas air duine san ùine sin.”

Cha luaithe a bhruidhinn e na ghluais cuimhne Pharlainn. Cinnteach gu leòr thug na bliadhnaichean atharrachadh; nuair bha Ringean còmhla ris san oilthigh bha ena ghille tiugh, mìn sachraiceann, a ghruaidhean ruiteachs aodann làn breaca-sianan, ach bha fear a choisich a-steach troimhn dorus, caol cruaidh, aodann cho ciar ri cnòs achuid mhór dheth fo fhiasaig. Ach cha dainig caochladhna ghuth na an lasair bheò a shùilean. Ghabh Parlannna choinneamhs ghlac iad làmhan a chéile an cruaidh ghréim achàirdeas nach dean astar na tìm a mhùchadh. Bha iad greis ag amharc a chéile gun fhacal mar gum biodh alorgs ag àireamh gach sgorradh a rinn triall nam bliadhnaicheannan gnùis. An sin tharraing Parlann achathair bu shocraiche san t-seomar a-nall ri taobh àite suidhe féin, thrus e botul is gloinichean a-mach á preasa agus chuir e sheann charaidna shuidhe aig a shaorsna. Lìon en ghloine.

Seadh a nis, a Ringein, innis dhomh sgeul fhada mhic-stròigheil.” Rinn Ringean gàire. “Tha i cho fada, a Pharlainn, ’s nach e latha agus bliadhna a chuireadh crìoch oirre. Tha fhios agad, nuair a dhfhàg mi òilthigh Linbheidh nach robh san t-sealladh agam ach an saoghal fhaicinn, ’s on dhfhàg dìleab mo sheanar mi an càradh neo-eisimeileach, chunna mi achuid bu mhotha dheth o choinnich sinn mu dheireadh.”

“ ’S chaill sinne an dotair a bfheàrr a thainig riamh á colaistenach robh do choguis acur dragh ort fad nam bliadhnaichean?” Sheall Parlann air gu geur. Thog am fear eile a ghuaillean; “Bha


[174] dùil agam nach bu chòir coguis a bhith aig dotair co-dhiùach gu fàth mo sgialachd. Shiubhail mi aGhearmailt, an Ruis, Ceann a Deas Ameirica, Sìna, na h-Innsibh, an Eipheit, Eileanan aChuain a Deas agus corra cheàrn eile air mo thuras agus tha mi dùil a rud nach fhaca mi air mo chuairt nach fhiach e bruidhean air. Ach mu ddheidhinn fhéin?”

S ann á Bòrneo a fhuair Parlann an litir mu dheireadh o sheann charaid agus bha sin o chionn chóig bliadhna. Sgrìobh e freagairt ach an còrr cha chual e o Ringean gus an do nochd e stigh air gun fhàth gun fhaireachadh. “Oars esan, “Tha mise an so gun atharrachadh acosnadh mo bheòshlaint, atoirt a chreidsinn orm féin gu bheil mi leasachadh cor achinne-daoin’, ’s mar a bàbhaist, aconnsachadh ri mo cho-ìmpirean. Sin meachdraidh an iomlanachd.”

Thog Ringean a ghloine, “Tha thusa gun atharrachadh ceart gu leòr, cho màldas a bha thu riamh. Ged bha mise mar eun-siubhail chan eil e idir an duathar orm gu robh gach bliadhna acur urram ùr ri dainm. Chan eil aobhar a bhith diùid a-measg chàirdean; deoch slàinte an Ollamh Parlann prìomh dhotair an domhain.” Thràigh e ghloine le ealan an fhir tha cleachda ris anstuth chruaidh. Chrath Parlann a cheanns tharraing e bhas thairis air a bhathais.

Tapadh leat, a Ringein, ach bfheàrr leam gu robh sin fìor. Nam bitheadh cha bhiodh mo theadhaire cho goirids a tha e an ceartuair. Ach innis dhomh co ás do cheums gu an soirbheas a shìob thun taobh so.”

Bheil cuimhn agad nuair a sgrìobh mi thugad ás Bòrneo gun dubhairt mi riut gu robh mi air tòir a bha colach ri bhithna ghnothach cudthromach an sùilean lighichean an t-saoghail? Matà, thug mo rannsachadh an so mis mur eil mi air mo mhealladhse crìoch mo thurais ceann-fàth diomagain an dràsda.”

Chan eil thu ciallachadh . . . .” stad Parlann, ’s ghrad leum a smuain thun na mnatha òig a bhana laighe san ospadal. Sheall e air a charaid mar gum biodh e feitheamh ris gu crìoch a chur air na briathran. Dhaom Ringean a cheann. “Dìreach sin,” ars esan, “Choinnich mi ri Artair san Eadailt o chionn seachdains nuair thug e tarraing ort fhéins air an te uaine thuig mi gu robh ceann na slighe am fagus. Tha mi air a bhith rannsachadh a-mach an tuilleadh mun chùis on uair sins chan eil an teagamh as lugha agam nach eil am prìomh shampall againn an ospadal Eamrais.”


[175]

Am prìomh shampall . . . . dheth? Gu air a bheil thu bruidhean?”

Gabh mo leisgeul, a Pharlainn, ma tha mi ruith air thoiseach air mo sgeul. Tha fhiosam nach do rinn mo litir buileach soilleir gu bha min tòir air, achse sùim na cùise nach i bhean òg so achiad duine a bhuail an galair a tha air dùbhlan a thoirt dhutsa— ’s do phrìomh lighichean an t-saoghail. Tha mise air còrr is da fhichead duine, fireann is boireann fhaicinn air an robh an euslaint cheudna; mothaich gun dubhairt miair an robh’ —chan do sheas aon dhiubh ris na bfhaide na fichead lathas cha robh barrachd air leth-dusan a mhair cho fada sin fhéin. Tha h-uile colas nach toir e am bàs dhi so idirbfheàrr gu mór gun toireadh— ’s tha aobhar math agam a bhithg radh sin.”

Stad e gu aithghearr mar nach biodh e deònach an còrr a radh, ach bha inntinn Pharlainn a nis adian-losgadh le ceisdean, ’s on chaidh e cho fad air adhart cha robh tighinn ás aig an fhear eile ach cumail roimhe. Rinn e sin gu socair, faicealach mar nach biodh e togarrach air a charaid churna bhreislich.

Thachair an galair orm an toiseach an garbh-chrìochan Thibet. Tha cuimhnagad cho mórs a bha mùidh air amheur shomharraichte sin de ealan-leighis anns acholaiste. Chan eil aobhar ìnnse dhut mu thimchilllean an tinneas an dearbh chùrsa chunna tu san thagaibh san ospadal, ach bhan gille so marbh an ceann naoi latha. Cha dfhuair mi cothrom móran rannsachaidh a chur air chois, ’s cha ligeadh na càirdean leam an corp fhosgladh an déidh a bhàis. Ach chaidh e ás mo chuimhne gus an do thachair mi air an dearbh euslaint a-measg treubh iomallach an Ceann-a- Deas Ameiricaboireannach mu dhà fhichead bliadhna dhaois. Mhair ise sia latha deug; ged fhuair mi cothrom air a corp-se a chur fon lannsa cha do chuir e solus sam bith air a tinneas. Sheas an ath duine a thachair orm còrr is trì seachdainean fon ghalair— ’sann am Bòrneo a lorg mi fear soach thug em bàs dhàsan cuideachd. Cia lìon eile air feadh an t-saoghail a bhuail an eucail a bhàrr air na choinnich ormsa, chan fhios dhomh, ach mhothaich mi somharraichte mun ghnothaich; an toiseachnam fhiosrachadh-sa co-dhiù, ’sanns gach àite biomallaiche na chéile a nochd an galair so e féin. An dara , bha gach duine mar bha tachairt orm aseasamh ris na bfhaide, mean air mhean. ’Sann air taobh a siar Africa a chunna mi am fear mu dheireadho chionn mhìos— ’s mhair esan, mar a thubhairt mi, fhichead[176]


[177] latha. A nis tha boireannach so agaibhse for làmhan fad thrì mìosan; ’ chiadd uine geal a ghabh an galair cho fads as aithne dhòmhsa, ’s chan eil i air dol air ais ceumna slàinte chorparra on bhuail e i. Bheil sin aciallachadh sam bith dhut?” Stad Ringeans sheall e gu geur air a chompanach.

Bha Parlannna thosd airson tacan, ’s an sin chrath echeann. “Chan eil a thubhairt thu cur an t-soluis as lugha air achùis. Tha e iongantach gu bheil na h-uimhir ann a bhuail an tinneasmas e tinneas a thann, ach tha mise san dorchadas fhathast, tha eagal orm. An dàinig thu fhéin gu co-dhùnadh sam bith mun chùis?” Bha cheist dìreach, rianail gu leòr ach shaoileadh neach gu robh duilgheadas aig Ringean a fhreagairt a chur am briathran reusanta. Mu dheireadh thàinig e mach leis.

Thàinig. Chan e galair tha so idir, anns an t-seagh nàdurra. Tha e ro cholach ri obair inntinn òrdail duine.” Stad e, ’s a shùil air an fhear eile. Rinn Parlann lasgan gàire. “O Ringean, bha mi dùil gu robh thu air fàs suas. Cogadh nan Galairean. Innleachdan na Ruis. Dotairean air chuthaich afeuchainn a-mach dòighean ùra air an cinne-daoin atharrachadh . ! !”

Ach cha robh gàire air aodann Ringean idir. “Bha mi cinnteach gur ann mar sin a ghabhadh tu e,” ars esan, “ach tha eagal orm nach bin gnothachna chula-spòrs dhut fadana do neach eile, ma tha mo bheachdsa ceart. Chan i Ruis na Ameirica na dotairean air chuthaich tha cur dragh orm ach cumhachd an coimeas ri nach eil ar luchd-foghluim as àirde ach mar leanabain.”

Bheil thug radh gur eanchainn na mac-meanmna neo-thalamhaidh thair cùl so?” Bha guth Pharlainn -chinnteach, faodaidh draghail. Creutairean á saoghal eile, bithean bho phlanaid chian, o chrios gréine a-mach air crìochan aghrioglachan-reult so! Aird an amaideisach mun ghalair? Cha robh mu thimcheall a bhuineadh do eucail thalamhaidh a chunnaic na leugh na chuala e iomradh air.

Leig Ringean leis inntinn a chur an òrdugh mun do fhreagair e.

Dìreach sin, a charaid, ’s tha min dòchas gun tuig daoine e mum bi e ro anmoch. Faodaidh gu bheil e sin a cheana. Na foighnich dhomh ciamar na carsontha sin an duathar orm fhathast. Gu ghabhas dèanamh, chan fhios domh. Barrachd chan urrainn mi radh na gu bheil amharus agam mun ghné planaid ás a bheil so atuineachadh. Dhfhaodainn cuideachd a radh gu bheil amharus agam mun dòighs mun aobhar a tha air cùl aghnothaich.”


[178]

Cha dean e coire orm an còrr a chluinntinn on chaidh thu cho fada.” Ge bith bha an guth Pharlainn, cha robh fealla-dhà na àbhachdas.

Glé mhathair do cheann fhéin bitheadh e. Tha na creutairean a dhealbh achuilbheart iongantach so acòmhnaidh air planaid a tha fhathast fo chuangu beagaich. Chan eil sin ag radh nach eil iad air thoiseach oirnne an tuigses an eòlas. Cha chan mi gu bheil aca an coimeas siubhail air feadh na speur a tha againnefaodaidh gun do lean an rannsachadh meanglan eile foghluim mar tha leudachadhs leasachadh buadhan na h-inntinn. ’ mo bharail gu bheil iad deònach air am planaid fhéin fhàgail airson aon a bheir dhoibh cothrom an tuilleadh adhartais a dheanamh ann am fàs cuirp is inntinn. Ar leamsa gun do lorg iad an dearbh phlanaid a bha dhìth orra nuair a laigh achiad bàta-adhair on talamh so air an t-saoghal aca.”

Bha Parlannna thosd car greiseag an déidh do charaid stad. An sinTha thu den bheachd gun do ràinig bàt-adhair on talamh planaid air choreigin a-mach air aghrioglachan-reult dom buin an crios-gréine againne?” “Cha dubhairt mi sin idir: tha ceudan grian saghrioglachan so fhéin len crios phlanaid mun timcheall nach deach a sgrùdadh fhathast. Faodaidh nach eil an t-astar cho fìor anabarrach: mu na planaidean mun cuairt de aon den trì grian tha an Alpha Centauri? Bheil iad uile air an àireamh? Bheil fhios againn air gach mun timcheall?”

Chrath Parlann a cheann. “Chan eil, ’s tha coltas nach bi mion eòlas againn orra uileco-dhiù airson iomadh ginealach. Ach eadhoin ged a dhaontaichinn leat gu bheil sin comasach, bheil an dearbhadh as lugha agad gu bheilnad bharail ach faoin aislingbeachd a dhealbh thu airson solus a chur air aghalair so nach gabh solus a chur air?”

Dhéirich Ringeanna sheasamh; sgaoil e mach a làmhan. “Chan eil agam a dhearbhadh ach na thubhairt mimo mheòmhrachadh fhéin air achùrsa a tha an tinneas agabhail. Ach éisd rium: ma tha mise ceart chì sinn an tuilleadh dheth agus sin an ùine nach bi fadas an àireamh a chuireas eagal air an t-saoghal. Mur eil mise air mo mhealladh chan e dotairean a-mhàin ach prìomh luchd-riaghlaidh na rìoghachdan a bhios a sàs saghnothaich fo cheann amhìos.”

Chuir e crìoch air an drams shìn e làmh gu Parlann. “Chì mi thu an latha na dhà; chan eil dad as cinntiche na sin. Smuainich thairis air na thubhairt mi, oir bidh cruaidh fheum orts air gach dotair eile sna lathaichean thair thoiseach oirnn.”

Chaidh Parlann còmhla ris thun an doruiss an déidh feòrachadh


[179] dheth càit an robh e fuireach dhfhàg e slàn aige. Thill Parlann da sheòmar is neul air aghaidh a bha na bu duibhe na duathar na h-imcheist a bhair inntinn mun dànaig a charaid.

An ceann thrì latha thàinig fàidheadaireachd Ringein fìor. Fhuair Parlann fios cabhagach on Ollamh Lebhonn a Luabhalta e thighinn gun dàilbha cóignear air an làmhan an sin leis an Tinneas Uaine, mar bha daoine nis ga ainmeachadh. Lean brath eile ás Canada e agus an ùine nach robh fada bha dotairean Ameiricas na Ruis asireadh a chomhairles a chuideachadh. Bha an anshocair adian sgaoileadh ged nach robh an colas bu lugha gu robh i gabhaltach; muinntir a bha an comunns a làimhseachadh na feadhainn air an robh an eucail tur saor uaipe, ’s cuid eile nach robh i na bfhaisge na ceud mìle orra air an glacadh leatha.

Bha Ringean a-stigh nuair thadhail a charaid air. Cha robh feum air móran bhriathranbha an éiginn follaiseach don t-saoghal uile nis. Cha dubhairt e ri Parlann ach an aon fhacal— “Seadh? ”. Chuir esan a làmhan ri cheann. “Tha thu ceart gu ruige so co-dhiù, ’s tha mi aontach an còrr a shlugadh cuideachd, ceart na ceàrr e ma tha thun coimeas an cuideachadh as lugha na comhairle sam bith a thoirt seachad.”

Glé mhath,” arsa Ringean. “Tha mi air a bhith smuaineachadh o choinnich sinn agus so mo cho-dhùnadh; lorg bàta-adhair a chaidh air chall, na tha daoine creidsinn a chaidh a dhìthach a thìll air ais gun fhios do neach air aphlanaid so, agus lorgaidh tu màthair-aobhair aghalair so. ’Se obair a tha sin, tha fhiosam, ach cha dean nas lugha an cinne-daoin a shàbhaladh. Cleachd thusa gach ùghdarras a thagad, na fàg àite gun chur air ghluasad gu bhith farraid mu leithid de bhàt-adhairs ni mise nas urrainn mi. Tha aon atoirt dhomh beagan misnich agusse so echan urrainn gu bheil achuideachd tha cur an gnìomh toil nan coigreach lìonmhor; tha iad air siubhal anabarrach a dheanamh o chionn bheagan lathaichean ach a dhaindeoin astar siubhail dhaoine saghinealach so tha an saoghal fhathast farsaing.” Stad e, ’s an sin— “Bheil thu gam leantainn?”

Thafhreagair Parlann, “Tha thug radh gu bheil daoine talamhaidh a thìll o phlanaid chian choimhich air choreigin fo gheasaibh aig coigrich na planaid sin gu bhithg atharrachadh nàdur sluagh na talamhainn socarson, cha eil mi cìnnteach. Ma tha thu ceart ciamar air an domhain mhór a lorgar iadtha mi tuigsinn nach eil iad fhéin deifireach o dhaoine eile, an cruth co-dhiù, air neos fhada bhathar air an comharrachadh a-mach.”


[180]

Chan eil aobhar an cruth atharrachadh on taobh a-muigh; ’s leòr gum biodh an inntinns an toil air caochladh. Chan eil annta ach innealan gu rùn am maighstirean a choimhlionadh agus mar as lugha dhatharraicheadh an dreach thalamhaidhsann as feàrr an cothrom an obair oillteil a chur air adhart. bheil iad aig amhionaid so, ’sann aig àgh tha brath ach creid sochan eil iadnan tàmh. Tha mi air a bhith mion rannsachadh mu choigrich aig an robh gnothaich sam bith ris achuid air a bheil angalair” —co-dhiù a mheuds a ràinig mi orra san ùine bhagamach nuair bheachdaicheas tu air a lìon coigreach a choinnicheas ri duine eadhoin an aon latha chì thu cho beag adhartaiss a tha comasach dhomh a dhèanamh. Chan eil ann ach aon dòchas, gu lorg sinn cunntas air sgioba bàt-adhair air choreigin nach do thill— ’s chan eil iad lìonmhora bheir dhuinn co-dhiù tuaiream air coslas nan daoine. Sin e.”

Dhéirich Parlann, sheall e air a charaid agus sgioblaich e thuige ads a chòta. “Ceart na ceàrr thu, chan urrainn mise fuireachnam thàmh aguss fheàrr do bharail a leantainn na suidhe dìomhain. Ni mise na ghabhas dèanamh ach na cuir muinghin anns an dòigh san gabh an riaghaltas ri do bheachdan. Chì mi thu dhaithghearr.” Gun an tuilleadh còmhraidh dhealaich iad, Parlann an dian chabhaig.

Gu aindeòineach chaidh riaghaltas nan rìoghachdan air gluasad. Ach ged bha oifisean airm is lagha asìneadh a-mach spògan fada, ged bha maoir, dotairean, oifigich is sgoileirean an gréim san rannsachadh bu dùrachdaiche a chunnaic an saoghal riamh, chaidh fàth na cùise a chumail on mhór-shluagh air eagal gu rachadh daoine ás an ciall le uabhas. Bha seann nàimhdean mar bha Ameiricas a Ruis ag oibreachadh an guaillean a chéile oir chan eil a dhaonas slòigh na rìoghachdan colach ri tha bagradh nan uile.

Se Ringean a thog tòir orran toiseach. Faodaidh gu robh eg obair le inntinn na bu shoilleires le cinnt na bu làidire anns an a bha e lorg, ach an ceann chóig seachdainean chuir e mheur air teachdairean an uabhais. Feumar aideachadh nach robh e idir gun chuideachadh; thug Ameirica dhà làn chùnntas air sgiobadh aon bhàt-adhair a chaill iad o chionn bhliadhna. Thàinig sgeul eile da leithid ás an Ruis mu dhà bhata nach do thill, ach cha robh aon seach aon gu móran feum oir thachair an t-annradh anns gach cùis an ùine nach robh na bfhaide air ais na trì bliadhna. ’Sann ás aGhearmailt a thàinig am brath a stiùir e air achùrsa cheart: chaill iadsan bàta ùr nodha le triùir de sgiobadh o chionn sheachd bliadhna, agus rud a


[181] bu neònaichesann air turus rannsaichidh an crios-gréine Alpha Centauri a bha i. Le mór shaothair fhuaradh dealbhan an sgiobadh, chaidh na mìltean leth-bhreac a bhualadhs a chraobh-sgaoileadh os ìosal a-measg a luchd rannsachaidhs theann an tòir da-rìribh.

Ach chaidh na lathaichean seachad gun adhartas. Bhan galair asìor leudachadhs daoine fàs na ban-fhoiseile. Bha an glaodhs gach àite an aghaidh nan riaghaltas. Cha robh neach gun iomagain ach iadsan air an robh an galaircha robh e cur dragh idir orrasan. ’S a biongantaiche cha robh an eucail a nis abuintean ri sluagh ach sluagh dhùthchannan nan treubhan geala.

Bha so acur iongnadh air Ringean. Gach uair a choinnicheadh e fhéin is Parlann bheireadh e tarraing air. “Dhfhairich na daoine dubha, buidhe, ’s ruadh orra,” theireadh e, “ach dhoibrich an ealan air an duine gheal. Bha chiad fheadhainn a thachair ormsa de gach treubh, fine is dath, ach sguir iad a strì riutha uile nuair lorg iad nach seasadh ris ach an duine geal.”

Agus bi bheachd so a threòraich Ringean gu màthair-aobhair an ànraidh. Nuair thàinig sgeul air an tinneas bualadh an Sìna thog e air thun an Ear is Parlann maille ris. So mar a bha e reusanachadh: ma thòisich iad a rithist a-measg nan daoine buidhe feumaidh gu bheil rudeigin ùr aca ga fheuchainn, ’s bithidh iad deònach sùil a chumail air ciamar tha chùis adol airson seachdain na dhà. “So ar cothrom an ceapadh an aon àite, ma tha cothrom idir gu bhith againn,” ars esan ri charaids iad air bàt-adhair adlùthachadh air crìochan Shìna.

Chaidh achiad duine a lorgadh leis aghalair a chur air leths luchd-coimhead dearbhta an urra ris. Rinneadh an ceudna ris gach neach a bhathar alorgs chan e mhàin gu robh aig an luchd-coimhead ri sùil a chumail air gach duine thigeadh gan amharc, ach bha gach aon a nochdadh an ùidh bu lugha sna daoine tinn air an càradh am prangas. Chaidh so, duilichs ga robh e, chumail dìomhair. ’Se dòigh an-iochdmhor a bhann ach bha riaghaltas gach rìoghachd aig ceann a theadhaire. ’S cha robh fada gu robh iasg salìon.

Anns an treas ospadal air an do thadhail Ringeans a charaid lorg iad a-measg namprìosanachmac samhuil aon de na deilbh a thainig ás aGhearmailt. An ceann latha bha an dithis eile aca, ’s chuireadh an triùir fo gheàird faodaidh e bhith nach deach a chur mun cuairt air prìosanach riamh roimhe. Bha iad saGhearmailt an ceann cheithir latha agus cha bfhada gun do dhearbhadh gun an teagamh bu lugha gum biad an dearbh thriùir a bhana sgiobadh air abhàt-adhair a[182]


[183] chailleadh o chionn sheachd bliadhna.

Achse rud eile bhann fhoghluim gu thachair dhoibh air an turas na ciamar na carson a bha iad ris an olc a bha iad acur air adhart air an daoine fhéin. Cha robh dotairean na sgoileirean an toiseach deònach air móran suim a chur am beachdan Ringein, ach nuair a sguir an galair an déidh an ceapadh theann iad ri creideas a thoirt dhà. Seachd àraidh thaobhs nach toireadh aon dhen triùir aobhar seachad carson a chùm iad an tilleadh dìomhair. Cha robh ealan nach deach fheuchainn orra; chaidh an cur an suain le dotairean ìnntinn ach cha fhreagradh iad smid a bharrachds a fhreagradh iadnan dùisg. Nuair a bha gnothach air dùbhlan a thoirt do phrìomh luchd eòlais, thug Ringean a bharail seachad. Bha edeanamh barrachd a reusanachadhs a bha càch adeanamh a cheasnachadh dhìomhain.

Ars esan, “Nach eil e neònach nach eil iad fhéin idir fo bhuaidh a’ “Ghalair” —saoile cia mar chòrdadh e riutha?”

Thuig Parlann samhionaid bha e ciallachadh. Chuir e na cuibhlichean gu gluasad. Thugadh dithis na triùir air an robh an Tinneas Uaine an làthair an sgiobadh adhair; chàradh iad air bùird chaola nan ospadals rinneadh gach deasachadh àbhaisteach airson fuil a tharraing asda. Nuair a theannadh ri aon denchoigreacha dheasachadh air amhodh cheudna, thàinig fiamh an eagailna sùilean, chaidh iad mar gum biodh air chuthaichs rinn iad oidhirp dian air briseadh air falbh á gréim nan geàird. Bha e soilleir gu leòr gu robh geilt is eagal orra roimhn ghalair.

Dìreach mar bha mi am beachd,” arsa Ringean, “Roghnaich iad am beatha fhéin a shàbhaladhs beathaair neo beatha, mar is aithne dhuinne ian daoine fhéin air aphlanaid so a reic ris na coigrich.”

Nuair chunnaic an triùir nach robh dol ás acas gu robh fuil nam fear uaine gu bhith air a taomadhnan cuislean fhéin labhair iadagus sin gu cabhagach. Bha sgeul an uabhais cars mar rinn Ringean dealbh den chùis. Cheapadh iad air aphlanaid Daltros seachd muillean mìle mach on treas grian ann an grian-chrios Alpha Centauri. Bha iad mu leth-bhliadhna air eilean beag fearainn an sin atighinn beò air biadh maras air abheagan a thaisg iad de na bhaca air bòrd abhàt-adhair aca fhéin. Bha ise an làmhan nan daoine uaine, cinneach a bu choltaiche ri ròin na ri daoine talamhaidh, ach a bha air leth foghluimte an iomadh dòigh. An déidh iomadh tagradh is bagradh dhéignich na coigrich iad gu gabhail rin cùmhnantanam beatha mar dhuais airson toil nam fear uaine a chur an gnìomh. Cha robh an


[184] comas aig na Daltraich an turas adhair a dheanamh iad fhéin ach na rachadh aca air gu leòr de shluagh na talamhainn a chaochladh an gnès an inntinn bhiodh iad cinnteach á aiseag tèaruinte á planaid fhliuch neo-ghoireasach gu planaid cho sàr fhreagarrach ris an talamh. ’Se ealan tapaidh dàna bhannach cha robh aig na Daltraich ri chall.

Carson nach do bhris sibh an cùmhnant aon uairs a bha sibh amach bhàrr na planaid?” ’Se Parlann a chuir acheists fhreagair am fear a bòige eam fear a rinn amhór chuid den chòmhradh. Chrath esan a cheann:

Cha burrainn sinn. Aon uairs gun do dhaontaich sinn ris achùis chaidh ar n-inntinns ar toil a shnìomhs a chumadh ann an clais ás nach robh éirigh. Ged tha fhios againn gu bheil e mar sin, na robh sinn fa sgaoil a nis chumamaid air aghaidh leis an obair.”

Sheall Ringean air. “Bheil dad ann roimh bheil eagal aig na Daltraich?” Stad e greiseag. “Thaam bàs. Tha chuid mhór aca faighinn aois anabarrach cheud, ’s cheud gu leth bliadhna agusse crìoch am beatha rud as uabhasaiche leotha uile. Sin aon aobhar a bhaca airson an oidhirp sobha iad làn chinnteach gun cuireadh beatha air aphlanaid so faodaidh ceud bliadhna eile rin saoghal.”

Bha Ringeanna thosd tamall, ’s an sin, “Tha mi tuigsinn gun dean iad còmhradhnar cànan-ne. Glé mhath, cuiridh sinne teachdaireachd thuca nach còrd riuthas mur eil mise mearachd, bith sibhses na h-uile ghabh an tinneas uaine saor an ùine nach bi fada. Ach aon eile ciamar thug sibhse an stuth no chungaidh ghràineil do na creutairean truagha air a bheil an galair?”

Furasda gu leòr; aon chothrom, aon sàthadh den t-snàthaids cha robh dad a dhfhios aca gu thachaireadhoin nuair thòisich an t-atharrachadh.”

Ach cha robh snàthad no cungaidh air siubhal a h-aon agaibh nuair a ghlacadh sibh.” Smèid Ringean a làmh thun nam bòrd. “Mur innis sibh an fhìrinn . . . .”

Bha sin gu leòr. Ars am fear òg, “Cha robh sinn agiùlain an uidheam ach nuair bha làn fheum air. Cha deanadh e chùis den t-seòrsa bhith air ar siubhal nan rachadh ar rannsachadh gun fhiosda.”

Fóghnaidh sintha mi gad làn chreidsinn. Thugaibh air falbh iad, ’s cumaibh cruaidh fhaire orra gum bi sinn deiseil air an son.”

Bha choinneamh a lean fada mionaideach. Chuir Ringean fo chomhair chàich an bhana bheachd, ’s on dhearbh e chomasan


[185] reusanachaidh anns achùis cho soilleir cinnteach cha do thogadh guthna aghaidh. Chaidh an riaghaltas an gréim gun dàils an ceann latha na dhà sheòl am bàt-adhair Bànrigh nan Speur on talamh le còrr is leth-cheud de sgiobadh, ’s thog i sròn ri Alpha Centauri.

Bha Ringeans a charaid Parlann air bòrds maille riutha mar fhir-iùil an triùir phrìosanach. Sna tuill aice bha luchd oillteil a dhfhóghnadh gu cuan mór Dhaltrois a phuinnseanachadhs am beagan fearainn a bhair aphlanaid a spreadhadhna dhuslachach bha gach aon air bòrd an dòchas nach biodh feum air.

Thug an long mhór trì mìosan air a turas ach fo stiùradh nam prìosanach chaidh i gu a ceann-uidhe cho dìreach ri saighead. Chuireadh i an cearcall mu thimcheall na planaids thòisicheadh acraobh-sgaoileadh nan cùmhnantan. Bha na Daltraich dùr gu leòr an toiseach ach nuair a leagadh bom beag air aon eilean fàs thuig iad nach robh bagraidhean an sgiobaidh thalamhaidh dìomhain. Dhaontaich triùir na cheathrair dem prìomh dhaoine tighinn air bòrd, ’s chuireadh sìos bàta beag gan togailleis abhagradh nan éireadh dad don bhàta bheag na da sgiobadh gun dòirte chulaidh uabhais air aphlanaid uile. Ach cha robh feum air ceum cho an-iochdmhor a ghabhail.

Chuir na Daltraich, an coslas, an còmhradh, am foghlums an eòlas mór, iongnadh air luchd na talamhainn. Cha robh iad idir thaobh nàduir mar rinneadh dealbh dhiubhnimheil, fuileachdach, nàimhdeil do gach cinneadh eile. Chuir am prìomh fhear-labhairt an suidheachadh am beagan bhriathran. “Troimh na linntean dhatharraich sìbhse air an talamh an cruths am macmeanmna o shnàg ur ceud sìnnsirean a-mach ás achuan. Ach sinne, ged is sìnn na daoine as sine cha do dhfhàs sinn ach an tuigse a-mhàinstad an t-atharrachadh nàdurra bha còir àite ghabhailnar cuirp an àiteigin air an rathad. Rinn sinn a-mach mu dheireadh gur h-i phlanaid fhéin bu choireachcha deach an cuan sìos mar bha còir aiges ged tha sinn mar phearsachan afaotainn saoghal fada tha ar cinne dol bàs. Chan eil sinn asìolachadh gu nàdurra. O chionn mìltean bliadhna bha fhios againn mun phlanaid agaibhse ach cha robh dòigh air a ruigheachds cha dàinig bàt-adhair faisg oirnn troimh na ginealaich gus an do ràinig iad sin sinn.” Shìn e làmh gu na prìosanaich a bha làthair. “Smuainich sinn an toiseach cuideachadh iarraidh on talamh ach an inntinn an triùir so leugh sinn cho beag reusains a thanur measg, ’s cho beag truaiss a gheibh an coigreach. Cha robh air ach slighe na làimhe làidir a ghabhail. Tha fhios agaibh air achòrr.”


[186]

Labhair Ringean. “So ar cùmhnant-nes ar tairgse, ma gheallas sibh na h-uile air a bheil an tinneas uaine a leigheas, tagraidh sinne ás ur leth ri luchd riaghlaidh na talamhainns faodaidh gu lorg sibh nach eil sinne cho -reusanta idir. Tha móran agaibh ri theagasg dhuinne, ’s againne dhuibhses on tha ur n-àireamh cho beag cha chuir e sìos na suas meud ar sluaigh-ne air an talamh. O chionn ghinealaich air ais tha sinne cuideachd adol an goinnefaodaidh afalbh ro fhada on t-seann mhàthair, An Cuan.”

Chaidh an cùmhnant a sheulachadh. Dheònaich triùir Dhaltrach tilleadh air Bànrigh nan Speur gu bhith coinneachadh ri prìomh riaghladairean rìoghachdan na talamhainn. Am beagan is mìos cha robh an Galair Uaine ach mar aislingdroch aisling an cuimhne na muinntir air an robh e. Chaidh bliadhna mhór seachad mun dàinig na riaghaltais gu aonta mu na Daltraich, ach aig deireadh na cùise chaidh an aiseag a dhionnsaigh na talamhainn. Shuidhich iad iad féin gu modhail ciatachmu chóig mìle dhiubh uile gu léirri cladaichean an taobh Siars an taobh Sear. Theann sluagh na talamhainn ri foghluim mun chuan móran a bha an duathar orra, ’s na Daltraich ioma mun fhearann a bha folaichte orrasan. Gu thig ásse an aimsir a thair thoiseach a dhinnseas, na ginealaich a tha gun bhreth.

Bha Ringean afàgail slàn air Parlanns e rithist atogail air a shiubhal an t-saoghail a lorg iongnaidhean. Bha Parlann ga choiteachadh gu fuireachs a thàlantan a chur gu buil an Oilthigh Eamrais, ach gu dìomhain. “Feumaidh mi fhaicinn thair taobh eile na beinnebha mi mar sin o mòiges tha coltas gum gu deireadh mo shaoghailslàn leat a charaid chòirs co aig a bheil fhios chùis an-àbhaisteach a bheir sinn cuideachd a rithisd.” Dhfhalbh es a dhaindeoin drip oibreach bha Parlann aonaranach.

titleAn Galair
writers MacKenzie
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Cailein T. MacCoinnich in Gairm 42 %p

parent textGairm 42
<< please select a word
<< please select a page