Bardachd O Lamh-Sgriobhaidhean
Cyril Dieckhoff
Air a deasachadh le ANNA NICCOINNICH (Obar-Dheadhain)
Rinneadh an t-òran a leanas le Sìne Nic Dhòmhnaill, seann bhean aig nach robh sgoil no Beurla. Rugadh i am Bràigh Uachdarath, agus an uair a bha i ceithir fichead bliadhna ’s a sia thainig a còir air a gabhail-fearainn gu ceann gun fhios dhi, agus b’ fheudar a dachaidh fhàgail. Dhiùlt an fheadhainn a bha an urra ri cùisean na sgìre cobhair sam bith a dhèanamh oirre. Nan gabhadh i cùil an Tigh nam Bochd gheibheadh i sin, nam pàidheadh i air a shon, ach cha robh guth air a bith-beò. B’ e sagart d’ am b’ ainm Weld-Blundell a fhreasgair oirr ’na h-éiginn, agus ’sann air a tha i a’ dèanamh iomraidh anns an t-seachdamh rann. Fhuair e àite dhi an Tigh nam Bochd an Cille Chuimein, agus an cois sin cuideachadh bho Bhòrd nam Bochd.
ORAN NAN COUNCILLORS
Fonn:
Tha mise a nis a’ fàs liath
’S mi ceithir fichead ’s a sia,
Thug iad an gréim air mo bhial
’S gur iad a rinn gniomh nam Phairiseach.
Théid sinn uile sìos dh’ an uaigh
’S ruigidh sinn an dachaidh bhuan,
Gheobh gach aon againne an duais
’S mo thruaigh an neach gun aithreachas.
2
Cha dèan airgiod no òr,
Ged a bhiodh e againne le còir,
’N uair a thilgeas sinn an deò
Cha dèan e glòir a cheannach dhuinn.
3
Ged a bha ’m baigear bochd truagh
Fulang acras agus fuachd,
’N uair chaidh cholunn sìos do ’n uaigh
Chaidh anam suas go flathanas.
4
Fhuair an duine saoibhir bàs
Ann an doruinn agus cràdh,
Tha e ’n lasraichean a’ cnàmh,
’S gu bràth chan fhaigh e lasachadh.
5
Ged a bha Rìgh Herod àrd
Chaidh a smachdachadh a bhàn,
Bha e ’n doruinn agus cràdh
’S an d’ fhuair e bàs nan cnuimheagan.
6
B’ e sud na daoine gun chiall:
Gheobhainn tigh ’s chan fhaighinn biadh,
Ann an doruinn agus pian
Gun fianuis ach na ballachan.
7
’N duine uasal aig an robh bàigh,
Feagal Dhia ann is gràs,
’N uair a chunnaic e mo chràdh
Gun d’ fhuair e fàrdach ’s dachaidh dhomh.
8
Am fear a thug ’nam aghaidh a shàil
Cha bhi sìth aige na tàmh,
Bidh e an aimhreit gu bràth
’S an tig air bàs is breitheanas.
9
Thig am Breitheamh mór a nuas,
Gheobh na h-aingidh an duais,
Thig an t-aibhistir fhéin mun cuairt,
Sguabaidh e gu dhachaidh iad.
10
Bhon a tha e air innse dhuinn le cinnt,
Tha e air fhàgail againn sgrìobht,
Luchd an uilc nach fhaigh iad sìth
Ach ann am prìosan maireantach.
11
Ged a tha mise so ’n diugh gu truagh,
Measg nan coigreach ’ga mo ruaig,
Chunnaic mi ’san àite sluagh
’Gam b’ aithne truas is carrantachd.
RANNAN EILE
Bàideanach
Nach truagh leibh ’n sagart tha ’m Bàideanach
’S gun uiread is poite buntàt’ aige,
’S air cnocan dubh fraoich
Gun duine ’gam ghaoth
’S e deireadh an t-saoghail Bàideanach.
(Le Maighstir Raoll MacFhraing nuair a bha e ’na shagart am Bàideanach—dùthaich bhochd bhlian tha coltach!)
Lochabar
’S coma leis na h-ìghneagan
Cìobairean taobh Loch Obha,
Bithidh iad le ’n ìongnan
A’ sgrìobadh nan caorach odhar.
(O Bhean Cholla Mac-an-Tòisich neo ’s dòcha o Mhaighstir Seumas Dòmhnallach ’sa Ghearasdan.)
Obair-itheachain
Bodaich bheag’ a’ bhail’ ud thall
Bodaich Obair-itheachain,
’S mór a dh’ òladh iad an lionn
’S mór a bheireadh e bhruidhinn asd’.
(O Aonghas Camshron a rugadh an Inbhir-Gharadh.)
An t-Uisge Beatha
Chan e uisge beatha ach uisge bàis,
An t-uisg’ a dh’ fhàg mo cheann-sa liath,
An t-uisg’ a chnàimh mo chridh am chom,
An t-uisg’ a dh’ fhàg na ciadan lom.
(O Mhaighstir Aonghas Dòmhnallach.)
Ho-ró mo bhobag an dram
Ho-ró mo bhobag an dram,
Ho-rì mo bhobag an dram,
Ho-ró mo bhobag an dram,
’S tu chuireadh an sog gu mo cheann.
A’ chailleach bu luidich’ a bh’ ann
’Nuair a gheobhadh i ’n dram ’na ceann,
“O teannaibh a rathad a chlann
’S gun toir mi mo char air an dannsadh.”
Bho uileann gu uileann ’san ruidhle,
’S a’ churrachd air leth-taobh a cinn,
’S na gillean a’ call an clìth
Mu ’n chailleach ’s i dannsadh le strìth.
(O Bhean Cholla Mac-an-Tòisich ’sa’ Ghearasdan.)
Agus so Uibhisteach a’ tarraing ás na Barraich airson an dòigh fuaimneachaidh a th’ aca air r an cuid a dh’ fhacail (r caol):
Latha dhòmhs’ ’s mi falbh le mast (mart)
Thòisich mi zi (ri) gabhail post, (port)
’S ’n uair a chual’ am mast am post
Theab am mast mo mhust. (mhurt.)
(Le fear ás an Iochdar d’ am b’ ainm MacMhuirich. Fhuaireadh e o Mhaighstir MacNèill a bha ’na shagart an Dalabroc agus am Mòrar.)
title | Bàrdachd o Làmh-sgrìobhaidhean Cyril Dieckhoff |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Anna NicCoinnich in Gairm 42 %p |
parent text | Gairm 42 |