Gaidheil Ann An Canada
’Sann bho Iain a’ Chaoil á Vancouver a thàinig brìgh na h-eachdraidh a leanas, air Gàidheil ann an Canada. An uair a sgrìobh e thugainn aig an Nollaig so a chaidh bha e 79 bliadhna.
MU cheud bliadhna air ais, ri linn Victoria, thug gille òg air an robh Iain Donn sgrìob a dh’ ionnsaigh Ghlaschu an ceann cosnaidh agus nuair a bha e an sin thachair dà shaighdeir Gàidhealach ris air an t-sràid agus dh’ fhiadhaich iad a-staigh do thaigh-òil e far an dug fear aca tasdan dha ’s e cantainn ris gu robh e nis anns an arm agus ged a chuir an t-òigear an aghaidh so cha robh sin gu maith: bha am fear eile ’na fhianais. Mar so fhuair ar laochan e-fhéin air an rathad do ’n Eiphit far an do chuir e seachad seachd bliadhna mus d’ fhuair e a shaorsa.
Nuair a ràinig e a dhachaidh bha a phiuthar roimhe ’na banntraich le clann òg aice agus am bràthair a bu shine a’ cumail taice riutha. Cha robh a’ chroit air an robh iad a’ fuireach ach beag; bha esan air beagan airgid a chur mu seach ás a thuarasdal airm agus shaoil e gu rachadh e null do Chanada agus b’ e sin a rinn e. Bha sgiobair na soitheich air an deacha e null do Mhontreal ás an aon bhaile ris fhéin agus bha iad càirdeach d’ a chéile agus gheall am fear sin gun dugadh e fear de bhalaich a pheathar a-null thuige gus a bhith còmhla ris nuair a gheibheadh e àite thall.
’Sann do Ghleann-a- garaidh a bha am beachd Iain a dhol far an robh grunnan á Lochabar a’ còmhnaidh an uair sinn ach ’sann thugadh dha talamh a-measg nam Frangach, àite an robh pailteas coille ri buain. Thog e taigh agus stàball a’ chiad gheamhradh agus chuir e fios air Niall a bha ’na bhalach mu thrì bliadhna deug de aois, agus chaidh e ’na choinneamh do Mhontreal.
An dàrna geamhradh a bha iad le chéile chaidh Iain leis fhéin do Chàmpa nam Frangach a ghearradh fiodh agus an sin thachair tubaist dha: thuit craobh mhór air agus bhriseadh a dhruim. Cha robh taigh-eiridinn faisg orra agus chaidh a thoirt dhachaidh far an robh Niall ga fhriothaladh gus an do bhàsaich e ann an ceann seachdain.
Bha am balach a nise leis fhéin. An uair a thàinig an t-earrach chuir e sìol coirce airson fodar do na h-eich agus sreath bhuntàta dha fhéin agus feadh an t-samhraidh mharbh e fiadh no dhà a chùm feòil ris; ach bha e fo iomagan nach robh duine faisg air còmhla ris an cuireadh e seachad an geamhradh a bha teachd. Chuir e roimhe gun rachadh e do ’n choille mar a rinn Iain agus an uair a thàinig
Bha e air tòiseachadh ag aiteamh troimh ’n oidhche agus bha e ag uisge an uair a dh’ fhalbh e. Rinn so an rathad duilich, làn tholl agus freumhaichean móra chraobhan tarsainn air agus mar a bha iad a’ dol air aghaidh cha b’ ann a’ dol am feobhas a bha e. Chaidh iad gu faicealach tarsainn air sruthan agus lochan air an robh deigh shleamhainn, fhliuch. Bha an t-slighe gruamach, dorch le giuthas ag éirigh air gach taobh; le claisean làn uisge agus deigh a’ leaghadh a bha a’ cur bacadh air na h-eich. Slighe a chleachd na h-Innseanaich o chian. Cha robh duine no taigh am fianais; chunnaic Niall math-ghamhan aon uair ach thug esan na buinn gu luath. Leis an oidhche thàinig reothadh cruaidh agus rinn e, co-dhiù, an siubhal na b’ fhasa.
Bha Niall air cluinntinn gu robh abhainn mhór ann a dh’ fheumadh e dhol thairis oirre ach nuair a thàinig i ’na fhollais agus a chunnaic e cho leathan agus a bha i thàinig a chridhe ’na shlugan. Cha robh fhios aige dé mar a gheibheadh iad tarsainn oirre. Chuala e nuairsin guth ’na inntinn ag radha “Leig leis na h-eich breith a thoirt air an t-slighe.” Leig e an t-srian leotha agus chaidh iad a-null gu socair gun chuip, gun bhrosnachadh. Chuir so mór iongnadh air gus an do chuimhnich e gu robh Iain air a thighinn an taobh-sa leotha.
An uair a dhìrich iad bruach na h-aibhne fhuair Niall sealladh air Càmpa nam Frangach agus rinn e oirre. Stad e a-measg nan taighean agus thainig bodach mór Frangach far an robh e; “Nach eil thusa” ars esan “car òg airson an leithid so de obair?” Cha duirt am balach focal. “Thoir” ars am Frangach “do chuid each do Ghascon ann an so agus cuiridh e do ’n stàball iad agus falbh thusa ach am faigh thu biadh a dh’ itheas tu”. An uair a bha e air biadh a ghabhail thàinig am bodach Frangach a rithisd agus thuirt e gu robh e air deagh obair fhaotainn dha; chaidh iad a-mach agus choisich iad mu dhà mhile gus an dàinig iad gu bothan anns a’ choille dhuirch. Anns a’ bhothan bha stove le teine oirre a ròstadh damh; air an teine bha dà phrais mhór; an dàrna prais làn de uisge goileach agus a’ phrais eile làn de ghainmheach theth. Dh’ inniseadh do Niall gur h-ann airson an cur air droch bhadan air an rathad a bha an t-uisge agus a’ ghainmheach theth agus gur h-e an obair a bhiodh aige cumail ris an teine agus ris na praisean agus deanamh cinnteach nach traothadh iad.
Sheall am bodach dha far am faigheadh e fiodh is uisge agus gainmheach agus thuirt e ris “Na leig an teine ás air do bheatha; cum ’na do chuimhne gu bheil beatha nan cairteirean an crochadh air do dhìchealachd ’nad obair”
Sin mar a chuir Niall seachad an ràidhe sin; a’ briseadh fiodh-connaidh, a’ slaodadh gainmhich agus a’ tarraing uisge á fuaran ri taobh cròdhlagan chraobhan anns an robh dà lynx, a bhiodh a’ gabhail ealla ris le sùilean deàrrsach a-chuile ceum a bheireadh e, a’ comhnaidh. Bha an obair cruaidh agus cha robh de shubhachas aige ach, an uair a gheibheadh e mionaid ’na aonar a bhith a’ smuaineachadh le cianalas air na càirdean a dh’ fhàg e thall, agus, an uair a thigeadh a dhà each fhéin a bha am bodach Frangach air a chur an sàs le a chead, a bhith gam biathadh le brochan uisge blàth agus mion choirce. Cha robh e ceum duilich nuair a thàinig an t-earrach agus a chunnaic e crìoch air a chiad gheamhradh air a cheann fhéin ann an Canada.
Is dòcha gun do thog na Lochlannaich e ach leag mise e!
(Iain MacAoidh)
title | Gàidheil ann an Canada |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Iain a’ Chaoil in Gairm 42 %p |
parent text | Gairm 42 |