Air An Spiris
MURA biodh taobh aig Gazette Steòrnabhaigh ris a’ Ghàidhlig có am pàipear aig am bitheadh? Feumaidh gu bheil Gàidhlig aig a’ mhór-chuid de luchd-leughaidh a’ phàipeir, ged a tha iad sgapte air feadh an t-saoghail, agus cuid aca nach fhaca Eilean an Fhraoich a riamh.
O chionn grunn bhliadhnachan a nis tha an Gazette air a bhith ag èaladh a-steach a dh’ ionadan ùra. Gheibh sinn naidheachdan Uibhist is Bharraidh ann, is naidheachdan Phort-rìgh, agus troimh litir Ghlaschu togaidh duine criomag an sud ’s an so mu Mhuilich is Ilich, mu Chataich is mu Thirisdich. Is fhada bho chluinneadh tu Sgitheanaich d’ am b’ aithne an gnothaich a’ bruidhinn air dé leugh iad anns a’ Ghazette; cha bhiodh Gaidheil Ghlaschu beò ás aonais.
Fad bhliadhnachan móra chùm an Gazette na h-uiread de Ghàidhlig fa chomhair a luchd-leughaidh. B’ ann an 1917 a thòisich Iain N. MacLeòid nach maireann air Litrichean Alasdair Mhóir a chur ann. Bha a rithist Cùil nan Rann ga chumail a’ dol le Calum MacGilleathain nach maireann, agus an diugh tha Dòmhnall Donn air àite nan laoch ud a ghabhail. Tha dealbh-éibhinn le Gàidhlig ann agus glé thric criomagan de naidheachdan Bhail-Ailein agus a’ Bhac, sgrùdadh leabhraichean, is corra amhran. ’Sann a’ fàs a tha roinn na Gàidhlig.
Tha naidheachd againn a nis gu bheil plòidh ùr fo aire a’ Ghranndaich. A’ tòiseachadh air an aonaibh là fichead de June tha dùil aige an sgeulachd Kidnapped a chur an clò, an Gàidhlig, le deilbh, no bu chòir a ràdh le striop-dhealbh (strip-cartoon) . ’Se maighstir-sgoile an Leódhus a tha a’ rèiteach ’s ag eadar-theangachadh na sgeulachd, agus tha fhios gun dean na sgoiltean feum dhe so anns na clasaichean beaga. Thatar an dòchas gun gabh an aon nì dèanamh ri leabhraichean eile ri tìde.
Nam biodh iarraidh orra chuireadh an Gazette a-mach na sgeulachdan so an déidh làimh, le na deilbh, ann an leabhraichean beaga. Bu chòir gum biodh féill orra, anns na sgoiltean air feadh na Gaidhealtachd, agus ann an tigh Gaidhealach sam bith far a bheil clann òga. Cuiribh fios chun a’ Ghazette a thoirt misneachd dhaibh na leabhraichean so a chur an clò.
title | Air an Spiris |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Gairm 43 %p |
parent text | Gairm 43 |