[281]

Eilean Albanach gun Albanaich

LE GARBHAN MACAOIDH (Fair Isle)

ANNS abhliadhna 1956 (faic Gairm, Aireamh 17), dhfhoillsich Gairm iomradh air sgrìob a rinn buidheann oifigeach a chaidh gu Eilean nan Caorach(Fair Isle)a ghabhail beachd air suidheachadh muinntir an eilein iomallaich leth-Lochlannaich so. Tha mise, mo bhean agus mo mhac beag (aig nach eil cànan ach aGhàidhlig a-mhàin!) afuireach airFair Isle, agus bu mhath leam innse ciamar a tha staid an eilein a nis (An Giblean, 1963), seachd bliadhna an déidh an iomraidh a rinn Mgr. MacCalmain.

Anns achiad dol-a- mach feumaidh mi aideachadh nach eil suidheachadh an eilein slàn fallain idir, ach tha an t-Urras Nàiseanta, leis a bheilFair Isle, am beò-dhòchas gum bi leasachadh mór ann a dhaithghearr, leis na daoine òga a tha tighinn a-steach mar chroitearan ùra, an àite nan eileanach a tha asiubhal, oir tha an t-Urras adeanamh a dhìchill chùm an t-eilean ath-lìonadh le sluagh, agus soirbheachadh a thoirt dhà.

Chan eil obair an Urrais furasda idir. Rinn iad móran airsonFair Isle, mar thà, ach tha tòrr ri dheanamh fhathast. Ma tha croitearan eile agabhail àite nan eileanach a dhfhalbh chan eil daoine gu leòr air an


[282] eilean fhathast. ’Se daoine òga làidir Albanach a tha a dhìth air Fair Isle, ach so na daoine nach eil atighinn. Chan eil mi ag ràdh nach eil neach agabhail cothrom air achuireadh a tha an t-Urras Nàiseanta atoirt do chroitearan ùra, agus air an taic a gheibhear bhon Urras (oir cha bheag an taic so: fon Urras tha na màilna rainnt mar a chanas sinneglé ìosal). Tha daoine gu leòr ag iarraidh croite ann aFair Isle, ach chan eil ach beagan a tha freagarrach, agus tha achuid as motha de na h-iarraidhean so atighinn á Sasainn no á tìrean céine. A-measg nan daoine a dhiarr croit airFair Isle, tha Gearmailtich, Pólaich agus Sasannaich, ach chan eil na h-Albanaich amiannachadh tighinn no fantainn an so. Carson? Chan eil fios agam idir. Tha an t-eilean so brèagha, uaine, sìtheil, sona, ach chan e Albanaich a tha eadhon anns na seann teaghlaichean a tha air an eilean. Tha theaghlach mhór ann: na Stouts agus na Eunsons. Thainig na Stouts guFair Islebho Yorkshire, linntean roimhe so; chan eil fios aig fear sam bith co ás a tha na h-Eunsons, ach is dòcha gum bu Lochlannaich iad.

Na croitean os cionn achladaich an Eilean nan Caorach

Tha fuaim glé Lochlainneach air dual-chainnt an eilein, agus tha na h-eileanaich fhéin coltach ris na Faroese ann am móran dhòighean. Is neònach an dual-chainnt a thaca: measgadh Beurla, Albais agus Norn (cànan Lochlainneach Shealtainn), agus tha facal no dhà innte a tha anns aGhàidhlig cuideachd: gionogjo (geodha), taft (tobhta), croo (crò), stack (stac) agusskerry (sgeir) 7c.

ThaFair Isleag iarraidh chroitearan Albanachgu h-àraidh Sealtainnich no Leódhusaichach cha dig iad, ged a tha na cùmh-


[283] nantan cho math fon Urras Nàiseanta. A bheil leughadair de Ghairm ann a bhios deònach a thighinn guFair Isle? Ma thà, bu chòir dha sgrìobhadh chun an Urrais Nàiseanta(National Trust for Scotland), 5 Charlotte Square,Dun-Eideann. Chan eil ach 65 de dhaoine air an eilean (40 dhiubhnam fìor-eileanaich), agus chan eil an àireamh so mór gu leòr a chùm an t-eilean a chumail beò. ThaFair Isleafàs Sasannach, oir chan eil ùidh aig na h-Albanaich òga ann. An urrainn do na Gaidheil atharrachadh a dheanamh air an t-suidheachadh so?

Fair Isle (Eilean nan Caorach)

titleEilean Albannach gun Albannaich
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Garbhan MacAoidh in Gairm 43 %p

parent textGairm 43
<< please select a word
<< please select a page