[284]

Cladhach Tobhtaichean Srath Nabhair

Le NIALL MACLEOID (Na Hearadh)

ANN an toiseach an t-samhraidh a chaidh seachad shiubhail sgiobadh de oileanaich achruinneolais bho Oilthigh Ghlaschu gu Srath Nabhair ann an Dùthaich Mhic Aoidh.

Bha dòchas le beagan cladhach eòlas fhaotainn air caithe-beatha na muinntir chòir a chaidh fhuadach bhon dachaidhean anns an naoidheamh linn deug.

Chan fheumadh fuireach na bfhaide, oir bha na làraich aig seann bhaile Rosail ri dhol fo choill ann an ùine ghoirid.

Bha iad ann de gach seòrsa, a dhà dheug de nigheanan agus de bhalaich fo chomhairle agus stiùradh an dhotair litreachais, an Dotair Horace Fairhurst agus an Dotair Seán O Corcoráin.

Tha làrach baile Rosail air a suidheachadh mu cheithir-deug de mhìltean shìos Srath Nabhair, agus tha an tigh aig Pàdraig Sellarna sheasamh fhathast am fianuis a làraich. Ach chan eil sgeul air fhéin.

Tha Rosal uaine fhathast, mar àirigh mhór am meadhon cuan fhraoich. Tha e smaoindeanach air madainn thràth samhraidh a bhith nad sheasamh feadh nan tobhtaicheans nan tòrr chlach ann a so, leis aghaoth nad aodann. Tha gaoth làidir aséideadh anns an dùthaich so daonnan, gu h-àraid ris achladach chreagach mu thuath, far an deachaidh achuid mhór de shluagh an t-sratha a ghriosad.

Gu h-ìosal fothad tha Abhainn Nabhair, làn de bhradain. Mu cheithir mìle gu deas tha làrach bhaile eile, Grum Mór agus Grum Beag, falamh de dhaoine ach le ioma tobhta. Mìle mu thuath de Rosal tha Saghair (Syre) agus an tigh geal aig Pàdraig Sellar.

Ann an Rosal chan eil ceò ri fhaicinn, chan eil guth no gàire ri chluinntinn. An dràsdas a rithist éiridh cearc-fhraoich nad fhianuis, agus cluinnear mèil na caora-ghil.



[285]

Bham baile fhéin mu thrì fichead àicear de mheudachd, air a dhùnadh a-steach le gàrradh cloiche mun iomall, agus is e sin an aon ghàrradh a tha ri fhaicinn. Chithear na feannagan ann a sin mar a bha iad riamh.

Tha e air aithris gu robh trì-deug de theaghlaichean anns abhaile so, cruinnnan trì torran feadh na làraich. Bha e coltach gur h-e àiteachd maille ri maitheas an talamh-a- muigh a bhana chaithe-beatha aig amhuinntir so. Bha coltas gur h-e obair tuathanais a bha an so gu léir. Cha robh sgeul air ceàrdach, sgoil, tigh-òsda, air neo muileann. Bhan eaglais a bfhaisge grunn mhìltean air falbh, ach bha tigh-leughaidh a bhaig an Urramach Dòmhnall Sage ri làimh aig Achadh an Eas.

Is e an Dotair Fairhurst a bha an ceann na cuideachd a chladhaich na tobhtaichean. Lorgadh gu robh achuid mhór de na togalaicheannan aon tigh fada, le tigh-còmhnaidh anns an aon cheann, agus bàthach anns acheann eile. Dlùth ris an tigh bha sobhal, le oisein chruinn, agus am pàirt eadar gach dhà air neo trì tighean bha àth bheag airson tiormachadh achoirce.

Mar bu trice bha làrach an tighe fhada aruith ri bruthach beag leis abhàthaich aig ceann shìos an tighe. Cha robh sgeul air balla-tarsainn eadar an t-àite còmhnaidhs abhàthach, agus bha leac-an-teinntein am meadhon an ùrlair le cabhsairean mu thimcheall. Ann an ceann shuas an tighe bha seòmar beag agus dhfhaodadh gur h-e so an t-àite cadail. Lean an aon dorus bho meadhon abhalla fhada troimhn bhàthaich dhan àite chòmhnaidh. Bithidh cuimhne aig cuid mhór anns aGhaidhealtachd fhathast air an t-seòrsa thighean so, gu h-àraid muinntir an taobh an iar.

Ach a nis anns achladhach lorgadh nach robh coltas làidir idir air na ballaichean. Bha throigh de chloich ag éirigh bhon ùrlar agus an còrr air a thogail le sgrathan. Bha cabair ghobhlach adìreadh bhon ùrlar a neartachadh abhalla so airson druim an tighe (a bha air a thughadh) a chumail.

Anns achladhach fhuaradh pìosan beaga de dhiarann agus de chnogain criadhadh de fhìor chriadha mhath.

Shaoileadh air coltas lag ballaichean Rosail nach burrainn iad a bhithnan seasamh airson ùine mhóir sam bith, agus gur h-e eadhon baile a bhann air ùr thogail. Ach tha e soilleir, aon uair gu robh na tighean falamh, leis na clachan air an cur gu feum ann an tighean eile, gun deigheadh an làrach nach robh air a cladhach gu doimhne mhór sam bith ás an t-sealladh ann an ùine ghoirid.



[286]

Cha robh ri shealltainn gun deacha teine a chur ri tobhta ann an Rosal, agus tha e coltach gun do dhfhalbh an sluagh gu dòigheil anns abhliadhna 1818. Bha so ceithir bliadhna an déidh Sellar a dhroch chliù fhaighinn. Bhitheadh luchd an àite man àm so eòlach air a dhòighean. Ged a bha feadhainn mar Dòmhnall MacLeòid an clachair dligheach airson cur an aghaidh an dol-a- mach so, dhfheumadh iad sealltainn ri an teaghlaichean.

Bha sgiobadh oileanach fo stiùradh an Dotair O Corcoráin acladhach tigh-fo-thalamh air acheart làrach. Bha so adol air ais ann an aois gu linn an iaruinn, agus air do chàrna a bhith air a lorg ri thaobh chaidh aChrè-Umha-aois a chur ris achàrna. Bha daoine afuireach air Rosal bho chionn ùine fhada. An diugh chan eil anam ann.

Anns an leabhar ùr aig an ùghdar Iain Grimble mu dheidhinn na tìre so tha òran le Ruaraidh MacThómais. Is e so fear de na ruinn:

A Shrath Nabhairs a Shrath Chill Donnain,
Is beag an t-iongnadh ged a chinneadh am fraoch àlainn oirbh,
Afalach nan lotan a dhfhàg Pàdraig Sellars a sheòrsa,
Mar a chunnaic mi uair is uair boireannach cràbhaidh
A dhfhiosraich dórainn an t-saoghail-sa
Is sìth Dhéna sùilean.

titleCladhach Tobhtaichean Srath Nabhair
writersNeil MacLeod
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Niall MacLeòid in Gairm 43 %p

parent textGairm 43
<< please select a word
<< please select a page