Camara
AN teid agaibh ri deagh dhealbh a thogail? No am bheil sibh airson oidhirp a thoirt air? Ma tha, feumaidh sibh Camara!
Tha KODAK a’ deanamh camara beag ris an can iad BROWNIE air £1 5s. 2d agus gheibh sibh fear car an aon rud anns anILFORD SPORTI4 air £1 14s 11d. ’Se “spool” 127 a tha iad so a’ gabhail agus tarraingidh iad dusan dealbh. Gheibh sibh cuideachd KODAK aig £2 2s 5d agus £2 16s 2d. Chan eil móran diofair ann an gin de na Camaras so ach gum bheil an “lens” nas fheàrr mar as daoire tha iad a’ fàs. Gheibh sibh “spools” daite air an son agus faodaidh sibh “Flash” a chur orra airson dealbh a thogail anns an tigh. Chan eil na Camaras bheaga tha so freagarrach ach airson a bhith togail dhealbhan nuair a bhios latha briagha ann. Tha na dealbhan a thogas iad fìor mhath ach na biodh dùil agaibh gun gabh iad meudachadh—bidh an dealbh a’ fàs fann.
Mar as daoire bhios an Camara ’sann as fheàrr a bhios an “lens.” Ma bheir sibh cóig na sia notaichean air fear faodaidh sibh dùil a bhith agaibh gun gabh e dealbh a-muigh air latha sgòthach cheart cho math ri latha briagha. Bithidh na dealbhan nas geura agus gabhaidh iad meudachadh. ThaILFORD SUPER SPORTIaig £5 1s 4d glé mhath. ’Se “spool” 120 a tha e a’ gabhail.
Bàgh Phort-rìgh as t-Fhoghar (Alasdair MacDhonnchaidh)
Tha 35 mm Camara nas daoire ach ’s math as fhiach e e. Tha e a’ togail cóig deug air fhichead de dhealbhan beaga air an aonspool. Tha so a’ ciallachadh gum faod sibh tòrr dhealbhan a thogail agus chan eil iad a’ cosg ach sgillinn no dha an té. An sin faodaidh sibh taghadh a dheanamh agus an fheadhainn as fheàrr a mheudachadh. Gabhaidh iad “Spools” daite cuideachd agus togaidh iad dealbhan airson “Projector.” Tha HALINA a’ deanamh 35 mm Camara a tha cosg cho beag ri £4 19s 6d. A’ phrìs as saoire aig ILFORD ’se VARIO aig £11 19s 6d, agus tha fear math aig KODAK air £19 9s 5d, ach tha iad a’ deanamh feadhainn móran nas daoire na sin.
Ma tha sibh ag iarraidh Camara anabarrach math faighibhAFGA OPTIMA TWIN-LENS REFLEXaig £69 15s 4d, agus ma thogras sibh faodaidh sibh còrr is ciad not a phàidheadh air fear. Ach cuimhnichibh nach eil anns an airgead a chuireas sibh a-mach air a’ Chamara fhéin ach toiseach na tuil. Ma gheibh an cur-seachad tha so gréim oirbh—!
C. C. D.
title | Camara |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | C.C.D. in Gairm 43 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |