[293]

Maise Gnuis

Le EALASAID NIC A’ ROTHAICH.

AN àm dhomh bhith sgrìobhadh so tha sinn fhathast an teis meadhon aGheamhraidh agus tha am fuachd neimheil air droch dhìol a dheanamh air ur craiceann. Mar sin, tha mi adol a dhinnse dhuibh s còir dhuibh a dheanamh airson achùis a leasachadh.

Tha trì seòrsa chraicinn annTioram, Olach, agus an craiceann tha an chuid Tioram agus Olach. Anns an dùthaich sose an sheòrsa ma dheireadh as cumanta. Tha fhios agaibh gum bheil ur craiceann beò agus mar sin gum bheil e gu tric ag ath-ùrachadh agus tha bìdeagan den chraiceann abristeadh air falbh. Tha so nàdurra gu leòr ach chan eil e uabhasach eireachdail, agus nam biodh an craiceann air a bhiadhadh gu dòigheil cha bhiodh e cho nochdte. Tha e sealltainn gum bheil an craiceann feumach air cungaidh-taiseachd no moisture.

Ma tha craiceann uabhasach tioram oirbh tha ann a dhfheumas sibh a dhèanamha chiad rud cungaidh-oidhche a chur air ur n-aodann agus an dara rud cungaidh-taiseachd a chur air achraiceann mun cur sibh oirbh maise-gnùis.

On nach eil móran gréineadh ann aig an àm so den bhliadhna tha ur craiceann gann de Viotamainean A agus D agus mar sin faighibh cungaidh-oidhche anns am bi iad gu pailt.

Ma tha an craiceann agaibh Olach agus Tioram còmhla, chì sibh gur e meadhon an aodainn a tha gleansach agus an còrr tioram. Air an aobhar sin an uair a tha sibh acur cungaidh-oidhche oirbh na cuiribh móran idir air an t-sròin, an smeig agus meadhon na mala.

Faodaidh sibh sgrìobhadh ugam chun an stiùireadh a tha aig toiseach an leabhair ma tha sibh ag iarraidh ainm cungaidh-oidhche no cungaidh-taiseachd. Ma chleachdas sibh na cungaidhean sona àm bidh an craiceann agaibh acoimhead cheart cho òg deich no fichead bliadhna on àm sos a tha e an dràsda.

titleMaise Gnùis
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Ealasaid Nic a’ Rothaich in Gairm 43 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page