[296]

Anns An Fhasan

le ERIC NIC LEOID

THA an t-earrach air a thighinn ma dheireadh agus tha na h-aodaichean ùra a tha anns na bùithtean acur ás ar cuimhne an Geamhradh a tha seachad.

Tha deise ghrinn anns an fhasan an dràsda a dhaon mhathadh airson caileagan òga. ’Se an “tabard suit” a thac air. Tha an t-seacaid mar còta goirid air fhàgail fosgailte aig na taobhan le pìos beag aodaich aig gach taobh gan cumail còmhnardnan àit. Gheibhear so ann a “suedette,” an clò agus ann an iomadh aodach eile. Tha an deise so gu math blàth le geansaidh fodha.

Tha sgiortaichean le galaisean glé chumanta air caileagan òga a nis. Gheibhear iad anns a h-uile aodach air an smaoinich thu agus feadhainn aca le blous agustie. ”

Mas e dreasa a tha thu alorg tha neo-chumanta air a thighinn gu Alba á Ameriga. Is e dreasa shìmplidh a thinnte le sgiorta chòmhnard, ach tha sgòd aodaich acòmhdach na sgiorta gu léir afàgail sgoilt aig gach taobh. Air feadhainn de na dreasaichean tha cnot beag air gach taobh aig acheann tha shuas de na sgoiltean. ’Sann ainneamh a tha mi afaicinn dreasa cho brèagha ris an so.

Tha na bùithtean bhròg air stoc ùr an earraich a chur a-steach cuideachd. Tha bàrr nas cruinne nas àbhaist air na brògan so agus chan eil móran cùlaibh annta. ’Se strap no dhà cho caol ri iallan bròig a bhios gan cumail ort agus tha sàil na cuid as motha dhiùbh nas leotha aig abhonn na tha iad anns amheadhon.

Bhoill, sin cuid de fhasanan an earraich agaibh agus ma cheannaich sibh feadhainn dhiubh tha mi an dòchas gum faigh sibh tìde mhath ach an toir sibh beag no mór de fheum asda.


[297]
titleAnns an Fhasan
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Eiric NicLeòid in Gairm 43 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page