[298]

An Garradh

le LACHLAINN DICK

BHO chionn greis thainig orm tigh beag a cheannach nach eil fichead mìle o bhaile-mór na Siorrachd. Ma bha an tigh beag cha bu mhotha an gàrradhpìos beag talmhainn nach cumadh ri caora fad latha gruamach geamhraidh. Ach ma bha e beag bha mise is mi cho mór asam fhéin, adol a dheanamh leithid de lios de is nach toireadh sibh smugaid air Gàrradh Mór Inbhir an tacsa ris.

Air achiad latha air an do rinn i turadh, mach a ghabh mi le mo spaid thar mo ghuailne is dhfheuch mi air. Bhiodh cheart cho math dhomh tòiseachadh air AChuilthionn le spàin-tea. Thug mi dhìom mo sheacaid, ag radh rium fhéin nach robh so ma-dhfhaoidte cho furasdas a bha mi an dùil. Coma co-dhiù laigh mi air an spaid a rithist ach mo chreach, sùil dan tug mise, bha i air crìonadh mar dhuilleig an tacsa teine math mònadh.

Thug mi an sàthadh ud don spaid do cheann shìos aghàrraidh is thog mi orm don bhaile is cheannaich mi deagh phiocaidleithids chì sibh aig na prìosanaich ann an Ceann Phàdraig.

Cho luaths a ràinig mi dhachaidh mach a ghabh mi a rithist is mi cho bras is thug mi abhuille ud leis aphioc. Ma thug chaidh mi air chrith om bhàrr gu sàil mo bhròiges abochdadaich mar aon de dhotairean na buitseachd. Bha trusdar de Ghall ga mo choimheads ars esan,

Uill a bhalaich tha thu math air an twist.” Cha robh an còrr ann nach dfhuair e an ath te an cùl achinn.

Chùm mi adol gu dìcheallach asgrìobadh na talmhainn mar choileach is aridealadh mar mo bheatha gus ma dheireadh bha pìos beag réidh agam air an do chuir mi fras feòir.

Bha mi a-mach gach uair ga choimhead mar fear na daorach afeitheamh ri àm fosglaidh an tigh-òsd’. Le mór ghàirdeachas thug mi an aire an ceann greise do bhileag uaine an suds an so agusnam ruithsnam leum mach a ghabh mi le sgeala de thodhar Gallda is dhòirt mi sud gu cùramach air uachdar an fheòir. Ach ma dhòirt, chuir mi ás do gach bileag fheòir a bha ri fhaicinndeagh ghàrnailear.

Mar bha mi adol air madhart bha mi ataghadh ás gach clach is gan curnan tom aig ceann an tighe. A charaid! is gann gum faic mi an tigh thar nan clach a tha nisnam balla-dìon ceithir-thimcheall an


[299] fhàrdaich bhochd, ach tha am pìos a rèitich mi mar a bha e riamh. Mas aithne dhuibh duine a tha ag iarraidh luchd chlach—.

A dhaindeoin mo shaothair tha an gàrradh gun chur gun chliathadhs tha mise, leis a liuthad sgal a fhuair mi ag obrachadh na piocaid, coltach ri na bocsaireanás mo rian. Mar sin tha an latha fhathast aig Gàrradh Inbhir ach deanaibh air bhur socair, air bhur socair.

titleAn Gàrradh
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Lachlainn Dick in Gairm 43 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page