[304]

Atharrachadh Snuadh

Le CAIRISTIONA DICK

(Na deilbh le PETER LEDDY)

Tha bòidhchead Loch Laomuinn ainmeil air feadh an t-saoghail agus tha na mìltean luchd-shiubhail atighinn ga coimhead a h-uile samhradh. Ach chunnaic sinn am bliadhna eireachdas eile air an locha so. Tha móran eileanan beaga oirre agus trì latha san t-seachdain tha am PostAlec MacPhàrlainatoirt na méilichean uca agussann doirbh da-rìribh a bhiodh an t-sìde mun tigeadh tilleadh air Alec agus a “Waterwitch”.

Ach air agheamhradh so, chunnaic muinntir nan eilean sealladh gu math neo-chumanta. ’Se sin am Post atighinn uca air chois. Mar a chì sibh anns an dara dealbh, tha Alec acoiseachd air an locha agus na méilichean aig a mhac gan draghadh ás a dhéidh. Aig an àm, bha Loch Laomuinn, ceithir mìle fichead a dhfhaid agus cóig mìle a leud far as leatha bheil i, air a còmhdachadh le deigh o thaobh gu taobh airson achiad uair o 1893.

titleAtharrachadh Snuadh
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Cairistìona Dick in Gairm 43 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page