[311]

Moch Di-Sathuirne

sgeul le CAIRISTIONA CHAMSHRON

dealbh le GILLEASBUIG MACMHUIRICH

Moch samhadainn Di-Sathuirne chuir mi orm mo chlogad.

Bha sinn fo imcheist oir cha robh anclutchagus nagearsaig ar sgùdair Vespa adol an gréim mar bu chòir dhaibh. Bfheudar do dhEarrtsaidh ruithna dheann gu beatha thoirt don inneal. Chùm e gréim air achlutch gu faighinn-sa dìreadh air an t-suidheachan liath.

Bha sinn air ar cuairt sheachdaineil don bhaile-mhór as fhaisg oirnn, Ciorcaldai. Dhaindeoin ar strì aig toiseach na cùrsa chaidh an t-inneal air adhart gu rèidh socrach gus an dràinig sinn bruthach, meadhoin abhaile. Ann an sin dhaidich Earrtsaidh nach robh càil air ach an sgùdair a lìobhraigeadh gu osbadal leigheas nan sgùdair (agharaids). Dhfhuirich mise far an robh mi.


[312]

Cha do shéid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin. Sheas mi aig uinneig bùth fhlùraichean agus an sin laigh mo shùil air bocsa crèadhadh a bha air a dheanamh suas mar ghàrradh Sheapanach.

Na bhroinn bha lus bheag ris an can iadcactusafàs ann an gàrradh cho àghmhors a chunna sibh riamh. Bha an abhainn a bha ruith troimhn ghàrradh air a dèanamh suas le clachan beag gorma, dhrochaid bheag ghrinn phige air dathan geal agus dearg agus bàta beag snasail, le aon fhireannachna bhroinn aseòladh gu h-aighearach bho thè dhiubh. chraoibh chumadail dhen t-seòrsa Sheapanach afàs gu stàtail air bruachan na h-aibhne. Bruachan na h-aibhne cho briaghas cho uaine, an àite clachan beaga gorm air an turas so, ’se clachan beaga uaine asamhlachadh feur a bha aca.

Thar gach eireachdail eile a bha saghàrradh is e ghabh mo shùil ach am bodach a bhana shuidhe mu choinneimh an tighe aige. Bha ena shuidhe cho foighidneach gun tug ena mo chuimhne seann bhodach a bha san ath bhaile rium fhéin an uair bha mina mo nighinn bhig. Cha bann acoimhead bhàtaichean air an abhainn a bhiodh esan ach abuachailleachd achruidh mun rachadh iad ro fhaisg air na h-easachan móra. ’Sann dìreach mar so a shuidheadh e ach gum biodh e an còmhnaidh asmogadh.

Gu a chuir stad air mo smuain ach an guth aig Earrtsaidh agus e ag ràdh nach robh air ach am bus a ghabhail dhachaidh, nach robh an sgùdair fo uidheam aca fhathast. Co-dhiù mar a thuigeas sibh tha e nas soirbhe gàrradh Seapanach a ghiùlan ann am bus na air cùlaibh sgùdair.

titleMoch Di-Sathuirne
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Cairistìona Chamshron in Gairm 43 %p

parent textGairm 43
<< please select a word
<< please select a page