[270]

Oiteagan A Albainn Nuaidh

Le CALUM IAIN MACLEOID, Antigonish, Alba Nuadh

AN uair a thàinig na Gàidheil a-mach do Albainn Nuaidh an toiseach cha robh eòlas aca idir air ciamar a dheanadh iad siùcar á sùgh na craoibhe-malpais ach cha robh iad fada air fonn nuair a fhuair iad deagh oileanachadh san ealain so o na h-Innseanaich. ’Sann an còmhnaidh mu thoiseach an earraich a bhios na daoine asìneadh ris an iomairt so, mar a their iad an diugh sacheàrnaidh so den t-saoghal, “an uair a bhios an sùgh aruith”. Nuair a bha na h-Innseanaich an sàs san obair dheanadh iad gilb-chruinn sachraoibh, agus ghlacadh iad an sùgh ann an seòrsa de amar a bha air a shnaidheadh á cairt na craoibhe-beithe. Eing air eing, le tùr agus ìnnleachd mac an duine, thàinig leasachadh air an obair, agus, an diugh, an àite a bhith abruich an t-sùigh anns na poitean móra, dubha, an iomall na coille, tha pìobanplasticagiùlan an t-sùigh a h-uile ceum on choille do natighean-siùcaira tha faisg air na bailtean-móra, agus tha an luchd-oibre ga làimhseachadh an sin. ’Sann mar as trice, an ear air Ontario agus Quebec a thàtar astrì ri siùcar den ghné so a dhèanamh. An uiridh, rinneadh faisg air cóig ciad mìle punnd de shiùcar na craoibhe-malpais agus bfhiach sin mu dhà chiad mìle dolair uile gu léir.

Nuair a bha sinn òg nach tric a chuala sinn an ràdh, “Faothachadh gille aghobhann, bho na h-ùird gu na builg”. Bha ceàrdach cha mhór anns a h-uile clachan an uair sin ach chan fhaicear sin tuilleadh anns an a thann. Chan eil ach aon cheàrdach air fhàgail an tìr-mór na h-Albann Nuaidhe an diugh far a bheil iad acrùidheadh nan each, agus tha i sin an àite ris an abrar Allt an Dóbhrain. Tha iad acrùidheadh nan damh an siorramachd Lunenburg dìreach mar a bha iad o shean. Tha crùidh-daimh air a chumadh an leth, is tha na tàirgnean air am bogadh an saill na muice a chums


[271] gun téid iad a-steach don ladhar nas fhurasda. Bha gobha an Allt an Dóbhrain o chionn cóig bliadhna fichead, a chrùidh ciad each an dusan , is a bharrachd air sin bha e adraghadh fhiaclan nan daoine nuair nach robh lighiche faisg air làimh. ’Se leth-bholla mine, iasg, no ceathramh feòla a bha e afaighinn mar phàidheadh airson a shaothrach. bha sud dhfhoighnich cuideigin dha na subhailcean a bha freagarrach an aorabh duine a bha adol a ruighinn inbhe deagh ghobha. “Deagh ghobha”, ars esan, “Chan eil a dhìth air an duine sin ach druim làidir airson a chiùird, agus mur a biodh inntinn lag a bhith aige cheana cha bhiodh ena ghobha co-dhiù.”

* * * * *

Tha na h-urracha móra am Bòrd an Iasgaich, an Halifax, car iomagaineach a thaobh gainnead nan ròn an ceann a tuath Chanada, agus am Bàgh an Naoimh Labhrans. Tha sealg nan rònna ghnìomh a tha adol fada air ais an eachdraidh ceann an ear Chanada ach ged a tha so mar so chan eil dòigh sam bith ás ùr aig na sealgairean air na ròin òga a mharbhadh. ’Sann mu thoiseach mìos aMhàirt a tha na soithichean-seilge aseòladh gu tuath, agus cho luaths a ruigeas iad an ceann-uidhe, ’se sin ri ràdh, an deigh-shiabaidh a tha air flod, tha na sealgairean amarbhadh nan iseanan le cuaille, is gam feannadh air an deigh gun leigeil leotha eadhon ragachadh. ’Se nacòtaichean-bànaa their iad ris na ròin sin is chan eil iad ach mu thrì seachdainean a dhaois. Tha bian orra a tha air leth mìn, luachmhor. Nuair a dhfhàsas na ròin a tha air fhàgail nas motha, tha iad asnàmh air falbh on deigh-shiabaidh agus ag atharrachadh dath. Tha e soilleir, mar sin, ma chumas na sealgairean orra amarbhadh nan iseanan, nach bi ach glé bheag air lorg idir am bliadhna no dhà. Ma ghabhas duine beachd air eachdraidh sealg nan ròn nam bliadhnaichean, tha e faicsinneach gu bheil na h-iseanan adol an lughad ged a tha prìs nam bian adol am mothad. Faodaidh sinn eiseimpleir a ghabhail mar a leanas: ’Sa bhliadhna naoi ciad diags a deich, chaidh chiad mìle gu leth dhiùbh a chur gu bàs, ach sabhliadhna naoi ciad diags a trì fichead cha do mharbhadh ach ciad mìles a sia. Tha Bòrd an Iasgaich cuideachd afiachainn ri lorg fhaighinn air ìnnleachd-casgairt a tha nas luaithe is nas truacanta na cuaille, maol, slachdach.

Bheil fhios ciamar a chòrdadh staoig muice-mara agusspaghettiri luchd-leughaidh Gairm? Dhfhaodadh e bhith gun do bhlais cuid


[272] agaibh air staoig mar so cheana nuair a bha iad amarbhadh nam mucan-mara a-mach á Bun-Abhainn-Eadar, anns na Hearadh. Uill, ar leam nach bi e fada sam bith tuilleadh gus a faigh sinn biadh mar so mu ar coinneamh air abhòrd sna tighean-bidhe an Halifax, an Albainn Nuaidh. Chan eil ach aon bhàta-iasgaich, amMinna”, ri muir air eiriridh nam mucan-mara gu ruige so, ach, a dhaindeoin sin, tha an sgiobair, Lochlannach, ris an abrar KARL KARLSEN, ag ràdh gu bheil mucan-mara de gach seòrsa pailt mu chòrsaichean na h-Albann Nuaidhe, is nach bi e fada gus a faigh e cabhlach bhàtaichean a bhios uidheamaichte le gunnaichean agus morghathan. Tha Luchd-Riaghlaidh na h-Albann Nuaidhe, is Bòrd an Iasgaich acumail sùla gu math giar air dèanadas is dìcheall KARLSEN, is co aig tha fios nach toir iad cuideachadh-airgid dha ma théid cùisean mar as miann. ’Na thuras-cuain mu dheireadh mharbh KARLSEN mucan-mara sròn abhotuil, mar a dhainmich e fhéin an treubh, is tha e coltach gu bheil ola na saille aca-san air leth prìseil an diugh.

Mu fhichead mìle an iar air Antigonish tha tuathanachas ri taobh an rathaid a tha adol fon ainm, Allt Bhàilidh, an siorramachd Phictou. Ma théid sibh a chéilidh air an tuathanach an sin, Lachlann Mac Gille-Eathain, gheibh sibh fàilte agus furan a bhios aoigheil, carthannach. Tha e mu lethcheud bliadhna a dhaois, is tha cheud acaire fearainn aige. Tha e ag àiteachadh trì fichead acaire; tha lethcheud aige fo fheur, is an còrr fo choille. Chan eil duine beò cuide ris, mar sin tha aige ri e fhéin a bheathachadh, ri banas-tighe a dheanamh; aleagail nan craobh, agearradh mhaidean airson an teine, a thuilleadh air treabhadh is bleoghan achruidh. Canaidh am fear-leughaidh, uill, ’se rud reusonta gu leòr a tha sin!! ’Se, a


[273] charaid, gun teagamh, ach tha Lachlann Mac Gille-Eathain DALL, cho dalls nach aithnich e seach oidhche. Dhfhàs e dall nuair a bha e acladhach san aon ar fhichead, is thuirt a chàirdean ris aig an àm sin nach burrainn da cumail air ris an tuathanachas barrachd air sia mìosan, ach tha e ris fhathasta dhaindeoin theireadh e”. A réir sgeòil, bha Ameireaganach mór, beartach, bronnach, acéilidh air Lachlann an uiridh, is dhfhoighnich e dha co ás a fhuair e brosnachadh air buaidh a thoirt air gach cnap-starraidh a thàinigna lùib. “Tha sin furasda gu leòr a fhreagairt”, arsa Lachlann, “misneach agus neo-eiseamaileachd aGhàidheil, buaidhean a bhuilicheadh orm o chionn iomadh linn air ais”.

O chionn còrr math agus ciad bliadhna thàinig fear Gilleasbuig Camshron á Srath Ghlais, an Albainn, is shuidhich e le theaghlach ann am Margaraidh, an Eilean Cheap Breatainn. Thog a chuid mhac fearann dhaibh p-fhéin faisg air an athair, is bha gach aon dhiùbh trang aleagail na coille, aréiteach an fhearainn, is adeanamh gach ullachaidh airson tighean a thogail anns an drachadh iad a dhfhuireach. de na làithean bha fear de na mic dam bainm Aonghus, gu trang aleagail na coille air a bhaile fhéin, nuair a mhothaich e Innseanach mór coltach ri tighinn far an robh e rig obair. Le briathran làidir, is e acomharrachadhna aodann, thug e bàirlinn don duine gheal a dhfhàgail an àite gun dàil; gur ann leis-san a bha am fearann so, agus gun robh deagh chòir aigair. Cha do leig am fear eile air gun cuala e e, is lean e ri obair gu bog, balbh. Thadhail an t-Innseanach fearann an duine ghil an déidh , ’s e daonnan amaoidheadh, ’s acur an céill a chòir air an àite, ach cha robh dad aige air a shon. Mu dheireadh thall, nuair a thuig an t-Innseanach nach deanadh bruidhinn feum, thuirt e ris aGhàidheal mar so, “Rachamaid a ghleachd matà. Mas tusa bhios an uachdar, fàgaidh mise an t-àitagad, ach mas e mise a bhios an uachdarse thusa a dhfheumas falbh”. Ghabh am fear eile an tairgse gu toileach, is chòrd iad mun àite, ’s mun àm a choinnicheadh iad. Chùm an t-Innseanach ri fhacal, is tràth an ath bha e air làraich, is a bhean còmhla ris. Bha iad le chéile an deagh shunnd airson na còmhraige, is gun an tuilleadh dàlach thòisich aghleachd. Bha iad làidir, treun le chéile. Bha gach fear acur gu feum gach seòl a baithne dha. Fad greis ùine bha e duilich a ràdh a bhuannaicheadh. Bha bean


[274] an Innseanaich aleum mun cuairt mar neach air bhoile, ’s i ag éigheach ri a companach am fear eile a chur gu làr. Bha na fir a nis acruaidh leadairt a chéile. Dheanadh iad creagan den bhogan agus bogan den chreagan; na clachan beaga dol an ìochdars na clachan móra teachd an uachdar. An t-àite bu lugha rachadh iad fodha, rachadh iad fodha chun na glùine; ’s an t-àite bu mhotha rachadh iad fodha, rachadh iad fhoda chun an sgrùbain. Ach smaoinich an duine geal gun robh e fagus da nàimhdean, is thug e an togail bheag, shoilleir ud air an Innseanach, is am prioba na sùla bhuail e ris an talamh e. Dhéirich an t-Innseanach, ghlac e làmh aGhàidheil; dhfhàg e beannachd aige, is an ùine gun bhith fada, dhfhàg e Margaraidh.

Móran bhliadhnaichean an déidh so chaidh duine òg á Margaraidh air chuairt do Newfoundland. Air dha a bhith aon agabhail a shlighe troimh an àite, thàinig e gu càmp Innseanaich, is chaidh e a-steach. Bha seann duinena shìneadh an oisinn achàimp, is nuair a thuig e gur ann á Margaraidh a thàinig an coigreach, dhfheòraich e am baithne dha fear Aonghus Camshron an sin. Fhreagair am fear eile gum baithne glé mhath. “ ’Se duine glé làidir a tha sin”, thuirt an seann duine, agus e aleagail a chinn sìos air achluasaig. Nuair a thuit ena chadal is dòcha gun robh e abruadair air a bhith aon uair eile air ais ann am Margaraidh a-measg a chàirdeans a luchd-eòlais; ’s asìomanaich muna cnuics na glinn”, mar a sgrìobh am bàrd, Calum Mac Gille-Iosa nach maireann, munBhràighe” :—

Chan eil àitan diugh fon ghréin
S am bfheàrr leam fhéin bhith tàmhachd;
Na Bràighna h-Aibhne measg nan sonn
Om faighte fuinn na Gàidhlig’ .”

titleOiteagan à Albainn Nuaidh
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Calum Iain MacLeòid in Gairm 43 %p

parent textGairm 43
<< please select a word
<< please select a page