Air An Spiris
’SE saoghal iongantach a bhiodh ann mura biodh daoine a’ gearain ’s ag eubhach. Cho luath ’s a tharraingeas e anail tha an naoidhean a’ leigeil eubh ás, agus ni e iomadach cànran an déidh sin a’ feuchainn ris an t-saoghal a thoirt gu a riar fhéin. Ach ma bhios e glic, is ma gheibh e stiùireadh, tuigidh e an ceann sreath gur h-e an gnìomh a ni e fhéin as motha a chuidicheas leis na an gearain a ni e ri daoine eile.
Thainig iomadach piseach air an dùthaich so, agus air an t-saoghal, ri linn gearain an aghaidh ana-ceartais. Thugadh a’ chlann a-mach á mèineachan a’ ghuail agus chuireadh do’n sgoil iad; thugadh móran fearainn air falbh bho dhaoine nach robh a’ cur feum air agus thugadh do shluagh na dùthcha e; fhuair na tràillean an saorsa ann an Ameireaga is an àitean eile, ged tha móran adhartais ri dhèanamh fhathast sa’ phuing so; tha clann Ghàidhlig Siorrachd Inbhir-Nis a’ faighinn teagaisg ’nan cànain fhéin a nis. Sin cuid de’n bhuaidh a thug an gliocas ’s an gearain a-mach.
Dé am buntanas a th’aig an t-searmoin so ri Gairm? Cha bheag sin. Is iomadh uair a chuala sinn gu bheil Gairm ro dhomhainn, no ro aotrom, ro Leódhusach no ro Uibhisteach, ro sud no ro so. Chan ann a’ gearain mu’n chùis so a tha sinn idir. Cumaibh oirbh gar piobrachadh—tha na bliadhnachan móra ann bho chuir sinn craiceann a’ bhuinn air a’ bhathais. Ach deanaibh gnìomh a thuilleadh air a’ ghearain. Cuiribh laoidh no feallsanachd thugainn nuair a their sibh gu bheil sinn ro aotrom; cuiribh rud éibhinn thugainn nuair a shaoileas sibh gu bheil sinn a’ fàs trom.
Ma tha thusa, a Sgitheanaich no a Bharraich no a Ilich, a’ smaoineachadh gu bheil sinn ro Leódhusach, cuir rud thugainn a bheir blas eile air Gairm. Seall ris an àireamh so, is thoir breith a bheil blas ionadail air. As na cóig daoine fichead a tha sgrìobhadh tha seisear a mhuinntir Leódhuis. Tha an trìtheamh earrainn de shluagh na Gàidhlig de chuideachd Leódhuis, ach ma sin cus leat, sgrìobh thugainn nas trice. Agus ma tha e ro bheag leatsa, a Leódhusaich, leig eubh asad!
title | Air an Spiris |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Gairm 44 %p |
parent text | Gairm 44 |