[383]

An Comunn GaidhealachNo Comunn Ur?

Le DOMHNALL IAIN MACLEOID (Ard-hàsaig)

MUS téid gu math le duine ann an gnothaich sam bith, feumaidh dearbh-chinnt a bhith aige anns achiad dol-a- mach air ciod dìreach a tha e acur roimhe agus air an dòigh as freagarraiche gu sin a thoirt a-mach. Feumaidh fhios a bhith aige cuideachd air a chomasan fhéin, gus nach cuir e cus roimhe agus nach caill e e fhéin, nas , ris achudaiges an saoidhean ra fhaotainn.

Bidh duine fada nas cùramaiche mu na nithean sin a bhith aige ann an cùis air a bheil a shlàinte no a bheatha fhéin an crochadh. Bu chòir do shluagh a bhith an ceudna ma tha a bheathachan e a bheatha gu litireil ach a bheatha mar shluagh air lethan cunnart. Ann an oidhirp sam bith a nithear airson slàinte an t-sluaigh sin, tha feum air an deagh fhaiceall mus cuirear gu droch fheum am beagan neirt a tha air fhàgail ann: ma chaillear an neart sin, chan eil dòchas dha thaobh, oir cha dig ath-bheothachadh a chaoidh ach on taobh a-stigh.

Chan eil àicheadh air gu bheil ar sluagh-nena Gaidheilanns a leithid sin de shuidheachadh, agus gu feum iadsan a tha astrì airson a ghleidheadh an deagh fhaiceall: tha feum air ceannard math a stiùireas sinn air achùrs as giorra gu ceann-uidhe a ghabhas ruigheachd.

Tha an Comunn Gaidhealach asìor éigheachd mu an oidhirpean gus aGhàidhlig a bhrosnachadhs a chumail beò, ach coma le duine fhoighneachd ciod dìreach a tha iad aciallachadh leis a sin! An e aGhàidhlig fhaighinn air ais do na h-uimhir de na sgoiltean Gaidhealach gach bliadhna, no a neartachadh air aGhaidhealtachd le, can, a bhith acur daoine òga air ais chun na Gaidhealtachdnam maighistirean-sgoile (dhfhaodadh iad, ’s dòcha, airgead a thairgsinn do dhuine sam bith a dhèanadh sin)?

Cha toir iadsan freagradh sam bith do na ceistean sin; agus chan eil an dòigh-obrach dad nas cneasda. Chan eil galar air aGhaidhealtachd an diugh móran nas miosa na an cleachdadh a tha aig Gaidheil a bhith ag ionnsachadh na Beurla do an cuid-chloinne air chors gu bheil aGhàidhlig, man duirt iad, “fad-air-ais”: is e an dòigh a


[384] tha aig aChomunn air an galar so a bhacadhceilidha chumail an Glascho, mòd am Peairt, “suaridheeile am bad eile, agus òraid mhór aig gach dhiubh sin musheann-mhaisena Gàidhlige agus gum bu chòir do dhaoine a bruidheann. Is anns aBheurla a bhios an òraid so mar as trice.

Chan eil an Comunn idir, matà, adeanamh an dleasdanas mar phrìomh luchd-brosnachaidh na Gàidhlig. Tha iad ag itealaich ro àrd; chan eil iad air càil cinnteach, rianail a chur rompa fhéin, ceann-uidhe bliadhnail, can, gum faodadh iad fiachainn. Cha mhotha na sin a rinn iad riamh, a réir choltais, sgrùdadh orra fhéin is na tha iad adèanamh gun fhios nach fhaodadh iad dòigh a lorg nas soirbheasaiche na na dòighean a tha aca an dràsda airson an cuid obrach a dhèanamh is aGhàidhlig a neartachadhdhfhaoidte, eadhoin, gur ann a tha na tha iad adèanamh amilleadh cùise a chionns gu bheil an òrains an n-eile atàladh meanmna nan Gaidheal, fhads a tha an cànan abàsachadh is an dùthaich air a reubadh.

Mar sin, bu chòir a bhith glé shoilleir cho feumachs a tha aGhàidhligs aGhaidhealtachd an diugh air buidheann-stiùiridh air choreigin a chuireas roimhe nithean àraidh agus a na nithean sin ann an dòigh chiallach. Oir tha ar cànan, ar litreachas agus ar cleachdaidheanna trì rudan a chomharraicheas aon shluagh bho fhear eileair an cur an dìmeas le móran Ghaidheal agus tha sinn am mór-chunnart gum bi sinn air ar slugairt a suas anns an t-sluagh mhór Shasunnach a dhaithghearr.

Tha an Comunn Gaidhealach mar nach biodh iad afaicinn dòchas sam bith air ar son, agus is ann a tha na céilidheans na h-òrain ud aca rudeigin mar an ìocshlaint a bheirear do dhuine a tha abàsachadhtha i atoirt mionaidean faochaidh dhas agreasadh na crìche.

Ach chan eil achùis idir buileach cho dorcha sin, oir tha achànan lùthmhor, làn-brìgh fhathast an àitean, agus tha litreachas atighinn am follais (bu mhì-nàdurrach mura bitheadhs achànan idir beò), tha na nithean air an robh meas aig na Gaidheil o shean (mar fialaidheachd is ceartas) fhathast measail: tha beagan beothachaidh san t-sluagh fhathast, agus bu mhath leam ruith air dhà no trì de nithean a shaoileas mi a ghabhas dèanamh, agus a bu mhath a dhèanamh gus an rong so altrams a mheudachadh.

Tha feum, thuirt mi, air ceannardairbuidheann-stiùiridh, ”aig am bheil an deagh fhios an chuid air laigse is air neart na Gàidhlige; a tha deònach air sgrùdadh a dhèanamh air na h-adhbhair


[385] airson staid ar cànain, oir, an uair a gheibh iad sin a-mach, bidh fios aca as freagarraiche a dhèanamh gus a cuideachadh. Is ann air aphong sin as motha coire aChomuinn Ghaidhealaich oir cha do dhfhiach iad riamh domhainn a-steach dhan chùis; chan eil iad ach abearradh is adèanamh brèagha duille na craoibhe gun ghuth nach bi i a chaoidh fallain gun cuir iad talamh ma freumhaicheans ma bun.

Is e sin achiad rudbuidheann fhaighinn a rannsaicheas a-mach a dhfhàg aGhàidhlig mar a thà i: an e na sgoiltean, an e nach robh Bìoball Gàidhlig aig an Eaglais gus an ochdamh linn deug, an e gun do chuidich iad sin is iomadh adhbhar eile gus toirt air na Gaidheil am misneachd a chall annta fhéins na bhuineas dhaibh.

Is e an dara , a dhèanamh cinnteach gu bheil comas aig aChomunn so atharraichean a dhèanamh ann an iomadh àite. Bu mhath leam buidheann, no comunn, fhaicinn ris an éisdeadh Bàrd na Sgoile, na h-Eaglaisean, Comunn nan Croitearan agus am B.B. C. An uair sin, nan dèanadh iad a-mach gur e, can, cur-fàs na Gaidhealtachd a bu mhò coir airson an suidheachadh anns a bheil aGhàidhlig, dhfhaodadh iad Comunn nan Croitearan a bhrosnachadh gus daoine òga a tharraing air ais do na croitean le duaisean-airgid, dhfhaodadh iad ionnsaighean a thoirt air luchd na Pàrlamaid mu dheidhinn so, air aBh.B. C. gu T.V. is réidio cheart a thoirt don Ghaidhealtachd airson a dèanamh càil-mhor do dhaoine òga; dhfhaodadh iad fiachainn ra shealltainn do chuid de na h-Eaglaisean gu bheil an dòigheans an riaghailtean ro-chruaidh an diugh do fheadhainn a bhlais air subhailceanaffluent society, ”far nach eil smachd sam bith air a chur air òigridh.

Dhfhaodadh duine iomadh feasgar a chur seachad ag àireamh na rudan a dhfhaodadh buidheann den t-seòrsa so a dhèanamh an uair a nithear a-mach, an toiseach, a chaidh ceàrr anns an toiseach. Ach tha so cinnteach: nach eil a dhfheitheamh air aGhàidhlig ach am bàs mur a dèanar oidhirp gus a leithid so de bhuidheann a chur air chois.

A thaobh cùl, cha ruigeadh a leas dùil a bhith ri airgead on Phàrlamaid ann an Lunnainn agus saoilidh mi gu feumadh an Comunn so earbsa á coibhneas daoine saidhbhir aig a bheil ùidh anns aGhàidhlig. Tha an Comunn Gaidhealach adeanamh an gnothaich air an deagh chuid airgid a sgioblachadh, ach ma thàsann le mòdan is céilidhean air a bheil blas na Beurla glé làidir agus is neònach leam nan tigeadh na h-uimhir chon aMhòid Nàiseanta fhéin nam be fìor-


[386] cheòl Gaidhealach agus breitheamhan-ciùil Gaidhealach a bhiodh aca.

Chuir Iain A. Mac-a- Phearsain, á Uibhist, a bheachdan fhéin air staid na Gàidhlige sìos ann an Gairm an earraichdhainmich e dòigh no dhà air am faoidteadh aGhàidhlig a neartachadh air aGhaidhealtachd fhéin. Tha feadhainn eile, cuideachd, air a bhith adeanamh so o chionn ghoirid, ach chan eil duine toirt misneachd sam bith do na daoine so mura bheil luchd Gairm fhéinagus chan eil a leithid de sheasamh aig Gairm fhéin an diugh ann an latha anns a bheil cho beag de dhùidh aig daoine ann an litreachas Gàidhlig. Is ann airson sin, matà, a bu mhath leamsa buidheann fhaicinn le ùghdarras is comasanbuidheann nàiseanta mar a tha an Eirinn, canairson gach misneachd is cuideachadh a thoirt do dhaoine mar Mac-a- Phearsain is luchd Gairm. Chumadh an Comunn so rompa fhéin is roimh a luchd-cuideachaidh an aon cheann-uidhe so: aGhàidhlig a neartachadh leis na beag is beag( ’s chan e a deanamh brèagha airson nan Gall mar tha an Comunn Gaidhealach adeanamh).

Chan e nach eil cuid ann an diugh a chanas riut nach eil ann ach amaideas a bhith astrì airson na Gàidhlige co-dhiùgum buin i don tigh-dhubhs don teagaisg Chalvineach, ’s an uair a theid iad sin seachad, nach cluinnear an còrr tuilleadh mu dheidhinn na Gàidhlige. Tha cuid eile a chanas, le Profeasair Swann, nach eil ann ach gòraiche a bhith astrì ri cleachdaidhean is cànan phobull a chumail gun mheasgadhna chéile agus a dholnan aonan. Tha e glé shoilleir nach eil anns achainnt sin ach beachdan an t-sluaigh mhóir, bhragail Shasunnaich leis am bu mhath gach pobull eile a chur fo sgéith fhéinach, an déidh sin, éisdidh Gaidheil riu. Bha an Gaidheal riamh buailteach air e fhéin fhaireachdainn suarach is amaideach an coimeas ris an t-Sasunnach (cha do chuidich Compton Mackenzie leis a so) agus chan eil so air a dhearbhadh cho cinnteach le rud sam biths a tha e leis an sgalartaich a bhios air muinntir aChomuinn Ghaidhealaich air àrd-chlàirean nam bailtean móraiad ag agairt buadhan na Gàidhliges nan Gaidheal. Ma chuirear buidheann a chaoidh air chois den t-seòrsa a dhainmich mi, is dòcha gun tig iad chun acho-dhunaidh so an uair a chì Gaidheil gu bheil iad cho math an iomadh dòigh, mar phobull, ris na Goill, agus gum faod duine a bhith tuigseach, foghluimte gun fhacal Beurla, is dòcha nach bi iad cho deònach air leigeil le an cànan féin a dhol bàs cho luath. Chan e dìth neirt sam bith a thaobh na cànain fhéin is coireach ach dìth misneachd a luchd-bruidhne.

titleAn Comunn Gaidhealach – No Comunn Ur?
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Dòmhnall Iain MacLeòid in Gairm 44 %p

parent textGairm 44
<< please select a word
<< please select a page