[391]

Rothairean-Motair

Le IAIN MACNEILL

THA Rothairean-motair(Motor-Cycles) ,afàs nas cumanta a h-uile latha aig an òigridh, agus gu h-àraidh aig an àm so dhen bhliadhna nuair a tha muinntir nam bailtean airson nas urrainn dhaibh a dhùine a chur seachad a-mach air an dùthaich. Tha iad cheart cho cumanta anns na h-àiteachan dùthchail far a bheil na sgìrean pìos o chéiles na busaichean ainneamh.

Feumaidh sibh a bhith sia-bliadhndeug ma faod sibh a dhol air rothar-motair. Tha mi fhéin am beachd fear a cheannach agus thug mi sgrìob air feadh nam bùthan a dhfhoighneachd mun liuthad seòrsa thann.

Aon fhear a chòrd rium uabhasach mathse B.S. A., C15. ’Se inneal 250cc tha so agus tha móran dhiubh gan reic ri luchd-ionnsachaidh oirse am fear as cumhachdaiche a dhfhaodas iad a chleachdadh gum faigh iad cead-a- rathaid. Aon uair is gum faigh sibh an cead so faodaidh sibh inneal nas cumhachdaiche a chleachdadh agus tha B.S. A. adeanamh A.50 agusse 500cc a thanns an inneal so. Tha am fear so air a bhith air amhargaid o chionn fada ach tha e air ath-ùrachadh.


[392]

Tha e nas aotruime, tha barrachd greasad(acceleration)aige agus e astar nas fhaide air aghalan.

Tha na h-innealan aigTRIUMPHcuideachd gu math cumanta agus airson luchd-ionnsachaidh tha an “Tiger Cub” aca math. ’Se inneal 200cc tha so agus fear dhen fheadhainn as saoire dhen t-seòrsa tha ri fhaighinn. ThaTRIUMPHcuideachd adeanamh innealan cumhachdach650cc. ’Se sin “Thunderbird” agus “Bonneville.” Tha deagh ghreasad aca agus is suarach am fuaim a ni iad mu choinneamh an cumhachd.

Se innealanTRIUMPHagus B.S. A. as trice tha daoine ceannach airson trì reusanan:

(1) Tha deagh ainm aca, gum faigh sibh luach ur n-airgid uapa.
(2) Tha na h-innealan aca furasda an cumail suas.


[393]

(3) Ma theid dad ceàrr orra gheibh sibh earrannan ùra ann am bùtha sam bith a tha reic nan innealan seach mar tha feadhainn eile dhfheumas sibh cur dhan tigh-cèairde gan iarraidh.

So agaibh na prìsean:

Seòrsa Prìs (Ur) Prìs (Ath-reic)
B S A. C 15 £193 19 0 1958— £68 0 0
1959— £85 0 0
B S A. A 50 £285 5 0 Ro ùr airson prìs ath-reic
TRIUMPHTiger Cub £166 4 0 1958— £65 0 0
1959— £77 0 0
Thunderbird £286 4 0
Bonneville £318 0 0 Ro ùr

Airson duine tha an dùil cur-seachad a dheanamh de rothairean-motair agus aig a bheil airgead is ùine gu leòr air a shonseNORTONis àbhaist dha chleachdadh.

Agus so cuimhneachan dhuibh ma tha rothar-motair agaibh no ma tha sibh an dùil fear a cheannach. Feuch gun cleachd sibh Clogaid airson ma thachras tubaist sam bith dhuibh gum bi ur ceann air a dhìon.

titleRothairean motair
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Iain MacNèill in Gairm 44 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page