An Oigridh Agus A’ Ghaidhlig
(Corra smuain bho L.M.D.)
THA mi air a bhith deanamh ath-leughadh air an òraid a sgrìobh Iain Mac a’ Phearsain ann an Gairm an Earraich—is math a chòrd do chuid sgrìobhadh rium Iain agus anns an ath-leughadh shaoil leam, mar dh’ iarr sibh anns a’ cho-dhùnadh, gun leiginn ruith le mo pheann agus mo mhac-mheanmainn gad nach bi móran brìgh no seagh aig na sgrìobhas mi.
Anns a’ chiad àite dh’ fhaodamaid a radha gur e a’ ghearain a tha agaibh gearain na h-òigridh anns gach linn a-measg uile chinnidhean an t-saoghail. Tha an òigridh an còmhnaidh de ’n bheachd gur faoin oidhirpean nan sean is nan leth-shean agus a rèir suidheachadh a’ chruinne-chè anns a latha th’ ann is teagamh nach eilear fada ceàrr sa’ bheachd. Ach is fhasa coire na gnìomh agus bhitheadh e cho math
Nis anns an dara àite agus a chrochadh ris a’ chiad phuing, feumaidh an òigridh leigeil fhaicinn gum bheil rian air an cuid bheachdan, nach e nithean gun dòigh a thatar a’ cur ma sgaoil, no millear air a’ chùis gu buileach. Gabhamaid a nis an gnothach gu cùramach is deanamaid cinnteach nach gabh tàire a dheanamh air ar beachdan is ar gnìomharan. Tha mi glé chinnteach gum bitheadh luchd-deasachaidh an leabhrain so miannach gu leòr air beachdan na h-òigridh a chur an clò is mar sin iarraim air fear na té òg sam bith aig a bheil beachdan làidir mu chor na Gàidhlige, no luchd na Gàidhlige, an cur chun nam fear-deasachaidh is gun leigear am follais nach eil beachdan ar n-òigridh gun tùr gun tlachd.
Ma leigear cead leam, bheir mi fhéin criomadh beag air a’ chnàimh anns an dùnadh. Tha am buidheann sin an Dùn-Eideann a tha a’ cruinneachadh am fuidheall a th’ air fhàgail de bheul-aithris nan Gàidheal a’ deanamh obair luachmhor ach ma tha iad gus cuideachadh a thoirt do bhacadh a chur air fàsachadh na Gàidhlige bhitheadh e cho math dhaibh a thoirt an aire nach eil e mar fhiachaibh orra a-mhàin a bhith taisgeadh suas beul-aithris na tìre gus gum bì e ’na chuspair sgrùdaidh aig sgoilearan a’ ghinealaich a tha fhathast ri teachd—ginealach aig nach bì a’ Ghàidhlig gu nàdurra ma dh’ fhaoidte. Bhiodh e glan nan cuireadh prìomh-fhear na sgoile sin an céill gum bitheadh iad deiseil gus iasad chlàr a thoirt do na sgoiltean Gàidhealach. Nach math a chòrdadh iad ris na sgoilearan.
title | An Oigridh agus a’ Ghàidhlig |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | L.M.D. in Gairm 44 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |