[395]

Maise Gnuis

LE EALASAID NIC A’ ROTHAICH.

THA Samhradh a nis gu bhith seachad agus tha min dòchas gum bheil sibh uile air mór thoileachas fhaighinn á teas na gréine. Tha deàrrsadh na gréine, fhads nach gabh duine cus dheth, math dhan chraiceann ach far a bheil an craiceann tioram, feumar an aire thoirt dha. Ma tha craiceann olach oirbh, gabhaibh na gheibh sibh dhen ghréin agus is còir gum bi sibh acoimhead nas fheàrr aig an àm so na aig àm sam bith eile dhen bhliadhna.

Fhads a tha sibhse air a bheil craiceann tioram air a bhith cleachdadh an cungaidh-taiseachd agus an cungaidh-oidhche dhiarr mi oirbh anns an àireamh mu dheireadh cha chòir gum bi móran agaibh ri gearain air. Ach ma tha sibh air leigeil leis achraiceann losgadh, bithidh an tiormad nas nochdte agus bithibh glé chinnteach nach cuir sibh uisge is siabunnna chòir. Glanaibh an craiceann le cungaidh-nighe air a dheasachadh airson craiceann tioram. Cuiribh cungaidh-taiseachd air ur n-aodann air feadh an latha agus cungaidh-biadhaidh (feuch nach ith sibh e!) nuair a tha sibh adol don leabaidh.

Tha Samhradh atoirt deagh chothrom dhuinn atharrachadh dath a thoirt air na cungaidhean-maise againn. Faodaidh sibh cungaidh-stéidh(foundation)nas duiriche a chleachdadh agus ma tha dùil agaibh fhathast làithean-saora a chur seachad air falbh on tigh, thoiribh libh cnogan de chungaidh-stéidh agus phùdar còmhla. Caomhnaidh so dhuibh a bhith giùlan móran bhotail is chnogain agus adòrtadh phùdar air feadh abhaga.

Nuair a gheibh ur craiceann aghrian, bithidh sibh airson atharrachadh a thoirt air ur dath-bhilean agus is e fear soilleir as fheàrr a choimheadas air craiceann a tha air òradh leis aghréin. Tha dath-


[396] shùilean cuideachd briagha aig an àm so agus than fheadhainn phùdar gu h-àraidh freagarrach oir cha dean aghrian coire orra. Ma tha dùil agaibh a bhith snàmh, deanaibh cinnteach gum faigh sibh dath-ruisg a sheasas ris an uisge.

Tha na h-oidhcheannan a nis afàs fada agus bithidh na dannsaichean is na céilidhean atòiseachadh a rithist. Air an aobhar sin innsidh mi dhuibh anns an ath àireamh mu na cungaidhean-maise as briagha is as freagarraiche airson sin.

titleMaise Gnùis
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Ealasaid Nic a’ Rothaich in Gairm 44 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page