Bogha Na Caillich
Le EIRIC NICDHOMHNAILL
ANNS an t-seann aimsir, aon uair, bha ann cailleach Hearach a chaidh a-mach a dh’ iasgach le slait gu creig air stròn Rubha Reubanais. Thachair gun robh cailleach Sgiathanach ag iasgach air Rubha Bhatairnis aig a’ cheart àm.
Bha gach cailleach gu suaimhneach a’ marbhadh de gach seòrsa éisg ach gu mì-fhortanach chaidh an driamlaichean troimhe chéile anns a’ Chuan Sgìth. Thòisich gach cailleach air tarraing, gach té am beachd gun robh uile-bheist aice air an dubhan.
Tha e coltach gun robh a’ chailleach Sgiathanach na bu treise na ’n té Hearach agus thòisich a’ chailleach Hearach air a gréim a chall.
Rug i gu daingeann air a’ chreig air an robh ’na suidhe, ach shlaod an té Sgiathanach i fhéin agus a’ chreag a-mach air a’ mhuir.
Leig a’ chailleach Hearach ás a’ chreag greis a-mach bho thìr agus gus an latha diugh tha a’ chreag sin follaiseach agus is e sin “Bogha na Caillich.”
Is e “Cathair na Caillich” a their iad ris an làrach a dh’ fhàg a’ chailleach chòir anns an Rubha.
title | Bogha na Caillich |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Eiric NicDhòmhnaill in Gairm 44 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |