Bheireadh E Gaire Air A’ Chat
Le CAIRISTIONA NICAOIDH
Bha bodach agus cailleach a’ fuireach còmhla aig aon àm. Bha an cogadh ann agus bha an tì uabhasach gann. Bha a’ chailleach miannach air an tì agus cha toireadh i do ’n bhodach ach beagan dhi. Aon latha chaidh a’ chailleach a-mach airson céilidh agus fhad’s a bha i a-muigh rinn am bodach tì dha fhéin. An uair a thainig a’ chailleach dhachaidh chunnaic i làrach na poiteadh anns an teine agus ars ise ris a’ bhodach,
“Ged nach robh mise riamh anns an sgoil, faithnichidh mi O.”
Bha sud roimhe dithis bhràithrean, Dòmhnall is Calum, a’ fuireach anns an aon tigh. Bha iad a’ gabhail latha mu seach a’ cur a-mach an luatha agus a’ glanadh an tighe. Bàsaich Dòmhnall aon oidhche agus an ath fheasgar thainig am ministear do ’n tigh. Chunnaic e nach robh an tigh air a ghlanadh agus ars am ministear.
“A Chalum, carson nach do ghlan thu an tigh?”
“Latha Dhòmhnaill a th’ ann an diugh,” fhreagair Calum.
title | Bheireadh E Gaire Air A’ Chat |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Cairistìona NicAoidh in Gairm 44 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |