A’ Ski-eadh air Uisge
Le CAIRISTIONA DICK
BHO chionn bhliadhnaichean air ais b’ àbhaist dhomh bhith faicinn anns na tighean-dhealbh dealbhan briagha ma na cuir seachad a bhiodh aig daoine air feadh an t-saoghail. Agus an rud a bu mhotha a bhiodh a’ cur farmad orm ’se na nigheanan ’s na gillean a bhiodh a’ ski-eadh air uisge. Chitheadh tu Bàgh Naples le gainmheach gheal réidh, is grian àrd theth a’ deàrrsadh air a’ mhuir—cho gorm is cho còmhnard a’ coinneachadh na Tràghad. ’Nan sìneadh air an tràigh fo’n ghréin, na snàmh anns a’ mhuir bhiodh nigheanan is gillean cho briagha ’s a chunnaic thu riamh. ’Sann mar sud, feumaidh, a bhiodh na seann Ghreugaich air Olympus. An sin thigeadh bàta dh’ an dealbh a’ seòladh cho luath ris a’ ghaoith, a’ stealladh cop mìn geal air a cùlaibh agus ’na deighidh bhiodh nighean àluinn, a craiceann is dath an òir air leis a’ ghréin, deise-shàmh gheal a’ deàrrsadh air a com, bhiodh falt fada dubh a’ siabadh air a cùlaibh. Bhiodh ise ’s gréim aice air ròp a bha ceangailte ris a’ bhàta, a’ gàireachdaich ris a’ Chamara, a’ smèideadh ris an fheadhainn a bh’ air an tràigh—a’ ski-eadh. Nach mise bha sud! Ach ’se bha sud ach tìrean céin.
A nis a bhalaich ort, ’sann a tha e air tighinn nas fhaisge air an tigh. Gu dè chunnaic mi aon latha aig toiseach an t-samhraidh air an locha aig ceann na croiteadh againn fhéin air Tìr-mór na h-Alba ach gille a’ ski-eadh. Gun teagamh cha robh móran de dhath an òir air a chraiceann— ’sann a bha e gorm leis an fhuachd an sealladh a fhuair mise dheth. Bha gréim a’ bhàis aige air an ròp a bha ga cheangal ris a’ bhàta— ’s beag a bha dh’ fhor aige air smèideadh do ’n fheadhainn a bha ga choimhead. Bha e toirt a dhìol dha fuireach ’na sheasamh ach abair gun robh e gluasad. Carson ma tha nach feuchainn fhéin air.
Suas a chaidh mi chun an tighe agus fhuair mi mo dheise-snàmh. Cha robh i uabhasach fasanta ach smaoinich mi nuair a bhithinn greiseag aig a ski-eadh gu faighinn te bhriagha gheal mar a bh’ air an te bha sud ann am Bàgh Naples. Nuair a rachainn dhachaidh aig na làithean-saora ’s dòcha gur ann a bheirinn aire Sheumais Sheocainn far na giomaich airson feasgar na dhà airson mo thoirt a ski-eadh air an Traigh-Iar—agus thigeadh muinntir a’ bhaile gam choimhead agus an luchd-turais cuideachd. S dòcha gur e deise-shnàmh dhubh a b’fheàrr a thigeadh dhomh. Nach bochd nach robh m’ fhalt na b’ fhaide airson gum biodh e siabadh ás mo dheighidh.
Chaidh mi sìos chun a’ chidhe far am faigheadh tu iasad de ski-
“So, cuir sud ort,” agus shìn e dhomh crios-sàbhailidh!
“O thìocais, dé feum a bha agam air a sin? Chan e cleas cunnartach a bha fa-near dhomh. Bha e coimhead furasda gu leòr. Och uill cha robh mi dol a thilleadh a nis.” Agus chuir mi orm gu h-umhail i.
Shuidh mi an sin air oir a’ chidhe, mo chasan as na ski-eachan os cionn an uisge agus gréim agam air an ròp-draghaidh. Bha an ròp slachd air an uisge agus inneal a’ bhàta ag obair gu socair. Bha fear a’ bhàta a’ feitheamh ri fios bhuamsa gun robh mi deiseil. Dh’ fhalbhadh esan an sin cho luath ’s a bh’ aige. Theannaicheadh an ròp agus shlaodadh e mise air mo dhà ski air uachdar an uisge. Dè b’ fhurasda na sin?
Bha ghrian air a dhol ás an t-sealladh air cùl sgòth agus bha mise ’nam shuidhe ann a sin gam lathadh leis an fhuachd agus air chrith leis an eagal. Smaoinich mi ’n uairsin an t-annas a chuireadh so orra aig an tigh—nuair a chitheadh iad mi a’ ski-eadh ás deighidh bàta Sheumais Sheocainn, a’ ghrian a’ deàrrsadh, an cuan cho gorm, a’ ghainmheach cho geal agus mi fhéin le mo dheise ùr—dubh no geal cha robh fhios agam fhathast. Saoil a faighinn Bìor-bhuich? ’S dòcha gur ann a dheanainn an gnothach le aon chas agus bhiodh an t’ éile cho dealbhach air mo chùlaibh mar gum biodh sgiath. Bha mi a’ smèideadh do ’n fheadhainn a bh’ air a’ chladach . . . .
Feumaidh gun robh mi cho fada air falbh ’nam inntinn is gun do smèid mi gun teagamh agus gun do ghabh fear-a- bhàta so mar chomharra gun robh mi deiseil.
Mach a ghabh e. Theannaich an ròp agus bha mise air mo tharraing gu sgiobalta far a’ chidhe, agus bha mi ’n dùil mu cheud troigh suas dh’ an iarmailt. Leig mi ás mo ghréim air a ròp agus sìos a chaidh mi. ’S mi bha taingeil air a’ chrios-sàbhalaidh. Thàinig mi am bàrr a rithist a luib tarsannan a’ chidhe, agus gréim agam air te de na ski-eachan.
Cha deach ro mhath leam an turas ud ach thig an latha—agus gu ’n tig feuch ma thachras dhuibh creutair bochd fhaicinn a’ plubadaich fo chidhe anns na h-eileanan ’s bàta-ghiomaich Sheumais Sheocainn pìos air falbh—gun tog sibh mi!
title | A’ Ski-eadh air Uisge |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Cairistìona Dick in Gairm 44 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |