Na Bataichean-Aiseig Ur Agus Na H-Eileanan
Le UISDEAN MACDHOMHNAILL (Ard-sgoil Inbhir-Nis)
AIR an ath shamhradh bithidh an “Lochmór” agus a càirdean a’ cur cùl ris na h-Eileanan an Iar airson an uair mu dheireadh.
Tha bàtaichean mara ùra gan togail do Mhac a’ Bhriuthainn ann an Obar-Dheadhain agus bithidh iad so a’ gabhail àite nan seann tubaichean a tha ceangal nan Eileanan ri Tir-mór an diugh.
Ged nach eil cuid ga thuigsinn, is e so rud as fheàrr a thachair do na h-Eileanan bho chionn iomadh bliadhna. Chan e Innse Gall a-mhàin a tha dol a bhuannachadh ach Ceann a Tuath Alba gu léir. Tha còmhlan de mhuinntir Steòrnabhaigh an dùil bàta-aiseig a ruith eadar Leódhus agus Ullapul ann an taobh an iar Rois. Nuair a thig na h-aiseagan so gu bith, bithidh e comasach do theaghlach a dhol air feadh nan eileanan air fad le carbad agus tilleadh taobh Steòrnabhaigh agus Ceann a Tuath Alba.
Fosglaidh so na h-Eileanan do bheartas na Galldachd agus faodaidh marsantan am fortan a dheanamh san t-samhradh. A dh’ aindeoin so tha dà nì fhathast a dhìth air na h-Eileanan an Iar. Is e sin barrachd bhùithean agus tighean-fuireach airson an luchd-féill. Cho beartach agus gum bi na Goill cha phàidh iad airgead cruaidh Sasunnach gun nì air a shon agus mar as luaithe a thuigeas na Gaidheil sin ’se ’s fheàrr.
Chan eil teagamh nach eil na h-Eileanan an Iar buaireasach do mhuinntir nam bailtean móra mu dheas. Nach fhada bhon a thuirt am bàrd Donnchadh Bàn,
“An t-uisge glan ’s an t-àile,
Th’ air mullach nam beann àrda,
Chuidich e gu fàs mi.
’Se rinn dhomh slàinte ’s fallaineachd”
agus chan eil teagamh nach eil so fìor mu Innse Gall an diugh. An déidh fuaim agus cabhag nam bailtean, gheibh luchd-turais fois agus sàmhchar air taobh an iar Alba. A bharrachd air na Goill, bithidh iomadh Eileanach a tha air fògradh gu Tir-mór glé thoilichte gu bheil làithean an aiseig ùir so faisg air làimh. An àite deich uairean mhì-chomhartail anns an “Lochmór” cuiridh na bàtaichean ùra tarsainn air a’ chaolas iad ann an trì uairean.
Nach math an rud adhartas, gu h-àraidh anns na h-Eileanan a bha air an dìochuimhneachadh cho tric. Tha sinn an dòchas a nis nuair tha rathaidean matha gan togail agus bàtaichean ùra gan cur fo ’n comhair gun dean na h-Eileanaich saothair chruaidh airson làithean pailteis a thoirt gu Innse Gall.
title | Na Bataichean Aiseig Ur Agus Na H-Eileanan |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Uisdean MacDhòmhnaill in Gairm 44 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |