[407]

Uighean Fhaoileag Is Gaol Seoladair

Le UISDEAN LAING, (Abhainn-nan-Eala, Astràilia-an-Iar)

CHA robh cabhag sa bith air Fionnlagh Caol ged a bha aBhealtainn seachad agus an treobhadh fada bho bhith crìochnaichte. Bha achruit aige anns aBhràighe agus co aig nach robh deagh fhios gu robh Bràighe Bhaile-na-Staoine fliuch agus bog? Bhiodh e na bfheàrr feitheamhthiormaicheadh a fearannchuireadh e làmh ris achrann uaireigin eile. Anns na làithean sin, lethchiad bliadhna air ais, bha pailteas do thìm, fàsaichean farsainn ciar-glas dhi, aig na cruitearan. Agus bfhiach an tìmsin? Leth-chrun a latha air a speal, thasdan asgaoileadh inneirich, ochd sgillinn diag aceangalnuair nach robh làithean féille droch shìde no cion obrach acur stad air saothair fearainn agus cladaich. Bha cho math do dhuine a làmhan a churna phòcaidean agus a fàgail ann.

Anns a staid inntinn so, smaointich Fionnlagh nach biodh cho tlachdmhor ri sràid a ghabhail air a shocair mu chuairt nan cruitean fiach a faigheadh e mach bha daoine eile adèanamh no smaointinn. Cha robh e fad air a sgrìob nuair a thug e an aire gu robh duine mór, coltach o astar ri Calum Mór Chnoc-na-Leacan, agus dithis dhe na sgoilearan còmhla ris, alàimhseachadh seòrsa do dhéile leathainn aig taobh a deas Loch-na-Bogaich, làmh ri Gob-a- Choidhleum. Ràinig e iad— ’se an gille mór a bhann agus bha e acuideachadh nam balach acur ri chéile ràgh anns a robh dùil aig an dithis ghillean beaga dhol a-mach air a loch gu Eilean-a- Choidhleum. Bha Calum air uidheam shaoirsneachd a thoirt thucaòrd, sàbh, tairgnean agus rola de ròpa caol cruaidh agus bha poca aig na gillean fhéin anns a robh iad adol a chur nan uighean faoileag a bha lìonmhor air an eilean aig an àm so dhen bhliadhna.

Chan e gu robh déidh sa bith aca air biadh cho searbhs cho fiadhaich ri uighean fhaoileagbha cho math leo a fiaclan a chur an gréim ann a feòil seann reithe air a robh abhragsaidh no ann an aran eòrna anns a robh tuilles a chòir do smodal a chaidh a-measg na mine anns amhuileann. ’S gann gu robh duine no brùid anns a’


[408] Bhaile a bhiodh deònach blasachadh air uighean fhaoileag an dara turas ach MhicCeileag, beathach a réir Eachdraidh Chronaichte Bhaile na Staoine, cho acrachs a bha riamh an garbhchriochan Uibhist.

Oidchàraidh anns a sgoil-oidhche dhinnis an òigre don Mhaighstir-sgoile gu robh muc-mhara marbh air an tràigh aig Gob-a- chonais agus choisich e suas machair Sgarbhacleit an ath fheasgar fiach a faiceadh e i. ’Se annas a bha innte. A chionn nach robh muc-mhara no uiread is muc-ruadh no dallag ri fhaicinn, dhfhaighnich e anns a sgoil air a larna-mhàireach a thachair don mhuc-mhara agus fhuair e freagairt a chuir iongnadh air, “Dhith MhicCeileag i.”

Air a latha so bha feum àraidh aig na balaich air na h-uighean. Mun tàinig spuirt Shasuinneach gu ruig Uibhist, bha ena chleachdadh aig na sgoilearan a bhith ri cluichd-an-tighe, speilean, iomain agus blàir-phluic air sliabh ris an canadh iad an Cumhag. ’Se cluichd shalach a bhanns na blàir agus dhiùlt a Maighstir-sgoile cead dhuinn a bhith ri còmhstri cho mosachs cho robach ann am pàirc-cluiche an tigh-sgoile.


[409]

Bha an dithis ghillean air an inntinn a dhèanamh suas gum biodh uighean fhaoileag, co-dhiù nam biodh iad grod, cus na bfheàrr na na plodain mòintich leis am biodh iad mar bu trice adalladh air a chéile air aChumhag. Sgoilear sam bith a thilleadh don sgoil an déidh àm dìnnearach le spuachdan dubh do mhòinteach bhog air fhalt no air a chuid aodaich, gheibheadh e na stràcan bhon Mhaighstir-sgoile agus chuirte mach ás a sgoil e gu Runnach Earchaidh fo smachdpupil-teachergus an glanadh e e fhéin. Ach nam biodh spuachdan buidhe do dhuighean fhaoileag airagus na h-uighean grod crìoch aghnothaich? Gun teagamh, nan tachradh a leithid a rud, bhiodh an ceòl feadh na fìdhle agus, mar a thachair nuair a bha abhreac mhór saBhaile, math-dhfhaoidte gu feumadh iad a sgoil a dhùnadhgus a stadadh na faoileagan air breith. ’Sefun garbha bhiodh a sin, mar a thuirt Murchadh Beag, an gille éibhinn Sgiathanach rium ann an Cinn-a- ghiùsaich a latha a chaidh am ball-iomain troimh uinneag an tigh-sgoile, atoirt deagh sgailc air an t-sròin do mhaighstir-sgoile air a robh gràin aige. Cha chreid mi gu robh na blàir acòrdadh ris aMhaighstir-sgoile. ’Sann á Sasuinn a thàinig e, rathad Lunnainn, agus bha sinn fo amharas nach robh e eòlach air blàir-phluic ann a sgoiltean Shasuinn idir. Na Sasunnaich sin— ’se daoine neònach a bhannta, cha chuireadh na Staoinich sa bith seachad orra. Bha iad cho iongantach ri Barraich agus Leódhusaich. Tha iomradh anns an Eachraidh Chronaichte gum biodh na Sasunnaich ag ithe ballaig-bhuachar agus easgannan beaga dubha á Loch Raineach agus bha e duilich a chreidsinn gun itheadh MhicCeileag fhéin treallaich ana-cneasda dhen t-seòrsa sin. An diugh, chanadh sinn, ann an Gàidhlig ùr nam bàrd Leódhusach, cànan nan gugaichean, gum bann ann aIunibherseile a chaidh an togail. Ach thig orm tilleadh air ais.

Nuair a bha ràgh air a cur an òrdugh agus na gillean adol air bòrd, maide chaidh a shàbhadh á bocsa bhrioscaidean ann a làmh gach aon dhiubh airson iomaradh, rinn Fionnlagh còir ach bacadh a chur air achùis? A chionn gu robh e furasda dha e fhéin a sgeadachadh ann an ùghdarras nach buineadh dha bha enashergeantanns amhilisithuirt e, mar fhear nach fuilingeadh curna aghaidh, nach robh e reusanach no sàbhailte do dhithis ghillean òga dhol a-mach air a loch leo fhéin. Rachadh e fhéin agus aon dhiubh air a ràgh agus dhfhàgte an gille eile air tìr. Ged a bha deagh fhios aig Calum agus aig na balaich nach robh cunnart sam bith anncha robh doimhneachd


[410] caolas an eilein ach mu thrì troigheanleig iad le Fionnlagh a thoil fhéin a bhith aige a chionn nach robh Calum airson aimhreit mu dheidhinn gnothach cho faoin.

Mar sin dhfhàg an dithis oir a loch agus thòisich iad air iomaradh ach cha robh iad ach mu dheich shlatan air an cùrsa nuair a mhothaich iad gu robh a ràgh tuille is domhainn anns an uisge agus iad fhéin fliuch chun nan glùinean. Cha dèanadh so an gnothach. Thug Fionnlagh air aghille leum thar na déile agus grunnachadh gu tìr agus lean e fhéin air adhartna aonar. Bha aghaoth le oiteagan brasa bhon ear abeothachadh fad an t-siubhail agus bha Fionnlagh cho tur aineolach air marachds a bha achuid mhór de chruitearan aBhailema bha a leithid a rud comasach. An àita bhith ag oibreachadh a mhaid-iomaraidh air taobh an fhuaraidhsann a bha e ag iomaradh air taobh an fhasgaidh agus bha aghaoth ga tharrainn air falbh an iar air an eilean gu meadhon a loch. Ged a bha an triùir a bha air tìr leth-choma càit a rachadh e fhéin is a ràgh, thòisich Calum air smèideadh air ga chomhairleachadh iomaradh air an taobh eile. Rinn a maraiche sin ach, a dhaindeoin a spàirn, bha aghaoth tuille is làidirna aghaidh, agus mu dheireadh bha e na bfhaidon eilean na bha e nuair a dhfhàg e oir a loch. Cha robh aige ach oidhirp a dhèanamh air tilleadh air ais. ’S math a long a bheir a-mach . . . .

Ged a dhìt e aghaoth-an-ear gu peanas sìorraidh ann an Ifrinn cha do dhatharraich sin neart no slighe na gaoithe agus dhfhairtlich air Gob-a- Choidhleum a ruighinn. Mu dheireadh thall chaidh stad a chur air ann am bàgh beag salach cuilceach an iar air aGhob agus cha burrainn dha dhol air ais no air adhart— “Fionn ann an tigh aBhlàir Bhuidhe gun chomas éirigh no suidhe,” mar gum biodh. Cha robh e nis ach mu fhichead slat bho oir a loch agus bha e comasach dha Calum Mór a chluinntean ag éigheachFuirich far a bheil thu agus caithidh mi ròp thugad.”

Ged is e smior aphoidseir a bhann an Calum nuair a bhiodh na geòidh ghlasana shealladh, bha rudeigin fada ceàrr air a chuimse leis a ròpa a latha bha so. An déidh snaoim cruaidh agus mór a chur air ceann a ròpa, air eagal (smaointich Fionnlagh) gu sleamhnaicheadh e troimh làmhan, thilg Calum Mór a ròpa gu seòladair na déile mar gum biodh e acaitheamh an ùird aigGamesDhalabrog. Cha do ràinig a ròpa a ràgh ach nuair a bhuail e an t-uisge, rinn e uiread steall ris an Eas-Bhàn fo thuil agus bha iomagan air Fionnlagh tiota beag bfheàrra bhith air a bhàthadh anns a loch no air a ràgh. Thàinig


[411] a ròpa rathad Fhionnlaigh an dara turas mar urchair á gunna agus thug a snaoim buille nimheil dha air apheircealchuir so seòrsa do thuainealna cheann ach ghléidh a chasan gréim air an déile. Ach cha be so crìoch breislich Fhionnlaigh. Dhfhàg a ròpa dòrn an fhir mhóir a rithist leis a h-uile unnsa de neart a bhana ghàirdean agus, nuair a bha e dol seachad air làimh chlì Fhionnlaigh, mu àirde na guaille, gheàrr e leum bheag, car air fhiaradh, fiach an greimicheadh e a ròpa. ’Sann a chaill a chasan gréim air a ràgh agus chaidh e fhéin an comhair a chinn a-mach air a loch a-measg na cuilcs na rafagaich. Nuair a thog e a cheann os cionn an uisges an eabair, bha shùilean cho làn do pholls do fhiar-lochas gura gann a burrainn dha a ràgh fhaicinn. Ach chaidh aige air dòigh air choreigin air streapadh air ais air a ràgh. Bha Fionnlagh truagh afaotainn sealladh ùr agus craiteach air dòigh-beatha an t-seòladairIad-san a ni gnothach air uisgeachan móraann a Loch-na-Bogaich! . . . chì iad gnìomharanan deamhain, Fear Mór aChnuic!”

na h-uile-thruis so bha na gillean beaga acur car-a- mhoiltean dhiubh fhéin air an fhiar aig taobh a lochchan fhac iad a leithid do spòrs riamh roimheagus bha Calum cho lag le gàireachdaichs gura gann a rachadh aige air a ròpa a thilgeadh idir. Air an adhbhar sin cha robh an ath chaitheamh ach socrach agus sìtheil. Rinn Fionnlagh gréim air a ròpa agus chaidh e fhéin agus a ràgh a shlaodadh gu tìr. Bha e air a shàbhaladhgun mhóran taingealachd nochdtena aogas.

Ach chan e so a sgeula gu ceann. Bha leannan aig Fionnlagh air an taobh eile dhen loch, Peigi Bhàn, ann am Peighinn-nan-Craoisleach, agus chaidh e a shuirghe orra an ath oidhche ach bhiodh ann an cidsean na Banntraich, màthair Pheigi, roimhe ach dithis thoirmeisg á Baile-na-Staoine agus, mun do ràinig Fionnlagh an tigh, bha iad air a thoirt a chreidsinn air aBhanntraich gu robh Fionnlagh ann an cunnart a bhàthadh an air a loch agus gum biodh e air a bheatha a chall gun teagamh mura bes gun do shnàmh Calum Mór ga ionnsaigh agus gun tug e gu tìr e. Chreid am boireannach bochd a h-uile facal a thuirt na truillich agus, cho luaths a thàinig Fionnlagh a-stigh air an dorus, thòisich i, ann an coibhneas a cridhe, air innse dha a duilichinn nuair a chual i mu chruadal agus a taingealachd nach robh gnothaichean na bu mhiosa. “Fhionnlaigh, a ghràidhean,” ars iseNach tusa bha fortanach gu robh an gille sgairteil ud, Calum Mór aChnuic, aig taobh a locha nuair a bha do chunnart cho mór. Mura biodh e cho gaisgeils a bha e, bhitheadh thusa, meudail, an dràsda sìntenad ghiobain


[412] fliuch fuar air grunn a loch oillteil so. Obh! Obh! ’Sann dhut-sa bu chòir buidheachas a thoirt do Dhia nan Gràsan a shàbhail thu nuair bu mhór tfheum.”

Cha tàinig diog á bial Fhionnlaigh ach thug càch an aire gun do dhfhàs aodann cho dearg ri giomach air a bhruich. Cha burrainn do na gillean casg a chur orra fhéin fada agus thòisich aghàireachdaichagus bha gàire Peigi os coinn chàich. Chuir an cridhealas so iongnadh mór air aBhanntraich ach cha robh neach a làthair a bha deònach an fhìrinn innse dhi. Ach bha an fhìrinn, ann a riochd ùr, soilleir gu leòr do Fhionnlaghann an gàire Peigi. Agus bha an fhìrinn searbhcho searbh ri uighean fhaoileag.

Chan eil an còrr riràgh.”

P.S.

1. Chan eil e furasda ùghdar na h-Eachraidh Chronaichte a lorg aig a lathan diugh ach feumar aideachadh follaiseach a dhèanamh do na fir-deasachaidh agus do na leughadaireanma tha gin annnach biodh e comasach, ás aonais na h-eachdraidh luachmhoir so, a sgialachd a chur air pàipear.

2. Ma tha neach sam bith ann am Baile-na-Staoine no anns an nàbaidheachd amharasach gu bheil e afaicinn a dhealbh fhéin anns a sgialachd, chan eil e amealladh duine air thalamh ach e fhéin.

[Sanasan]

titleUighean Fhaoilleag is Gaol Seòladair
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Uisdean Laing in Gairm 44 %p

parent textGairm 44
<< please select a word
<< please select a page