[431]

An Sgeilp Leabhraichean

An Dubh is an Gorm, le Iain Mac a’ Ghobhainn (Roinn nan Cananan Ceilteach Oilthigh Obair-Dheadhain. 10/-).

Tha an samhradh anns an t-adhar gorm. Chan eil an saoghal dubh an còmhnaidh. Cha bhiodh e nàdurrach.”

Gu bho chionn ghoirid cha robh sgeulachd ghoirid anns aGhàidhlig. Bha gun teagamh sgeulachdan ann agus bha cuid dhiubh goirid, achs math tha fhios nach e sin a tha mi ri ciallachadh. Bha iad sgrìobhte mar a dhinnseadh bodach seanchas ris an teine, seanchas cho fada is cho toinnte ri siaman. Bha iad air an calcadh le gnathasan-cainnte airsonblasa thoirt orra bha coltach riphìobna phluicneoanailna uchdgu sin a dhèanamh? Bheireadh so beagan de bhlas na ceothaidh orra, ach glé bheag de dhreach litreachais.

Chan ann le gnathasan-cainnteneoclichés—a bheothaichear an sgeulachd-ghoirid an Gàidhlig, ach le rosg cruaidh glan nach bi an urra ri dad airson a bhrìgh is a bhòidhchead ach a neart fhéin. Chan ann le seanchasan-siamain a dhùraichear am modh-sgrìobhaidh so ach le bhith acur shuidhichidhean fo chomhair an leughadair airson gum faic e dha fhéin gu tha ri tachairt. Chan e innseadh an t-seanchais a thaig an ùghdair ri dhèanamh, ach an gnìomhadh, an suidheachadh a thoirt beò don leughadair.

Tha an sgeulachd-ghoirid fìor mhath gu toirt a-mach suidhichidhean anns a bheil daoine air an toirt còmhladh, agus am buntanas a tha eatorra a shealltainn, ri beothachadh, ri bàsachadh, neo gun ghluasad. ’Se so cridhe sgeulachdan-goirid Mhic aGhobhainn. Ann am Bùrn is Aran tha Iain mu choinneamh aGhearmailtich, an coigreach acoinneachadh a mhàthar, am balach air bialaibh athar, an duine dubh còmhla ris achaillichdithis is dithis air an toirt còmhladh, agus an leughadair ri faicinn dha fhéintroimh rosg ghlangu tha ri tachairt.

Thàinig Bùrn is Aran a-mach o chionn trì bliadhna, agus a nis tha Mac aGhobhainn air sgrìobhadh An Dubh is an Gorm, leabhar anns a bheil fichead sgeulachd-ghoirid ann an Gàidhlig. Chan eil duine[432]


[433] ris na chòrd a chiad leabhar nach fhaigh an tuilleadh tlachd ás an fhear ùr.

Ged a shaoileadh fear-leughaidh gu bheil na sgeulachdan-goirid so glé sgaptefalbh bho Adhamh gu Napóleon, bho Mhac an t-Srònaich gu Abrahamtha iad ann a seagh uile glé fhaisg do chéile. Chan eil e gu diofar an t-àm no an tìr anns an suidhich Mac aGhobhainn an sgeulachdan linn Eden neo ar linn fhìn, an Israeil neo an eileanan maola na Gàidhlig— ’sann ri inntinn an duine a tha a ghnothaich. Seach gur ann, tha tìm, anns na sgeulachdan soan àite a bhithna strianaig dhìrichri tionntadhs ri cur char-a- mhuiltein, toirt ceum air ais neo sinnteig air adhart. Chan eil cuimhne neo mac-meanmhainn ceanghailte ris anan dràsdaach ri falbh air aiss air adhart gun sgur.

Chì sinn san sgeulachd An cuans na Faoileagan, Napóleonna shuidhe anns achladach an Elba, ri coimhead ann an cop na mara blàr mór Waterloo a rithist, agus an t-sàmhchadas agus an dìomhanas ga chur ás a chiall. Nam biodh fiù aon duine aige a thuigeadh na chanadh ebu mhath leis bruidhinn eadhoin ris an truaghan ud Wellington. Inntinn Napóleon.

Tha feadhainn as fheàrr de na sgeulachdanmar Am Maor agus An Solus Urair a bhith ann an Gairm mu thràth, achs math is fhiach iad a leughadh a rithist. Chan eil càil a sgrìobhas Mac aGhobhainn nach lìrig an tuilleadh brìgh ás déidh an dara neo an trìtheamh leughaidh. Agus tha trì-deug de na sgeulachdan nach robh an clò roimhe.

An dùil a bheil ministear Gàidhlig ann a leughas Abraham is Isaac aon uair anns an eaglais an àite an t-Seann Tiomnaidh? “Chan eil mi atuigsinn,” ars Abraham ris fhéin, “Carson a chaidh a thoirt dhomh?” Chaidh e air chrith le feirg.

Dhfhairich e sgianna phòcaid. Chaith e seachdain ga geurachadh. Neo Adhamh agus Eubha: “Tha mi ag iarraidh an ubhail,” ars ise. ’S sheall e rithe. Bha ainglean dorchana sùilean, ’s thòisich e dol air chrith mar chraoibh an stoirm. Loisg e ann an teine a sùilean. Chunnaic e i acur duilleagan nan craobhan timcheall oirre mar cheò ghorm timcheall na gréine.

Tha nimh eagalach anns AChòmhradh, far a bheil ministear ri briseadh sìos balach òg a thair leabaidh a bhàis. Aig an deireadh chan eil air fhàgail ach an leabhar fuar dubh, nach blàthaich fiù teas na gréine. Tha alt anns an sgeulachd-ghoirid so cho maths a tha anns an leabhar. Tha i so glé cheanghailte ris An Dubh is an Gorm,


[434] an sgeulachd as fhaide a thanns an leabhar. Cha deach a leithid a sgrìobhadh ann an Gàidhlig chun a so. Chan eil innte ach litrichean. Trì litrichean deug a tha balach Gaidhealach ri cur dhachaidh ás an oilthighlitrichean a tha sealltainn mar a tha e ri gluasad air falbh, le tìde, bho shean dhòighean na dachaidh, ifrinn is an dubh, agus ri faighinn sealladh air saoghal ùr, saoghal gorm. Tha an cuspair agus am modh-sgrìobhaidh an so ionmholta. Bithidh an cuspair dlùth ris gach duine a tha ri faicinn mar a tha saoghal nan eileanan ri caochladh. An òigridh ri tighinn a-mach ás an dubh don ghorm.

Bu chòir danns a bhith anns an t-saoghal. Tha sin ceart, nach eil?
Bu chòir gorm a bhith anns an t-saoghal, ged a tha dubh ann cuideachd.
Bu chòir samhradh a bhith anns an t-saoghal a chùl air agheamhradh.

Aig an deireadh, nuair a chaidh aige air briseadh nam bannan gu léiram bann bho dheireadh, “ chanadh daoine aig an tigh” —chan eil e an urra ri duine airson faicinn agus faireachdainn an t-saoghail:

Chan ann bho Homer no bho mhinistear ach bhuam fhìn is bho Fhionnghalan litir so.
Bithibh beò, bithibh beò, chun an fhìor-dheiridh. Ur mac gaolach Coinneach.

Tha an cumadh ùr so ri dol air falbh bhon sgeulachd-ghoirid, agussann a tha An Dubh is an Gorm mar sgeulachd, nas fhaisg air dòigh-sgrìobhaidh ás an tigeadh nobhal. An dùil? Ann anNew Saltire, àireamh 7, tha an sgeulachd so air a leudachadh am Beurla fon ainmThe Black and the Red.Chan eil rùm an so gu sealltainn ris an dealachadh a tha eadar na dhà.

Ach bu mhath leam beagan a ràdh mu fheadhainn eile de na sgeulachdan. Tha aon neo dhà ann a bfheàrr leam nach robh idir ann. tha An Léine agus Sgrìobhadh air aBhalla adèanamh anns an taghadh so? Tha Jenkins is Marlowe ri toirt a char cus ás an leughadairchan fhiach breab aig an deireadh, a tha dha do chur chun an toisich a rithist. Cha robh dorradas sam bith orm nuair a chaidh tigh aBhan-Shoisgeulaichena theine, oir bha i fhéin agus a seanchas car tinn. Thug Anns aBhùrn toiseachPincher Martin ’nam chuimhne, achse sin fhéin uireas. ’N ann bho Golding a thainig Am Prìosanach cuideachd? Cha do thuig mi an fhàinne ghormcàil ach gorm! —ach bha e rudeigin coltach riFree Fall. Bithidh thu gàireachdainn ri so a Mhic aGhobhainn mar a bha am peantair Aig aChloich Chuimhne: ’S iomadh smuain a thug an luchd-sgrùdaidh ás an inntinnean


[435] airson sin a mhìneachadh don t-sluagh (ma bha dragh air bith acasan) ach cha robh aon aca ceart. Rinn e gàire beag eile.

Chan fheumar gun iomradh a thoirt air Na h-Iùdhaichsgeulachd thaitneach agus ghorm. Dùil aig na h-Iùdhaich gun robh iad ri faighinn a-mach ás aGhearmailts ri falbh gu Ameireagaidh neo Póland. Ann an tigh mór brèagha chuir iad dhiabh an aodach airson a nighe fhéin, ’s bha na boireannaich asealltainn ri chéile air làr marbail, cuid le eu-dòchas is cuid le àrdan nuair a thàinig an gas. Ach mu dheidhinn na fir?

Tha so an dàrna leabhar sgeulachdan-goirid aig Mac aGhobhainn, agus chan eil gin aig duine eile. Tha cunnart an cois so, ma leanas e, gu saoilear nach eil dòigh-sgrìobhaidh air sgeulachd-ghoirid ach mar a tha Mac aGhobhainn ga sgrìobhadh. Tha An Dubh is an Gorm aonaranach leis fhéin, agus mar as motha a thig am follais de sgeulachdan-goirid a bhios eadar-dhealaichte ris, ’sann as taitnich a bhios e tilleadh air ais thuige a rithist. Leugh thus e; tha e sgaiteach.

FIONNLAGH MACLEOID.

titleAn Dubh is an Gorm
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Fionnlagh MacLeòid in Gairm 44 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page