Iul A’ Chrìosdaidh
Seo “Iùl a’ Chrìosdaidh” air tighinn a-mach ás ùr, agus chan eil teagamh nach bi fàilte roimhe am Barraidh agus Uibhist, am Mùideart agus an Eige agus an Arasaig agus anns gach àite sa’ Ghàidhealtachd far am bheil luchd-leanmhainn an t-Sean Chreidimh a’ còmhnaidh. Is fada on a bha feum air, oir chaidh trì fichead bliadhna ’s a dhà seachad o ’n deachaidh e chlò-bhualadh (airson an t-seachdamh turas) ann an Aintigeanais; agus dh’ fhàs leabhraichean cràbhach Caitligeach ann an Gàidhlig car gann air a’ cheann mu dheireadh.
[436]Tha an clò-bhualadh seo air a leasachadh ’s air a mheudachadh: tha a nis 463 duilleagan ann an àite 372. Tha a nis Litrichean agus Soisgeulan nan Dòmhnach ’s nan Làithean Féille àraid air an cur ris, agus a nis nì e feum mar leabhar Aifhrinn a bharrachd air Leabhar Urnaigh.
Bha obair gu leòr aig an fheadhainn a bha timcheall air a’ ghnothach seo, gun teagamh, agus tha sinn fada ’nan comain. Tha an leabhar air a dheasachadh gu cùramach agus is glé bheag do mhearachdan bualaidh a gheibhear ann. Bu chòir “N. Alphonsus Liguori” a bhith ann an àite “Ligouri” (taobh v, 235), agus “Aonamh” an àite “Aonaibh” (taobh 430, 446).
’Se an aon rud a tha dhìth air an leabhar seo, ann am bharail fhéin, nach eil an Urnaigh ri Naomh Calum Chille, (a tha ann an “Lòchran an Anma” ), no an Aifhreann aige, ann. Is olc an airigh sin, o’s e gràdh agus miadh air Naomh Calum Chille rud anns am bheil Caitligich agus Pròstanaich na Gàidhealtachd ag aontachadh ri chéile. Tha mi an dòchas gum faighear ann iad ma théid clò-bhualadh eile a dheanamh uair sam bith.
FEAR CHANAIDH.
title | Iul a’ Chrìosdaidh |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Fear Chanaidh in Gairm 44 %p |
notes | Fear Chanaidh = Iain Latharna Caimbeul |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |