A Bheil Airgead A Dhith Ort?
Le CEITEIRIN NICMHATHAIN
(Iomradh air ceud dòigh air am faodadh na Gaidheil beagan a bharrachd a chur san sporan).
NIS bho thoiseach an t-saoghail bha e aithnichte do mhac an duine gur ann le eòlas is le theòmachd fhéin a bhitheadh e beò, agus gur ann mar as motha a dheanadh e air a shon fhéin leis na rudan a chuir nàdur ri làimh gur ann as socraiche a bheatha dha fhéin is d’ a theaghlach.
Mar a bha eòlas a’ fàs is daoine ag imeachd bho dhùthaich gu dùthaich air muir is air tìr bha aithne air reic is ceannach a’dol am meud agus luach ga chur air nithean a bha ùr agus annasach. Bha e fìor sna làithean sin mar a tha e san latha diugh gu bheil daoine buailteach a bhith a’ cur dìmeas air na rudan a tha timcheall orra is a bu dual dhaibh a bhith ris. Nach eil sin fìor mu’n Ghaidhealtachd nar latha fhéin. Bho chionn beagan bhliadhnachan air ais bha fir is mnathan a’ deanamh cha mhór na h-uile dad air an robh feum aca. Mar a bha an seanfhacal ag radhainn“ ’Se ’n airc ni innleachd.”
Ach leis gach adhartas a thàinig bho ghinealach gu ginealach is leis gach innleachd a chaidh a dhealbhadh a dh’ fhàg daoine na bu bheartaiche, bha e a’ fàs na b’ fhasa móran a cheannach a bha iad a’ deanamh dhaibh fhéin roimhe sin. Dh’ fhaodadh nach maireadh na rudan sin cho fada ach cha robh an dragh ann a bhith gan dèanamh. Beag air bheag, matà, chaidh móran de na comasan a bh’ aig daoine a dhìth, ach a-mhàin mar a chùm fear an sud is an so ris a’ cheàird aige fhéin.
An déidh a’ chogaidh bho dheireadh thàinig atharrachadh mór air a’ Ghaidhealtachd. Thainig solus an dealain is uisge do na tighean agus thàinig an luchd-turuis agus tha an luchd-tadhail a’ fàs nas lìonmhoire gach bliadhna. Tha iad a’ tighinn nas tràithe agus a’
fuireach nas fhaide. Tha na làithean saora a’ còrdadh riutha agus is gann aon aca nach eil ag iarraidh cuimhneachan a bheir iad air ais leotha, a bheir na seallaidhean àlainn is àileadh cùbhraidh nam beann is beusan an t-sluaigh leis an robh iad a’ comhnaidh air ais ’nan cuimhne feadh dùbhlachd dubh a’ gheamhraidh.
’Se samhladh Gaidhealach air choreigin, ma tha e ri fhaighinn, as docha leotha, ach nach mór am briste-dùil dhaibh nuair a bheir iad sùil air is a chì iad gu robh e dèanta ann an Japan, Czechoslovakia no Sasunn; agus cha ghabh e àicheadh nach eil anns na samhlaidhean sin ach rudan beaga suarach, ged a tha an deagh phrìs ga chur orra. Chan eil fhios agam carson a tha sinne a’ gabhail ris a leithid á tìrean céine a tha dèanamh cuis-mhagaidh de ghnìomhachas is ealantachd nan Gaidheal. Cuireamaid cùl ris an treallaich sin agus seallamaid do ’n t-saoghal gun teid againn fhéin air rudan nas fheàrr a dhèanamh, agus ma nì sinn sin bu mhath an sgillinn a chuireadh e nar sporan.
Bu chaomh leam beachdachadh an toiseach air móran a tha ri làimh de nithean tlachdmhor a dh’ fhaodamaid a reic ris na coigrich agus sin gu ar deagh bhuannachd.
[dealbh]
Bha a’ mhuir is am fearann ’nam bonn-stéidh do bheatha nan Gaidheal agus is mór an t-ionmhas iad. Gabhaidh mi a’ mhuir an toiseach ach fàgaidh mi an t-iasg aig an iasgair mar a dhuais. Ach, ma tha sibh ris an iasgach is ma tha na h-adagan ro phailt, nach math a dh’ fhaodadh sibh feuchainn ris na tha a bharrachd a smogadh mar a tha croitear is aithne dhomh a’ dèanamh agus is math a tha sin a’ cur ris. Tha bothan beag aige airson sin agus tha an deagh reic aige anns na tighean-òsda airson a shaothrach. Tha sgadan ann am fìon-geur math cuideachd. Is e rud iongantach a th’ ann ma their sibh ris na coigrich gun d’ fhuaras is gun do dheasaicheadh am biadh a tha sibh a’ cur air am beulaibh anns an àite sin fhéin, tha iad a’ mionnan nach do bhlais iad biadh nas càilmhoire.
Bithidh freagairt aig na“psychologists”air a’ chùis so tha mi cinnteach!
Tha beathach anns a’ mhuir a tha a’ dèanamh cron is milleadh air na lìn, ’s thatar ag ràdh gum feumar an cumail sìos. Is e sin an Ròn. Thubhairt bean-uasal rium bho chionn ghoirid gum pàidheadh i cha mhór rud sam bith air bian ròin. Tha a leithid de iarrtas air airson aodach a dheanamh dheth; ’se àird an fhasain a th’ ann an diugh ad de chraiceann ròin a bhith oirbh agus, mar a tha fios agaibh, tha e nas fheàrr a bhith dhìth a’ chinn na bhith dhìth an fhasain. Seall ri Kruschev ’s na buidheannan a tha tighinn á Ruisia. ’S leis an aimsir a th’ againne a nis ’se fasanan Siberia a fhreagradh oirnn co-dhiù! Chan eil agaibh ach sealltainn as na bùthan móra an Lunnainn, an Dun Eideann is an Glaschu, an luach a tha air a’ cheann-aodach so.
Chan e sin uile; ma bheir sibh còta a’ bhodaich ás a chéile is a leithid cheudna a ghearradh á bian ròin reiceadh e air móran a bharrachd air prìs deis ùir.
Tha féill mhór air briogaisean goirid de ’n bhian so airson streap nam beann agus airson rudan eile mar a tha“moccassins. ”Mar eil fios agaibh ciamar ghabhas leithid na rudan sin a dhèanamh tha fiosrachadh—mar a their iad ris“Do it Yourself Kit”—air a thairgsinn anns na paipearan naidheachd a h-uile seachdain.
Pàidhidh sluagh cóig notaichean is còrr air poca-làimh de bhian ròin agus gheibhear móran rudan beaga ás na pìosan a th’ air fhàgail—mar sporanan, culaidhean leabhraichean is a leithid.
Bha am boireannach a bha lorg na craicinn ag innseadh dhomh gum bi i dol a bhàn gu Lunnainn a dh’ fhaicinn dé as motha a tha ga cheannach anns na plastics. Tha i gan ceannach ’s gan toir air ais chun a’ bhuidheann chroitearan a tha ag obair còmhla rithe. Tha iad gan toir ás a chéile ’s gan deanamh suas ann am bian. ’S neo-ar-thaing nach eil margadh orra! Tha ròn a’ toirt ’nam chuimhne Clann MhicChodruim ’s mar a thubhairt am Bàrd MacCodruim “spréidh air mòintich, òr air cladach.”
Tha an t-òr ann ach chan ann air a’ chladach is cha bhì gus an dean an Riaghaltas rudeigin ma chosgais nam faraidhean dhaibhsan a tha bristeadh an druim ris na faochagan.
Tha trì-chairteal do ’n phrothaid a’ dol ann am faraidhean ’s do na daoine a tha gan reic ann an Lunnainn. Nam biodh am maorach, gu h-àraidh coilleagan is muirsgianan, air an cur ann an croganan gloine an déidh am bruich, le fìon-geur air a chur orra, tha móran
bhùthnan air feadh na Gaidhealtachd a tha deònach an reic is bhiodh a dhà uiread prothaid againn fhéin.
Neo, chan eil dad a’ cur éis oirbh an reic bho na tighean agaibh fhéin mar a tha móran chroitearan a’ dèanamh le uighean ’s a leithid. ’S tha airgead anns na sligean cuideachd. Chan aithne dhòmhsa balach no caileag nach eil toilichte gu leòr greiseag a chur seachad san fheasgar a’ deanamh bhàtaichean, beathaichean no cailleachan bho shligean. ’S le beagan peant is “varnish” ni iad cuimhneachanan glé thlachdmhor airson an luchd-turais. Tha leabhraichean gu leòr ri fhaighinn a dh’ innseas a h-uile càil mar ghabhas rudan mar sin a dhèanamh le sligean.
’S na h-àitean a tha gun sligean ’s gun gainmheach ach gun dad ach clachan? Na bithibh fo imcheist, chan eil agaibh ach a dhol air tòir nan clachan as briagha. ’S ged nach eil sibh sgileil le bhur corragan, le innleachd air oibreachadh le cumhachd an dealain cha bhi sibh fada a’ cur loinn briagha orra le sanas beag sgrìobhte orra an Gàidhlig, is bheir an luchd-turais dhachaidh iad airson cul-taic leabhraichean, cudthrom a chumail air paipearan, neo soithichean beaga airson smùr a’ smogaidh.
’Se cleachdadh a ni teòmachd agus mar as motha a bheachdaicheas sibh air a’ chuspair buailidh feuman eile a-stigh nar n-inntinn. Dh’ fheumadh sibh ceàird ionnsachadh gu bràisdean is fàinneachan de chlachan a dhèanamh, ach, ma tha sibh deònach tha àitean ann far am bheil iad a’ teagaisg mar bu chòir dol ris a so.
Bho chlachan gu fiodh. Thadhail mi bho chionn ghoirid air duine a bha cur seachad an t-sìde san fheasgar a’ snaidheadh fiodh. ’Se suaicheantais nam fineachan a bu mhotha bha e snaidheadh. Bha am fiodh a’ cosg ma lethchrun ’s bha e gan reic air a dha gu trì notaichean. Fhuair mi tiodhlac aig àm na Nollaige—bodach air a dhèanamh de dh’fhiodh. ’Se bha snasail. ’Se ban-Léodhusach a chuir thugam e á Canada is b’ e Innseanach a rinn e. Thubhairt mo bhanacharaid“ ’S bochd nach feuchadh na fir aig an tigh a làmh ris an obair so.” Is iad a gheibheadh an toileachas is tuarasdal air a shon. Nis, dé ma bhàtaichean beaga á fiodh a chumadh lampaichean. Tha mi cinnteach gur iomadh bàta beag a rinn sibh nur n-òige. Is tha móran de rudan eile a ghabhadh dèanamh mar bùird-arain, bùird-caise, toast -racks,cul-taic do leabhraichean is a leithid. ’S nan gearradh sibh ainm a’
bhaile agaibh fhéin san fhiodh neo-ar-thaing nach reiceadh sibh iad, agus sin air prìs mhath.
’S iomadh cìobair is geamair a ni cromag dha fhéin agus ’s iomadh coigreach a cheannaicheadh cromag nan deanadh iad feadhainn a bharrachd de adharc reithe mar chromag.
Chan eil an luchd-turais gan iarraidh ach airson coiseachd. ’S tha iad toilichte gu leòr le cromag sam bith. Gu dearbh, ’s iomadh cromag air bheag cumaidh air am faca mi iad a’ pàidheadh airgead math.
Bha mi a’ faighneachd do dh’ fhear aig a bheil bùth air taobh an iar siorrachd Rois dé na rudan air an robh an t-iarrtas as motha. ’Se thubhairt e gu robh air bascaidean air an dèanamh de sheileach. Chan urrainn dha leth gu leòr fhaighinn. Nis, bha na daoine timcheall eòlach gu leòr air a bhith a’ dèanamh cléibh mhòine ach cha do smaoinich iad riamh gum faodadh iad bascaidean a dhèanamh a cheart cho math.
Tha mise fiosraichte nan rachadh iad riutha is cruth chliabh mhòine a chur orra le sanas ann am Beurla—“Genuine Highland Peat Creel Baskets ideal for Hill-walking, Picnicking or Shopping”—nach cumadh sibh suas ris an reic a gheibheadh iad orra.
Tha na féidh mar na ròin— ’nam plàigh dha na croitearan, ach chan eil closach eile as motha ghabhas cur gu feum. Bho’n ladhran gus an croisean, chan eil mìr nach eil luachmhor. Tha buidhnean de chroitearan ann an Siorrachd Rois a tha dearbhadh sin. Tha iad a’ ceannach an t-seiche bho ’n t-sealgair ’s ga chur air falbh gus am bi e air a thiormachadh is air a dheasachadh ceart. Ma tha eòlas agaibh fhéin air sin a dhèanamh cùmhnaidh e cóig tasdain deug thar fhichead dhuibh. Mas e craiceann math a thagh sibh bu chòir dhuibh dà phoca-làimh a reiceas ma chóig notaichean am fear fhaighinn ás. Is móran rudan eile mar còmhdach airson mapaichean, leabhraichean siubhail noguide books,cìrean, speuclairean is mar sin air adhart. Faodaidh an craiceann bhith rùisgte neo leis a’ bhian.
Bheir feadhainn lethchrun is còrr airson gach fiacail gu deanamh suas nan làmh-fhailean is faireagan is fir-thàileasg. Is airson na cabair chan eil agaibh ach coimhead anns na bùthan is chì sibh gach feum a nithear dhiùbh—làmpaichean, sgionan, greimearan, spàinean, cuachan beaga is cearcaill serviettes, bràisdean is putanan.
Ach, ’se sgeul gu là a th’ ann na nithean a dh’ fhaodar a dheanamh á cabair féidh. ’S chan eil sinne ullamh leis an fhiadh fhathast. ’S
[Dealbh]
aithne dhomh duine ann an Inbhirnis a dh’ fhàs ainmeil air feadh Bhreatainn airson ealantachd ann a bhith a’ dèanamh chuileag iasgach a rinn e bho ghaoisidean fhiadh. ’S a’ bruidhinn air cuileagan-iasgach tha luchd nam bùthan ag ràdh gu bheil coigrich a’ farraid gu tric gu dé na cuileagan as freagarraiche air na lochan san àite. Ach, chan eil ri fhaighinn ach cuileagan a bh’ air an dèanamh mu dheas is tha iad sin gan reic deich sgillinnean gu seachd tasdain. Na canaibh riumsa nach eil an stuth an asgaidh ri ar làimh eadar coilich is tunnagan ’s a leithid. Is aithne dhomh te a tha a’ dèanamh an deagh bheòshlaint á cuileagan a tha i fhéin a’ deilbh.
Tha reic cuideachd air bràisdean air an dèanamh suas bho chuileagan bric is bradain. Is dé ma na caoraich . . . . Sgrìobh mi mar thà air mar a ghabhas na h-adhaircean cur gu feum. Tha fios agaibh fhéin air na brait ùrlair bhriagha a ni rùsg caorach air a dhathadh neo air fhàgail dìreach mar a thà iad. Tha mi cinnteach gun do leugh sibh ás a’ phaipear mu ’n teaghlach faisg air Glaschu a tha deanamh fìor mhath air seacaidean, adan is miotagan bho chraicionn caorach. Beachdaicheamaid air a sin an ath chaora mharbh a tha air a fàgail aig na feannagan.
Càite am bitheadh a’ Ghaidhealtachd mur b’e na boireannaich? Chan eil fhios agam fhéin. Ag obair bho mhoch gu dubh ’s nuair a shuidheas iad a thoirt fois do ’n casan tha na làmhan aca a’ dol gun sgur a’ fighe. Tha bùth anns an sgìre so a tha pàidheadh barrachd air mìle not sa’ bhliadhna do na mnathan timcheall. Tha aon bhean a’ dèanamh ceud not sa’ bhliadhna— ’s tha crodh aice, ’s tigh is teaghlach òg aice a tha air an cumail cho glan ris an òr. ’Se fìor corra thè sa’ Ghaidhealtachd nach eil ri fighe agus ’se so obair anns a faodar dùil ri buannachd mhóir.
Tha ski-eadh is streap bheanntan a’ fàs nas cumanta a h-uile latha. Tha na daoine sin air an sgeadachadh ann am bonaidean, peiteanan, crabhataichean, socais is miotagan air an dèanamh mar as trice an Lochlainn. Nach eil sin fhéin ’na dhùbhlan dhuinn? Nach seall na mnathan dha na fir mar bu chòir dhaibh dol an uidheam gu airgead a dhèanamh ann an dòigh a bheir riarachadh is toileachadh dhaibh. ’Se snàth tiugh nach toir fada ga fighe as feàrr, ’s tha gnìomhachas Ceilteach àlainn ri fhaighinn no pàtairein ás na h-Eileanan Eireannach. Tha fear Seoras Mac Ille Bhàin ainmeil a-measg daoine a tha gabhail diù ann an obair Ceilteach, ’s tha e ro dheònach na pàtairein aige a thoir seachad do dh’ fheadhainn a dhèanadh feum dhiubh. ’S dé mu na pàtairein a bh’ aig ar seanmhairean airson mullaich socais—na ròpan, cabar féidh, cnàimh sgadain is móran eile mar sin.
Tha mi cinnteach gum bi coigrich a’ smaoineachadh nach urrainn dhuinn obair-ghréis a dhèanamh ach na cluaranan. Tha gnìomhachas Ceilteach againne mar nach eil aig sluagh sam bith air an t-saoghal airson grinneas is maisealachd agus dathan air nach eil an coimeas an eireachdas. Ach, is gann gum faic sibh iad ach aig na Mòdan a-mhàin. Tha mi a’ gealltainn dhuibh ma thòisicheas sibh air an obair so nach bi sibh airson stad gan dèanamh air brat-sàsagan, cùl-chathraichean, brat-ùrlair ’s a leithid.
Chan eil sinne dèanamh leth gu leòr de bhiadh Gaidhealach nas motha. ’S tha eisimplearan gu leòr againne gu bheil iarrtas air a shon. Tha luchd-malairt ann a tha a’ cur sithionn, measan, maragan, taigeas is am biadh Gaidhealach a bh’ aig ar n-athraichean ann an canaichean agus is gann gur urrainn dhaibh cumail ris na h-òrduighean a tha iad a’ faighinn bho thall thairis.
Ach, gu dé tha sinne dèanamh? . . . . ’s dòcha gu bheil mar a tha mi fhéin a dèanamh an dràsda—a’ bruidhinn air na nithean a dh’ fhaodadh sinn a dhèanamh is ga fhàgail aig a sin. Dh’ fhaodadh na croitearan tuille measan is luibhean a chur is gruth is caise a dheanamh. Is tha móran lusan ann cuideachd a dh’ fhaodadh sinne a thiormachadh ’s a chur ann an croganan.
Tha fhios agam gu bheil lagh ann an àitean sa’ Ghaidhealtachd nach leig le croitear a’ mhòine a reic. Ann an àitean far nach eil an lagh sin cha bhiodh a dha no trì de dh’ fhàdan ann am PocaPolythenefada gan reic nan cuireadh tu seòladh ’nan cois ag radhainn— “Cuir seo air an teine Calluinn is bidh fortan math agaibh feadh na Bliadhn’ Uir.”
Cheannaicheadh luchd-turais cuideachd smùrach mòine air a dhèanamh suas ann am pocanann beaga mar sin airson planntais ’s cha biodh cosgais faraidh agaibh bhon bheireadh iad fhein air falbh iad.
Tha seilleanan a’ pàidheadh gu math cuideachd. Tha fraoch gu leòr timcheall agus tha daoine ann a thig mun cuairt a bheir comhairle dhuibh mu ’n deidhinn. Bha caraid dhomh a chaidh air làithean saora ann ancaravan ’s thug e leis crogan no dhà de mhil. Chur e na crogain air uinneag a’ charavan ás a rathad nuair a bha a bhean a’ deasachadh na suipearach. Mun robh fhios aige càite an robh e bha sreath charavanaichean eile feitheamh is gach aon a bha annta a’ tighinn far an robh e gu mil a cheannach.
Tha móran nithean eile air am faodadh croitearan airgead a thoir a-stigh. Ach tha mi a’ smaoineachadh gun d’ fhuair sibh gu leòr mar thà ach, theirinn so: —gur e an dòigh a b’ fheàrr an reic a dheanamh bho ’n tigh, oir iarraidh cuid as motha de na marsantan car mu ’n treasa cuid air an son fhéin. Tha Comunnan marsantachd ann a chuidicheas leibh air gu math nas lugha na sin. Rud eile, ma tha sibh airson tuille eòlais air mar a theid sibh ri cuid de na rudan air an dug mi iomradh, tha dòigh air sin fhaighinn cuideachd. Bheir an comunn ris an abrarScottish Country Industries Development Trustsin dhuibh. Bheir iad cuideachadh cuideachd is chì iad gum faigh sibh reic air na nì sibh. Dh’ fhaodadh sibh comhairle iarraidh bho ’nCounty Development Officer.Cuiridh Bòrd an Fhoghluim clasaichean feasgair air bonn ma tha grunnan ann a tha déidheil air ceàird ionnsachadh.
Is ma tha feum agaibh air iasad airgid airson tòiseachadh tha anHighland Fundtoilichte iasad airgid a thoirt seachad. Tha iad an déidh £24 ,000 a thoir seachad gu bhith a’ misneachadh chroitearan anns a leithid so a dh’ obair a dh’ fhaodas croitearan deanamh aig an tigh.
’S aithne dhomh fhéin buidheann reic ann an Obar Dheadhain a tha ’g iarraidh samhlaidhean Albanach sam bith gus an reic ris na bùthan móra mu dheas neo thall thairis. Tha an aon ghearan acasan ’s a th’ aig càch—nach urrainn dhaibh gach iarrtas a shàsachadh.
Thatar ag ràdh gur e farmad a ni treabhadh. B’ fheàrr gu robh e fìor sa’ Ghaidhealtachd ’s dh’ fhaodadh nach bitheadh na Gaidheil ’nan tàmh, a’ faicinn coigrich a’ tighinn a-stigh ’s a’ fàs beartach air ceàird na Gaidhealtachd. A bheil sinne dol a leigeil leis na Seapanaich ’s an leithid, suarachas is dìmeas a dheanamh de ’n dìleab luachmhor a dh’ fhàg ar n-athraichean mar urras againne.
(B’ ann air an réidio a thug Ceiteirin NicMhathain seachad an òraid so.)
title | A bheil Airgead a Dhìth ort? |
writers | Kay Matheson |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Ceiteirin NicMhathain in Gairm 44 %p |
parent text | Gairm 44 |