[376]

Ruban Dearg

Le NIGHEAN SGOILE

BHA Dòmhnall air falbh a dhobair amhadainn ud mar a bàbhaist. Chìr Màiri a falt dorch a bha atuiteamna thuinn air a mala, agus cheangail i ruban dearg uime airson a chumail ás a sùilean an uair a bhiodh i ag obair. “Ag obair,” ars ise, ’s i acoimhead a h-aodainn fhéin anns an sgàthan, “chan eil càil an so ach obair bho mhoch gu dubh, ’s chan eil fiù duine agam ris an còmhraidh mi bho chaidh Seonaidh don sgoil. Thàinig gruaim trom air a h-aodann, mar a thig air aodann leanabh nach fhaigh an rud tha e ag iarraidh. Thàinig gruaim cuideachd air an aodann anns an sgàthan.

Chaidh i suas an staidhre a dhiarraidh an aodaich shalaich. Be madainn Di-Luain a bhann, agusse an nigheadaireachd achiad rud air am biodh i atoirt làmh. Leig i leis abhùrn ruith, agus chrath i don mhìs bleideagan siabainn ás aphacaid mhóir a bhanns aphreas ri taobh abhùird. Thruisich i a mhuinichill agus dhfheuch i air.

Thug i leum aiste. Tharraing i a làmhan gu grad ás abhùrn. Cha mhór nach deacha a losgadh. Leig i ruith leis abhùrn fhuar, agus dhfheuch i a rithist. Cha robh an siabann ud math air na làmhan idir, ach a burrainn dhì-se a dhèanamh. Cha robh de dhairgead aca air a chur ma seach na cheannaicheadh inneal nighe mar a bhaig daoine eile. Ach cha robh diù dhì-se ann. Shuath i a làmhanna h-aparan brèagha dearg. Smaoinich i air an seòrsa apran a bhiodh air mnathan eile abhaile, feadhainn air an dèanamh de stuth bog buidhe, ’s a bha adùnadh bhon an amhaich sìos chun amheadhoin. Dhfheuch i don bhùrn a rithist, ’s thug i fruiseadh nach robh fann air léine uaine Dhòmhnaill.

Chroch i an t-aodach air an t-sreang a-muigh air cùl an taighe. Cha do leig i oirre gum faca i Ealasaid acoiseachd seachad. Bha i a nis adol gu an fhuilt a h-uile seachdain. Mhothaich Màiri gun robh deise ùr dhearg oirre. Thug i sùil air a deise ruadh fhéin, ’sann glé bhàn a bha i fàs. Cha burrainn dhi gun sùil eile a thoirt. Chunnaic i ceann donn Ealasaid adol a-mach á fàire. Chuir i suas a làmh gu a falt fhéin. “Ruban dearg,” ars ise, gu brònach.

Chaidh i steach, agus chuir i air am buntàta airson na dìnneir. Bha amhìos air lòn bùirn fhàgail air an làr, agus thiormaich i e! Cha burrainn dhith a chumail a-staigh na bfhaide: “Carson,” ars


[377] ise, “nach do ghabh Dòmhnall an cothrom ud airson barrachd airgid a dhèanamh, carson?”

Chaidh a h-inntinn air ais chun an latha ud o chionn mìos an uair a thàinig Dòmhnall dhachaidh agus a dhinnis e dhi aig an teine ás déidh na teaTha,” ars esan, “ceann na h-oibreach againn asgur air sgàth aois, agus chaidh an t-àite aige a thairgse dhòmh-sa.” Chuimhnich i air mar a bha lasair air tòiseachadhna cridhe aig na facail. “Ach,” arsa Dòmhnall, “cha do ghabh mi e, cha robh mi air a shon.” Chaidh an lasair ás. Cha dubhairt i càil ris. Bha e asmaoineachadh gum be e fhéin a bfheàrr fios. Achs cinnteach gun robh e afaicinn cho duilichs a bha e dhì-se, ’s cho furasda don fheadhainn aig an robh airgead.

Bha am buntàta agoil thairis air an teine. Fhuair i aphrais, agus theothaich i am brot a bha a chòrr bhon . Bhiodh gu leòr feòla ann don triùir aca. Shuidh Seonaidh aig abhòrd cho luaths a thàinig e, bha e airson falbh a chluiche cho luaths a burrainn dha. Dhfhalbh Dòmhnall mar a bàbhaist ás déidh a chupain .

Nigh i na soithichean agus ghlan i an tigh. Thug i steach an t-aodach. Shuidh i le leabhar aice air beulaibh an teine. Nam biodh Dòmhnall air an cothrom ud a ghabhail cha bhiodh ise an dràsd . . .

Thàinig am fuaim chun an doruis, agus leum Ealasaid a-steach, a h-anailna h-uchd. Bha brògan oibreach Màiri glé aosda acoimhead ri taobh brògan àrda gobach Ealasaid. Chrath Ealasaid a ceann cràiceach coileach agus thàinig na deòir. “Tha miars ise, “seachd mìle sgìth afaighinn rudan ùra, an t-inneal nighe ud, an carbaid ùr, an deise ùr so, agus canaidh Iain gu bheil a h-uile càil agam a dhiarras mi. Nam burrainn dhuinn an sonas a tha agaibhse a bhith againn . . . .”

Cha dubhairt Màiri smid, agus thiormaich Ealasaid na deòir le a h-aparan brèagha dearg. Bha tuar an airgid air a h-aodann.

Sheas Màiri air beulaibh an sgàthain. Smaoinich i air Ealasaid, agus ghabh i nàire airson nan smuaintean a bhaice mu Dhòmhnall troimhn latha. Bha e an còmhnaidh ceart. Chìr i a falt agus rinn i gàire. Rinn an t-aodann anns an sgàthan gàire cuideachd.

than so?” arsa Dòmhnall agus e atogail an ruid a bha laighena shlaod air an làr. Choimhead e ri Màiri, agus bha na deòirna sùilean, deòir an toileachais. Ged nach robh airgead aca, bha iomadh rud a bfheàrr. Chuir i a làmh suas gu a ceann. “ ’S sin mo ruban dearg,” ars ise.

titleRuban Dearg
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Gairm 44 %p

notesInclude Nighean Sgoile as the author?
parent textGairm 44
<< please select a word
<< please select a page