[86]

ANNA

Le RUAIRIDH MACGILLEATHAIN (Lunnainn)

RUGADH Anna aig Cnoc Màiri am Baile Ghlaschu anns abhliadhna 1903, ach mar a thuirt a seanfhacal“ ’S fhada a dhfhalbhas cas bheò.” Chunnaic agus dhfhalbh Anna tòrr den t-saoghal bhon uair sin. An diugh, chan aithnich duine air achòmhradh aice gu faca i Alba a riamh.

Shuath i ri iomadh rubha, agus bha i ri còmhnaidh ann am móran dhachaidhean a suds a so. Chuireadh i làmh ri gach seòrsa obair agus mar sin cha robh e duilich dhi a beòshlaint a dhèanamh an àite sam bith. Dhfhàs i suasna nighean eireachdail, aoidheil, thoilichte, agus bha e ri aithneachadh nach biodh i fada aig a h-athairs cha robh i ann a sin. Bha pailteas còmhraidh aice ri eòlaich no coigrich. ’Sann mar sin a laigh sùil Phàdraig oirre agus phòs e ina pàiste òg. Gu -fhortanach bha esan air fàs miannach air an dram mas robh ise air tighinn gu ìre, ’s dhfhàg sin cruadalachs caochlaideach an tigheadas bho phòs iad.

Be an teaghlach ochdnar chlann-nighean agus a chionns gun òladh Pàdraig a sgillinn nach fhac e bha aig Anna ri bhithg obair gus an lathan diugh. Ged a thà, chan eil creutair dha na ceudan a tha machs a-steach troimh gheatachan na factoraidh cho aoibheil rithe. Thàinig i steach madainn bho chionn ghoirids thug e gàire air na chuala i ag innse mar a dhfhiach Pàdraig an oidhche roimhe sin air fear a bha air an telebhisean. Bha an deoch air cho donas gun chuir e sgàthan an telena spealgan. Ged a tha Pàdraig duilich aig amannanse duine fialaidh a bhann dheth a riamh agus is lìonmhor caraidean ri cliathaich an fhir fhialaidh san tigh-òsda.

Se sin an fheadhainn a dhfhàg falamh e gu tric, ach ged a bhiodh e falamh gun ghliog bhiodh rann gaoil rudeigin mar so aige ri Anna:

Do ghàire, ghaoil, do lachanaich is deàlrachadh do ghnùis,
Is dfhiamh cho caomh a baite leams bu taitneach le mo shùil,
S cha leigeadh dfhaoilt air seachran mis bharr maire cha deach thù,
S bheirinn dhut gun aithreachas na cheadaicheadh mo mhaoin,

S bhiodh sìtheanan fo machalais tighinn dhachaidh go mo ghaol
. . . . . . . . . Stadadh an t-òran gaoil oir


[87] chuimhnicheadh e nach robh ena fhasan aig balaich Ealagro a bhith ceannach shìtheanan. Nan ceannaicheadh ghearradh iad na casan dhiubhs phaisgeadh iad na cinn aca ann am pìos pàipeir.

Chuireadh e sin a làmhanna phòcaid agus nuair nach fhaigheadh e bonn-a- sia unntase a thigeadh air aire rann dhan amhisg:

Chan abaich an t-òr a stòr amhisgeir,
Cha chruinnich, cha reòdh, cha bhòcs cha phisich;
An tasdan non gròt cha bhreòth non gini,
S cha mheirg an sgillinnnam phòcaid.

Chumadh e dol aseirm gun éigheadh an Greugach leis an robh an tigh risShuddah yer mouse,” agus airson na sìth a chumail laigheadh Pàdraig air a leabaidhs chaidleadh e, ach cha chaidleadh Anna oir bha i uaireigin air a bhithg obair ann an ospadal agus bhiodh e tighinn a-steachna h-inntinn le eagal gum buaileadh euslaint an dram e mar a chunnaic i e bualadh feadhainn anns an ospadal, agusse so a seòrsa bruaillein a bhiodh ga cumailna dùisg, air fonnMar a ben t-òl bhiodh còta math mu mo dhruim”:

Se euslaint an dram a thann don ghalar D. T.,
A bhuineas ri dcheann, cur càm nad shealladh gach ,
S bidh uallach gun stàth gu bràth nach tachairs nach ,
Mar bhruadar na h-oidhchgad chlaoidhs gad chumail fo chìs.

A réisde nach nàirseachd thoirt don an tigh-òsd,
S gun roghnaich an Sàtan an t-Sàbaid chaitheamh rig òl,
Is chithear amhnaoi mar ghloichd gun àille gun leòm
Ri tràghadh nam pinnt, ’s cha bhainnd a thig e don òigh.

An greiseag de bhon dràsd bidh esan le tùirs
Ag innse don phàisde mar bhà nuair ghabhadh e smùid,
Ri sabaid na taibhse mar shaoidh le alla na brùid,
S nuair chaidh iad an gréim rinn treun an tannasg achùis.

Gun athadh mar chù ri mùn air oisean na sràid,
Bhiodh goirteasnan coms e teann cur thairis le làn,
S bhiodh gòmadaich ghiar mar sgian ri gearradh an càil,
S ri sgeith na bha shìos a nìosnan slugan le cràidh.

An dachaidh gun dòighs cha mhór dhith ghlanadh bho thìm,
Brat-ùrlair an làir mar chlàr na muicanns an dìg;


[88]

Cha ruigeadh an stòr no lòn nom beartas air prìs
Na chaith iad ri òl, na gòraich bhiodh iad rig inns’.

Bhiodh ealbhannan dearg ri falbh air mullach nan spàrr,
Ri togail an cinns ri seinn mar chuthag na Màigh,
S cho abhsant ri danns mar chlanns acluich air an làr,
S le siubhal an fhéidh aleum mar choinean no geàrr.

Bha beagan gun chonn dhiubh diùltadh cuideachd na bfheàrr,
S ri glaodhaich ma leann gun bhonn, gun bhunait gun bhàrr,
S bhiodh buidheann dhiubh dùrs cho dùint ri buthaid le h-àl,
S cuid eile le sgiamhail iargalta guidhe dhut slàint.

Bhiodh anshocairs teinn orr’ ’s cuinges anfhois gun shìth,
S cha thuigeadh tun cainnts gach puing ga aithris a rìs,
S nuair ghabhadh iad rannsann gann a leanadh tu lìd,
S ged dhéibheadh tu cruaidhnan cluais cha chluinneadh iad bìog.

Gun charaid deagh-ghnìomh, gun fhial ach ainneamh bho chàch,
S eadar-da-lionn bho bhonn as caisbheart gu sgàil;
Bhiodh deirgead an fhìon toirt tiamhachd orras tiom-tàis,
Is siabhadh gun cliathaichs dìochuimhn’ ’s tubaist gach .

An tigh falamh is fàs, bhiodh iadsann dràsds a rìs
Ag éibheach riutBuail am fuath a tha air do làimh chlì,”
S nuair leumadh tun àird le spàirn is crithna do chrìdh,
Far nach robh cnàmh bha iadsan faicinn ann trì.

Ma bheir mi dhut àithnese fàgs leig seachad an seòrs’,
Oir cuiridh an dram do cheanns do chasan bho dhòigh;
Nuair dhiarras tu nall, a-null a thilleas do threòir,
Mar churach nan tonns a crann ri crathadh a seòl.

Nuair a bhios am port afàs ro fhada fàsaidh e searbh. ’S fheàrr a réisde sgur, agus bithidh gu leòr ag ràdh gu bheil sinn asmaoineachadh gun dfhuair Anna a roghainn ged a bha e ag òl cus. Chuala mi a bhith càineadh Gairm a chionn ’s gu bheil “fictions” ga chur ann, ach mas e fiction no faoineas a tha ann do dh’ Anna tha pailteas de seòrs’ air an astar so a-measg na Cipriots.

titleAnna
writersDerick Smith Thomson
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Ruairidh MacGilleathain in Gairm 45 %p

parent textGairm 45
<< please select a word
<< please select a page