AN “GOBBLE-DE-GOOK”AGUS AN DUBH-FHACAL
Le MAIRI, BEAN DHOMHNAILL MHICLEOID (Cunndainn).
BITEAR gu tric a’ cur air ministearan na Pàrlamaid an diugh, an uair a théid an ceasnachadh an Tigh nan Cumantan mu nithean a tha a’ cur dragh air an t-sluagh, nach e freagairtean sònraichte mar bu chòir gheibhear bhuapa, ach tuilleadh ’s a’ chòir de’n ghobble-de-gook, agus sin uile airson an ceann fhéin a thoirt á bàthadh. Bhathas cuideachd a’ cur air ar sinnsirean sa’ Ghaidhealtachd, gun robhas gu tric an urra ris an dubh-fhacal airson freagairtean dìonach deas a thoirt, a ghleidheadh na cinn aca fhéin tèaruint ann an iomadh-chas.
Is e angobble -de- gookmór-chòmhradh le ciall-neonaidheachd agus cluinnear gu tric e aig coinneamhan sa’ Phàrlamaid agus an iomadh àite eile. Is e tha anns an dubh-fhacal còmhradh-neonaidheachd le mór-chiall, agus an dràsda fhéin cha leig sinn a leas a dhol seachad air Arnoil, an Eilean Leódhuis, airson cunntas fhaighinn oirre.
Mu dheireadh an ochdamh linn deug thachair ampress - ganga thighinn a dh’ Arnoil an tòir air òganach aig nach robh idir dad mu ’n deidhinn, agus chaidh iad a dh’ ionnsaigh fear àraidh sa’ bhaile ach an stiùireadh e iad chuige. Thuirt am fear a bha so riutha gun stiùireadh gu dearbh, ach seach gum bu ghlice dhaibh an toiseach lorg a-mach an robh e stigh san tigh, gun deigheadh e fhéin an àirde chum na tobhta ach an toireadh e sùil troimh uinneag bheag an tughaidh. Rinn e sin, agus fhads a bha shùil ris an uinneig dh’éibh e steach “Bha thu air a’ mhòintich an diugh.” “Bha,” fhreagair esan a bha stigh. “Am faca tusa m’ eich-s’ agus t’ eich fhéin?” ars am fear bha air an tobhta.
“Chunnaic,” arsa an t-òganach is e toirt cruinn-leum mach air dorus an t-sabhail.
“Sud agaibh e nis,” ars am fear bha gu h-àird ris a’ phress-gang, “chan eil agaibh ach a dhol a-steach ’s a ghlacadh,” ach cha robh sgeul air an òganach.
Mu ’n aon àm bha dithis eile san àite ris an cante Ciàm á Baile ’n Loch, agus Dòmhnall na Croit á Arnoil. Chaidh an togail-san do ’n Arm còmhladh, ’s cha b’ ann dha ’n deòin, agus ann an dòchas gum faigheadh iad ás an Arm, rinn iad cùmhnant gun leigeadh iad orra le chéile gun robh iad gòrach. Rinn iad atharrais an amadain le baoth-shùgradh agus blumastaireachd cho seòlta is mu dheireadh gun do
Cha b’ fhada bha iad air an t-slighe nuair a chunnaic Ciàm aon de na buinn òir. “Seall” ars esan, is e togail buinn, “an t-òr.” “Is e” ars am fear eile, “Sad ás e.” Shad e ás e. An ceann ùine thuirt Ciàm a rithist, “Seall, òr eile.” “Is e,” arsa Dòmhnall na Croit, “ach nach duirt mi riut mar thà a shadadh ás, oir an là is òr dhuinn e is òr dhuinn e, ach an là is tràigh dhuinn e is tràigh dhuinn e.”
Bha iadsan a bha farchluais a nis cinnteach nach robh annta ach na dearg amadain, agus chuireadh dhachaidh iad air ball.
Tha an eachdraidh so air cunntas a chall air sliochd Chiàm, ma tha iad ann, ach tha fios gur e Dòmhnall na Croit sean sean-seanair Dhòmhnaill MhicLeòid á Steòrnabhagh, a tha an dùil fiachainn a-steach do ’n Phàrlamaid aig an ath thaghadh. Mas e ’s gum faigh e steach is e a’ cheist an e angobble -de- gooka thogas e an sin, no an toir e a-measg nan Sasunnach beagan de smioralachd an dubh-fhacail mar bu dual da.
title | An “Gobble-de-gook” agus an Dubh-fhacal |
writers | Mary MacLeod |
internal date | 1963.0 |
display date | 1963 |
publication date | 1963 |
level | |
reference template | Màiri NicLeòid in Gairm 45 %p |
parent text | Gairm 45 |