[143]

FAIRE UR A’ NOCHDADH

(Earann air a bheil dreach na h-oigefo iuil Cairistiona Dick)

An raithe so:—
(1) Bean-eiridnidh dhutchail, le Cairistiona NicDhomhnuill
(2) Fasanan Ura, le Diana
(3) Maise Gnuis, le Ealasaid Nic aRothaich
(4) Claran Gaidhlige, le L.D.
(5) Obair Beatha, le Aonghas Iain MacDhomhnuill

Bean-Eiridnidh Dhuthchail
Le CAIRISTIONA NICDHOMHNUILL

(Bean-eiridnidh dhùthchail ann an Ceann-a- Bhàigh, Uibhist-a- Tuath)

MUN tòisich mi ri bruidhinn air obair bean-eiridnidh air dùthaich, innsidh mi dhuibh an toiseach an cùrsa dhfheumas sibh a leantainn mun ruig sibh an inbhe so. Femaidh sibh Teisteanas gum bheil an Stàit agabhail ris gum bheil sibh ionnsaichte ann an eiridneachd choitcheann (Certificate of State Registration in General Nursing). Gheibh sibh an Teisteanas so ma chuireas sibh seachad trì bliadhna ann an Ospadal Ionnsachaidh agus gun teid sibh troimh Cheasnachadh a thair a cur mur coinneamh le Comhairle Eiridneachd Choitcheann.

Nuair a gheibh sibh an Teisteanas so bithidh na litricean S.R. N. ás déidh ur n-ainm. Faodaibh sibh a nis fuireach ag obair ann an


[144]

Ospadal no tuilleadh ionnsachaidh a dhèanamh agus sam bith thana beachd bhithna bean-eiridnidh dhùthchailse banas-glùine as feumaile dhi. Bheir an t-ionnsachadh so bliadhna ann an Ospadail Màthaireachdmar as trice ann an Glaschu, Dùn-Eideann na Obar-Dheadhain.

Tha abhliadhna so air a roinnna earrann de shia mìosan. Agus nuair a sibh so gu dòigheil gheibh sibh Teisteanas o Chomhairle nam Ban-ghlùine.

A nis feumaidh sibh trì mìosan a chur seachad ag ionnsachadh eiridnidheachd dhùthchail anns abhaile agus nuair a bhitheas so air ur cùlaibh bithidh sibh air ur gabhail air ‘The Queen’s Roll of Nurses’. Ma sibh an t-ionnsachadh so ann an Albainn feumaidh sibh bliadhna chur seachad anns an rìoghachd so nuair a bhitheas sibh deiseil, fo riaghladh an Queen’s Institute of District Nursing.

S mór an t-eadar-dhealachadh a thann a bhith ri obair dhùthchail seach obair ospadail.

Tha abhean-eiridnidh dhùthchail acoimhead ás deaghaidh luchd-tinneissean is òg, roimh-bhreith is deaghaidh-breith, banas-glùine, clann òga, sgoiltean, agus fallaineachd na h-inntinn.

Tha an obair tha so co-ionann a rèir seòrsa sgìre tha sibh afrithealadhco-dhiù tha i anns abhaile mhór no air an dùthaich. Ann am baile-obrach mar a tha Glaschu tha móran banas-glùine ri dheanamh ach chan eil cus dheth air an dùthaich idir far am bheil 70% dhe’n obair co-cheangailte ris an fheadhainn air am bheil tinneas leantalach no thair tighinn gu seann aois.

Nuair a tha sibh ri obair dhùthchail faodaidh sibh a ràdh gum bheil sibh nar ban-eiridnidh is aig an aon àm nach eil. Tha cus a bharrachd atighinn fo ur làimh nach toireadh sibh sùil air ann an Ospadal. Feumaidh sibh a bhith deiseil le ur làmhan gus sealltainn ri fighe is fuaigheal, saoirsneachd, inneal càr, còcaireachd is mar sin air adhart. Agus glé thric thig sibh dhachaidh fuar is acrach is gun ghréim deiseil romhaibh. Aig amannan eilesann dìreach nuair a


[145] bhitheas sibh adol a shuidhe aig ur biadh as dòcha fios cabhagach tighinn oirbh.

tha mi aciallachadh le bhith aràdh nach eil sibh nur ban-eiridnidh ann am beachd an fheadhainn a tha sibh afrithealadh? So mar a thuirt nighean bheag nuair a dhfhoighneachdadh dhith an còrdadh e rithe bhithna ban-eiridnidh dhùthchail,

Cha chòrdadh,” ars ise, “tha mi airson a bhithnam bhan-eiridnidh cheart!”

Chan eil an obair a tha sinne ris cho dealbhach ri obair ospadail far am bi na mnathan-eiridnidh cho briagha len aodach stalcanta geal. Tha h-uile deiseil rin làimh a tha obair-leigheas afeumachdainn. Chan ionann sin is sinne nach eil atachairt ri deisealachd ach ainneamh is pana-bhrochain againnna sterilizer.

Ach is math as fhiach a bhith ri obair dhùthchail. Anns an ospadal far am bheil iadnan cabhaig a lathas a dhoidhche tha e gu tric air a ràdha mun deidhinn gum bheil iad afrithealadh an tinneiss nach e an duine; gum bheil iad afrithealadh donchridhe fon uinneig’, nona h-àirnean anns an dara leapa on dorus’. Air dùthaich tha sibh afrithealadh airbean Thormaid AlasdairnoDòmhnall Dìchiollach’. Tha sibh adol chun an luchd-éiginnnan dachaidhean agus tha sin fhéin gan toirt nas fhaisge oirbh. Tha sinn afaicinn ar n-euslainnam feum, atighinn air adhart, aig fois agus a rithist slàn. Tha frithealadh nan seann daoine cuideachd làn-dìolach agus cha bu chòir a bhith ga mheas mar chosgais gun fheum. Bithidh sinn uile sean uaireigin ma bhitheas sinn beò fada gu leòr, agus ged nach toigh linn a bhith smaoineachadh air a sin, cha bu mhath linn bàsachadh òg.

Tha móran ùine ri chur seachad le peann is pàipear. Feumaidh sibh fios-mìosail a chur gu Oifis na siorrachd mun obair tha sibh adeanamh agus na h-uairean tha sibh acur a-stigh. Tha obair tighe ri dhèanamh cuideachd agus innealan-cùirt ri coimhead ás an déidh.

Tha an t-siorrachd atoirt dhuinn càr agus garaids agus tigh-còmhnaidh air àirneiseachadh gu comhartail. Tha sinn apàidheadh màl air an tigh ach tha an t-siorrachd acosg ris achàr.

Se obair thlachdmhor inntinneach a thann an eiridinn-dùthchail. Ri nighinn sam bith a tha asmuaineachadh air an obair so chanainn, “Gabh romhad”. Còrdaidh an obair riut agus is tric a bheachdaicheas tu air na làithean toilichte a chuireas tu seachad ag ionnsachadh. Tachraidh duilgheadasan riut gun teagamh ach cùm an sean-fhacal mud choinneamh:

Dèan mar a bu mhath leat a bhith air a dhèanamh riut’.

titleBean-eiridnidh dhuthchail
internal date1964.0
display date1964
publication date1964
level
reference template

Cairistiona NicDhòmhnuill in Gairm 46 %p

parent textFaire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page