Fasanan Ura
Le DIANA
’S BEAG a shaoil na bodaich a bhitheadh trang ag obair aig a’ bheairt a’ deanamh a’ chlò Hearaich gum bitheadh aobhar an saothrach, latha mór air choreigin, ri’m faicinn aig faidhir mhór an fhasain ann am Paris air a dheanamh ’na dhreas dhannsa, ach thachair sin am bliadhna. Bha dreasachan de na h-uile sèorsa air an deanamh le clò.
Tha leathar cuideachd air a rathad a dheanamh o chionn greis bho’n dùthaich do’n bhaile agus tha e nis air a chur do na h-uile seòrsa feum ann an aodach bhoireannach.
As t-earrach, bithidh an fheadhainn òg anns an dùthaich so fhéin agus ann an Sasuinn a’ caitheamh dreasachan clò le criosachan leathair, putanan leathair agus adaichean air an deanamh le stuth a tha a’ leigeil air gur e leathar a tha ann.
Tha na h-adaichean air cumadh druma bhig agus tha iad gan caitheamh air cùl an cinn. Chì sibh té aca air té de na h-igheanan anns an dealbh. Tha an seòrsa aide so a’ dol glé mhath leis an stoidhle anns am bheil an nighean so a’ cur a fuilt, caran fada agus e air a chìreadh sìos air gach taobh de a ceann.
Tha an nighean eile (an té air do làimh cheàrr) a’ caitheamh dreasa clò le siosacòt bog sueud (suede).
Cumaidh na brògan àrda leathair aice blàth i ann an lathaichean fuar an Earraich gus an tig an Samhradh oirnn a rithist—agus dòcha gum bi feum aice orra an uair sin fhéin!
Theid na stocainnean tiugha cloimhe le patrannan soilleir a chì sibh air an té eile, glé mhath le clò. Ma tha sibh math air fighe gheibhear patrannan nan stocainnean so anns na bùthannan.
Bheir sibh an aire gum bheil amhach ìosal an dreas aig té na h-aide a’ sealltainn dé a’ bhlous a th’ oirre.
Bheir sibh an aire cuideachd nach eil aodach nan nigheanan so ro theann orra. Tha so airson gum bi e soirbh dhaibh an “Shake” a dhannsa!
Tha brògan ìosal an deaghaidh nan sròinean biorach agus nan sàilean àrda biorach aca a chall le chéile. Bithidh na sròinean nas putaiche agus nas maoile agus na sàilean nas tighe as t-earrach.
title | Fasanan Ura |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Cairistiona NicDhòmhnuill in Gairm 46 %p |
parent text | Faire Ur a’ Nochdadh |