Maise Gnuis
Le EALASAID NIC A’ ROTHAICH
FAILE-CUBHRAIDH
MAR a gheall mi dhuibh anns an àireamh mu dheireadh tha mi a’dol a dh’innse dhuibh mu’n liuthad seòrsa Fàile-cùbhraidh tha ri’m faighinn. Nan sgrìobhainn na bheil ri radha mu’n dèidhinn lìonadh e Gairm air fad agus mar sin ’s fheàrr dhomh dìreach cumail ri mo ghealltanas an dràsda agus stiùradh a thoirt dhuibh ciamar a thaghas sibh am fear as freagarraiche oirbh fhéin. Uaireigin eile innsidh mi dhuibh mar a tha na Fàileachan-cùbhraidh air an dèanamh.
’S fhada o’n a bha an Nollaig ann a nis—is gann tha cuimhn’ againn oirre—ach ’s cinnteach gum bheil sibh is botuil bheag bhriagha is cnogain le àileadh cùbhraidh asda fhathast gun chosg. Tha móran riaghailtean ri’n leantainn nuair tha thu a’ feuchainn ris am Fàile-cùbhraidh tha sin a lorg a bhios gad chuartachadh aig a h-uile h-àm agus cuiridh mi sìos an so iad:
l. Tagh Fàile-cùbhraidh a mhaireas air a’ chraiceann. Nuair a bhitheas tu a’ ceannach Fàile-cùbhraidh, iarr air an té bhitheas gad fhrithealadh trì seòrsaichean a chur air do làimh—taobh a-stigh caol-an-dùirn as fheàrr—ach na tagh am fear a chòrdas riut anns a’ mhionaid idir. Fàg iad airson greis agus cuir cuairt
air a’ bhùtha, no cuir seachad ùine air dòigh air choreigin. An sin till agus tagh am fear as fheàrr leat nuair a fhuair e ùine air do chraiceann.
2. Feuch, mas urrainn dhut, gum bi an aon àileadh cùbhraidh anns na cungaidhean-maise agad air fad. Ma bhitheas dha no trì deifrichte ort ma dh’fhaoidte nach tig iad ri chéile agus cha bhi sin ro thlachdmhor.
3. Na cuir cus Fàile-cùbhraidh ort uair sam bith—dìreach na chuireas àileadh briagha dhiot. Chan eil dad ann as miosa na àileadh ro-làidir, air cho cùbhraidh is gum bi e. Cuir boinne beag air taobh a-stigh caol-an-dùirn agus cùl do chluasan agus an sin steallag no dhà de dh’Eau de Toilette (Tha so nas laige ’s nas saoire na am Fàile-cùbhraidh).
4. Na cuir Fàile-cùbhraidh air aodach uair sam bith no thig àileadh na fuarrachd ás agus tha e dualach cuideachd air làrach fhàgail air cuid a stuthan.
’Sann agad fhéin as fheàrr tha fios dé seòrsa Fàile-cùbhraidh a chòrdas riut ach so sanas no dhà airson do stiùradh.
Airson nigheanan grinn, bàn anns an fhalt ’se Fàile-cùbhraidh aotrom air a dhèanamh le flùraichean as freagarraiche. Dh’an fheadhainn air a bheil falt dorcha ’se Fàile-cùbhraidh trom flùrach as fheàrr agus airson falt donn-ruadh ’se fear làidir as freagarraiche le sanas beag de liomain ann. Ach chan e so rud as urrainn dhut a bhith glé chinnteach mu dheidhinn agus na cuireadh e iongnadh sam bith ort ma thaghas tu Fàile-cùbhraidh nach eil de’n t-seòrsa tha còir a bhith freagarrach air do shon. ’Se mo chomhairle dhut a dhol gu bùtha far am faigh thu cuideachadh le do thaghadh.
Anns an dealachadh, carson a tha sinn a’ cleachdadh Fàile-cùbhraidh co-dhiù? An do chrom thu riamh a dh’fheuchainn àileadh ròs briagha gus an tuigeadh tu gun robh thu air do mhealladh is gun àileadh idir ás. Uill tha mise dhe’n bheachd gum bheil nighean air an aon dòigh—air cho briagh’ is gum bi i cha bhi i idir cho tarraingeach mur a bi an diamhaireachd àraidh sin ga cuartachadh a thig o bhith cleachdadh Fàile-cùbhraidh tha freagarrach oirre fhéin gu sònraichte. Fanaidh am Fàile-cùbhraidh agad ann an rùm fada an deaghaidh dhuit fhéin falbh ás agus ’se sin a bhitheas gad chumail air chuimhne.
title | Maise Gnuis |
internal date | 1964.0 |
display date | 1964 |
publication date | 1964 |
level | |
reference template | Cairistiona NicDhòmhnuill in Gairm 46 %p |
parent text | Faire Ur a’ Nochdadh |